Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Earrann 2: Cleachdadh na Gàidhlig san Oilthigh

Nì an t-Oilthigh na leanas:

 

Waulking group at the Edinburgh Gaelic Festival Cèilidh in 2019

Read this in English

a. freagraidh sinn sa Ghàidhlig, ma tha feum air freagairt, nuair a gheibh sinn litrichean sgrìobhte sa Ghàidhlig. Dh’fhaodte gun tèid conaltradh sgrìobhte a gheibhear sa Ghàidhlig a leughadh is eadar-theangachadh le eadar-theangair, agus nì an t-Oilthigh cinnteach gu bheil fios aig luchd-sgrìobhaidh mu dheidhinn seo le bhith a’ foillseachadh ceangal ri poileasaidh prìobhaideachd ann an àite sam bith sa bheil sinn ga shanasachd.

b. freagraidh sinn sa Ghàidhlig, ma gheibhear gearan sa Ghàidhlig. Bidh an clàr-ama airson freagairt sam bith den t-seòrsa sin a rèir nan clàran-ama àbhaisteach a tha air am foillseachadh ann an dòigh-obrach nan gearanan. Thèid seo a shanasachd gu soilleir air làrach-lìn nan gearanan. Dh’fhaodte gun tèid gearanan a gheibhear sa Ghàidhlig a leughadh is eadar-theangachadh le eadar-theangair, agus nì an t-Oilthigh cinnteach gu bheil fios aig luchd-gearain mu dheidhinn seo le bhith a’ foillseachadh ceangal gu poileasaidh prìobhaideachd ann an àite sam bith sa bheil sinn ga shanasachd.

c. obraichidh sinn leis a’ Phrògram Sàr-mhathais Seirbheis againn gus grunn phrìomh fhoirmean a dhealbhadh is a dhèanamh ann an cruth dà-chànanach stèidhichte air toradh sgrùdadh nam foirmean, a’ cur an cèill gu soilleir de na foirmean a bhios sinn a’ gabhail ris anns a’ Ghàidhlig. Bidh na foirmichean seo a’ nochdadh spèis cho-ionann dhan Ghàidhlig agus dhan Bheurla.

d. nì sinn cinnteach gum bi giullachairean-teacsa, dearbhairean-litreachaidh agus brabhsairean Gàidhlig rim faighinn air coimpiutairean an luchd-obrach agus nan oileanach. Thèid fiosrachadh a thoirt do dh’oileanaich mu IT Gàidhlig.

e. cuiridh sinn adhbhar-gnothaich air adhart airson a bhith a’ cur sgeama còmhnaidh Gàidhlig air bhonn airson oileanaich chlàraichte. Thèid am prògram seo a thoirt air adhart còmhla ris an sgeama còmhnaidh Cànan Soidhnidh Bhreatainn anns an Oilthigh.

f. leanaidh sinn air adhart leis a’ phoileasaidh gum faodar tràchdasan fo-cheumnach a chur a-steach airson measadh agus deuchainn anns a’ Ghàidhlig, le ùmhlachd do na cumhaichean a tha air am mìneachadh ann an Riaghailtean-measaidh an Oilthigh air Cùrsaichean air an Teagasg.

g. leanaidh sinn air adhart leis a’ phoileasaidh gum faodar tràchdasan iar-cheumnach a chur a-steach airson measadh agus deuchainn anns a’ Ghàidhlig, le ùmhlachd do na cumhachan a tha air am mìneachadh ann an Riaghailtean-measaidh Iar-cheumnach an Oilthigh airson Ceuman Rannsachaidh.

h. nì sinn oidhirp buidheann oideachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a chur air dòigh anns na cuspairean a leanas, a rèir solarachadh thaoitearan agus iarrtas nan oileanach: Sìobhaltachd nan Ceilteach 1A agus 1B, Eòlas na h-Alba 1A agus 1B agus a h-uile cùrsa ann am MA Foghlam, agus anns an MSc ann an Ionnsachadh is Teagasg Cruth-atharrachail.

i. Far a bheil taoitear aig a bheil Gàidhlig ri fhaighinn, nì sinn oidhirp Taoitear Pearsanta aig a bheil Gàidhlig, anns an Sgoil sa bheil an t-oileanach, a thoirt do dhuine sam bith a dh’iarras.

j. cruthaichidh sinn poileasaidhean Gàidhlig taobh a-staigh Ceiltis is Eòlas na h-Alba agus ann an Sgoil Foghlam is Spòrs Taigh Mhoireibh.

k. cruthaichidh sinn làraichean-lìn dà-chànanach airson roinn Ceiltis is Eòlas na h-Alba agus airson Sgoil Foghlam agus Spòrs Taigh Mhoireibh a bheir spèis cho-ionann dhan Ghàidhlig agus dhan Bheurla.

l. cumaidh sinn oirnn a bhith a’ dèanamh Duilleagan Fiosrachaidh Cuspair ann an Ceiltis is Eòlas na h-Alba agus Sgoil Foghlam is Spòrs Taigh Mhoireibh san dà-chànan.

m. nì sinn suirbhidh den luchd-obrach is de na h-oileanaich uile gus faighinn a-mach cia mheud dhiubh aig a bheil Gàidhlig.