Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Ro-ràdh

Tha Oilthigh Dhùn Èideann na oilthigh cruinneil a tha freumhaichte gu làidir ann an Alba. Tha eachdraidh fhada agus chliùiteach againn a thaobh na Gàidhlig.

Ms Sarah Smith

Read this in English

Stèidhich sinn a’ chiad Cathair Ceiltis ann an Alba ann an 1882 agus, tro roinn Ceiltis is Eòlas na h-Alba againn, tha sinn an sàs gu mòr ann an rannsachadh agus cruthachadh poileasaidh a thaobh na Gàidhlig ann an Alba. Mar thoradh air an eachdraidh chatharra gun samhail againn, tha sinn ag aithneachadh nan dleastanasan a th’ oirnn a thaobh chànanan dùthchasach na h-Alba. Tha sinn airson cur ri beatha agus eòlas an fheadhainn aig a bheil Gàidhlig bho thùs no a tha ga h-ionnsachadh, cho math ris na h-oileanaich eile againn, le bhith a’ toirt chothroman dhaibh fear de na cànanan dùthchasach beò aig Alba a chleachdadh no gus pàirt a ghabhail innte rè an àm aca anns an Oilthigh againn.

Tha sinn den bheachd gu bheil a’ Ghàidhlig a’ cur ri coimhearsnachd an Oilthigh againn ann an dòigh air leth. Mar sin, chan eil am Plana Gàidhlig againn dìreach a’ cur an cèill na bhios an t-Oilthigh a’ cur ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, ach tha e a’ dol nas fhaide na am frèam-obrach laghail sin.

Tha sinn moiteil às an adhartas a rinn sinn bho chaidh a’ chiad phlana Ghàidhlig againn a dhèanamh. Tha stèidheachadh dreuchd mhaireannach mar Oifigear Gàidhlig anns an Oilthigh air cur gu mòr ris na cothroman a th’ aig luchd-obrach agus oileanaich a tha airson Gàidhlig a chleachdadh, no a tha airson ionnsachadh mu deidhinn, a bharrachd air a bhith a’ neartachadh a’ chàirdeis againn le coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus nas fhaide air falbh.

Tha stèidheachadh Seachdain na Gàidhlig an Dùn Èideann, a tha air fàs 50 uiread bho 2014, cuideachd air mothachadh a thogail mun Ghàidhlig anns a’ bhaile agus anns an Oilthigh. A bharrachd air sin, ’s e an ceum Gàidhlig is Foghlam Bun-sgoile againn, a chaidh a chruthachadh mar thoradh air a’ chiad phlana againn, a-nis an cùrsa trèanaidh as motha airson luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba.

Mar sin, bidh cur an gnìomh a’ phlana seo a’ togail air soirbheas a’ phlana mu dheireadh againn agus a’ coimhead ri bhith a’ neartachadh nan ceanglaichean agus nan dàimhean againn le coimhearsnachd na Gàidhlig san fharsaingeachd. Nì e sin le bhith a’ soilleireachadh làthaireachd na Gàidhlig anns an Oilthigh agus a’ mìneachadh mar a choileanas sinn na h-amasan againn gus ìomhaigh na Gàidhlig àrdachadh, agus cothroman a chruthachadh gus a cleachdadh, anns an Oilthigh agus ann an Mòr-sgìre Dhùn Èideann.

 

Sarah Smith Iar-sheansalair: Atharrachadh Ro-innleachdail agus Riaghladh; agus Rùnaire an Oilthigh