Edinburgh Local

Discover more about Gaelic in Edinburgh during World Gaelic Week | Faigh a-mach barrachd mun Ghàidhlig an Dùn Èideann rè Seachdain na Gàidhlig

The University of Edinburgh have updated its successful Gaelic in Edinburgh leaflet and will be distributing 12,000 copies across the city in conjunction with the inaugural World Gaelic Week (Seachdain na Gàidhlig), 21-27 March. Tha Oilthigh Dhùn Èideann air a’ bhileag shoirbheachail aige mu Ghàidhlig ann an Dùn Èideann ùrachadh agus thèid 12,000 lethbhreac a sgaoileadh air feadh a’ bhaile airson a’ chiad Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week)  riamh, air 21-27 Màrt.

Gaelic in Edinburgh leaflet

The newly updated leaflet, first produced in 2018, provides information on the history of Gaelic in Edinburgh and Gaelic place names in the city as well as serving as a directory of Gaelic activities and services. The booklet provides a resource for anyone wishing to experience some Gaelic in the city, including local residents and tourists, Gaelic speakers and those with none.

The leaflet was produced in collaboration with groups across the city, with individual groups and organisations all contributing their own information.

 

The leaflets will be available in a variety of locations across the city, including cafés, libraries, museums, and tourist information centres.

 

The production of this leaflet is part of the University of Edinburgh's commitment to Gaelic and is part of its Gaelic Language Plan 2019-2024. The leaflet was produced and renewed with support from Bòrd na Gàidhlig.

 

-- 

 

Tha a’ bhileag ùraichte, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 2018, a’ toirt seachad fiosrachadh mu eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus mu ainmean-àite Gàidhlig sa bhaile agus tha e cuideachd na clàr de ghnìomhan is sheirbheisean Gàidhlig. Tha an leabhran na ghoireas do dhuine sam bith a tha airson beagan Gàidhlig fhaighinn sa bhaile, a’ gabhail a-steach muinntir an àite agus luchd-turais, luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine gun Ghàidhlig.

 

Chaidh a’ bhileag ullachadh ann an co-obrachadh le buidhnean air feadh a’ bhaile, leis gach buidheann agus comann fa leth a’ cur an fhiosrachaidh aca fhèin ris.

 

Bidh na bileagan rim faighinn ann an grunn àiteachan air feadh a’ bhaile, a’ gabhail a-steach cafaidhean, leabharlannan, taighean-tasgaidh agus ionadan fiosrachaidh turasachd.

 

Chaidh a’ bhileag seo ullachadh mar thoradh air dealas Oilthigh Dhùn Èideann dhan Ghàidhlig agus tha i na pàirt den Phlana Ghàidhlig aige airson 2019-2024. Chaidh a’ bhileag fhoillseachadh agus ùrachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

 

World Gaelic Week