Riaghladh
Thèid Plana Gàidhlig an Oilthigh a lìbhrigeadh bho 2019-2024 agus bidh e air a chomasachadh le Oifigear Gàidhlig an Oilthigh, le taic agus stiùireadh bho Bhuidheann-obrach a’ Phlana Ghàidhlig (GLPWG).

Tha an GLPWG air a dhèanamh suas de riochdairean bho gach cuid taobhan acadaimigeach agus seirbheisean proifeiseanta an Oilthigh, agus tha riochdaire ann cuideachd bho Chomann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann.
Bidh an GLPWG, an uair sin, ag aithris air adhartas le lìbhrigeadh a’ Phlana Ghàidhlig dhan Chomataidh Uallach Sòisealta agus Seasmhachd gu leth-bhliadhnail, no mar a thèid iarraidh.
Tha Comataidh Uallach Sòisealta agus Seasmhachd na Comataidh comhairleachaidh aig Luchd-riaghlaidh an Oilthigh, a bhios a’ cur ri cruthachadh amasan ro-innleachdail an Oilthigh agus a’ cumail sùil mar a thèid am buileachadh agus lìbhrigeadh.
a' Bh-uas Bria Mason
Oifigear na Gàidhlig
- Oilthigh Dhùn Èideann
Contact details
- Work: 0131 650 2876
- Email: bria.mason@ed.ac.uk
Address
- Street
5 Forrest Hill
- City
- Dùn Èideann
- Post Code
- EH1 2QL
Availability
San oifis Dimàirt-Diardaoin