Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Earrann 1: Faicsinneachd

Nì an t-Oilthigh na leanas:

 

Bilingual sign outside Old College

Read this in English

a. nì sinn ath-sgrùdadh air mar a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig agus air dà-chànanas anns an aithne chorporra aige nuair a bhios an ath chothrom ann gus ath-bhranndachadh mòr a dhèanamh.

b. nì sinn ùrachadh air an tionndadh Gàidhlig de shuaicheantas an Oilthigh a rèir suaicheantais na Beurla agus bidh e fhathast ri fhaighinn mar phàirt de stiùireadh brannd agus suaicheantais an Oilthigh. Sgaoilidh an t-Oilthigh fios mun t-suaicheantais seo fad is farsaing am measg luchd-obrach agus brosnachaidh an t-Oilthigh iad a bhith ga chleachdadh.

c. nì sinn cinnteach gu bheil cothrom aig luchd-obrach cairtean-gnìomhachais dà-chànanach òrdachadh. Molaidh an t-Oilthigh seo mar dheagh chleachdadh do luchd-obrach stèidhichte ann an Ceiltis agus Eòlas na h-Alba, Conaltradh is Margaidheachd agus Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh, agus foillsichidh an t-Oilthigh an roghainn seo gu soilleir do luchd-obrach nuair a dh’òrdaicheas iad cairtean gnìomhachais.

d. brosnaichidh sinn luchd-obrach gus eàrr-sgrìobhadh puist-d agus teachdaireachdan a-mach às an oifis a chur air dòigh ann an cruth dà-chànanach, gu sònraichte ann an Ceiltis agus Eòlas na h-Alba, Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Conaltradh is Margaidheachd, Taigh Mhoireibh agus Buidheann-obrach a’ Phlana Ghàidhlig.

e. cuiridh sinn cruth dà-chànanach air an fho-loidhne carthannais a nithear gu fèin-obrachail.

f. bidh lèintean-t agus hùdaidhean Gàidhlig rim faighinn ann an Ionad an luchd-tadhail agus air-loidhne agus nì sinn deuchainn air bathar a bharrachd.

g. bidh a’ Ghàidhlig mar phàirt, mar às àbhaist, de na ceumnachaidhean leis an Iar-sheansalair a’ cleachdadh co-dhiù beagan abairtean fàilteachaidh sa Ghàidhlig, agus leis a’ chòisir ag ionnsachadh dà òran Ghàidhlig mar phàirt den repertoire aca, a’ dèanamh cinnteach gun tèid na h-òrain seo a ghabhail aig ceumnachaidhean Ceiltis is Eòlas na h-Alba agus Foghlaim.

h. cleachdaidh sinn Gàidhlig ann an cuid de na taisbeanaidhean le ìomhaigh àrd, a’ nochdadh spèis cho-ionann dhan Ghàidhlig agus dhan Bheurla, air stèidh ùr no ath-nuadhachaidh.

i. taisbeanaidh sinn soidhnichean deasg Gàidhlig aig cuid de na h-ionadan-fàilte, leis an amas àrdachadh a dhèanamh air an àireamh a tha air an taisbeanadh rè beatha a’ phlana seo.

j. thèid am Poileasaidh Soidhnichean Dà-chànanach a th’ aig an Oilthigh mar-thà fhilleadh a-steach do Phròtacal Soidhnichean Oilthigh Dhùn Èideann. Far a bheil liostaichean-dearbhaidh ann do luchd-obrach a tha a’ cruthachadh shoidhnichean ùra, thèid poileasaidhean co-cheangailte ri soidhnichean Gàidhlig a chur ann gus dèanamh cinnteach gun tèid dèiligeadh ri seo aig an ìre leasachaidh.