Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Earrann 4: Ruigsinneachd agus leasachadh

Nì an t-Oilthigh na leanas:

 

Students dancing at the Edinburgh Gaelic Festival Cèilidh 2019

Read this in English

a. cumaidh sinn oirnn a bhith a’ tairgse sheiminearan Gàidhlig agus a bhith gam brosnachadh taobh a-muigh an Oilthigh gus dèanamh cinnteach gum bi fios aig a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd mu na cothroman a dhol gu tachartasan mar seo.

b. bidh sinn a’ tabhann prògram bliadhnail de thachartasan ciùil is cultarail Gàidhlig do choimhearsnachd an Oilthigh agus dhan phoball, ag obair ann an com-pàirteachas far an gabh sin dèanamh.

c. brosnaichidh sinn rannsachadh mun Ghàidhlig tro thaic do roinn Ceiltis is Eòlas na h-Alba agus tro shreath cunbhalach de thachartasan gus rannsachadh a sgaoileadh, a’ gabhail a-steach sreath Seiminearan Rannsachaidh Dihaoine agus co-labhairt Rannsachadh na Gàidhlig an ath thuras a tha i gu bhith air a cumail leis an Oilthigh.

d. cuiridh sinn tachartas air adhart aig toiseach gach bliadhna, far an toir an t-Oifigear Gàidhlig fiosrachadh seachad mu chothroman Gàidhlig do na h-oileanaich, air a chur air dòigh le Ceiltis is Eòlas na h-Alba, Sgoil Foghlam is Spòrs Taigh Mhoireibh agus leis an Oifigear Gàidhlig.

e. cumaidh sinn taic ris, agus brosnaichidh sinn, na tasglannan Gàidhlig speisealach, a’ gabhail a-steach Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus Cruinneachadh MhicGilleMhìcheil-MhicBhatair. Thèid stòrasan a thoirt seachad gus tachartasan ruigsinn a leudachadh gus cleachdadh nan cruinneachaidhean seo a bhrosnachadh.

f. ùraichidh agus nì sinn ath-chlò-bhualadh den bhileig sanasachd ‘Gàidhlig anns an Oilthigh’ agus ‘Gàidhlig ann an Dùn Èideann’ mar a bhios iomchaidh fad beatha a’ phlana seo.

g. bheir sinn duais is aithne do dhaoine a chuireas a-steach obair anns a’ Ghàidhlig tro Dhuaisean Ceiltis Blackie.

h. stèidhichidh sinn Sgeama Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas.

i. bheir an t-Oilthigh brosnachadh agus taic do Chomann nan Oileanach gus am poileasaidh Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus le bhith a’ cruthachadh agus a’ cur an gnìomh a’ Phlana Gàidhlig a tha gu bhith aca.

j. leanaidh an dlùth dhàimh againn agus an co-obrachadh againn le Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann.

k. bidh sinn a’ co-obrachadh le Comann nan Oileanach, agus le buidhnean iomchaidh eile anns an Oilthigh, gus iomairt a ruith a tha a’ cur an aghaidh claon-sgeòil agus a’ brosnachadh mothachadh a thaobh cùisean nam mion-chànanan san Oilthigh.

l. leanaidh sinn oirnn a’ cumail taic ri Oifigear Gàidhlig an Oilthigh mar chathraiche air comataidh Seachdain na Gàidhlig (Edinburgh’s Gaelic Festival) agus gus dèanamh cinnteach gun lean soirbheas na Seachdain.

m. obraichidh sinn le luchd-ùidh na Gàidhlig ann am Baile Dhùn Èideann gus sgrùdadh a dhèanamh mu bhith a’ stèidheachadh co-ionad Gàidhlig faisg air no anns an Oilthigh gus taic a chumail ri cleachdadh na Gàidhlig anns an Oilthigh agus anns a’ bhaile.

n. leanaidh sinn oirnn le conaltradh leantainneach le buidhnean eile ann an Dùn Èideann a tha a’ cur phlanaichean Gàidhlig an gnìomh agus a’ comharrachadh tuilleadh chothroman airson obair com-pàirteachais far a bheil sin iomchaidh.

o. leanaidh sinn oirnn le bhith a’ conaltradh gu leantainneach, agus a’ cumail suas ar dàimhean dlùth, le buidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann gus dèanamh cinnteach gum bi brosnachadh agus obair ruigsinn èifeachdach ann mu na gnìomhachdan agus tachartasan Gàidhlig agus gus cothroman a shireadh airson obair com-pàirteachais.