Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Earrann 6: A’ lìbhrigeadh a’ Phlana Ghàidhlig

Nì an t-Oilthigh na leanas:

 

Alasdair Whyte at the National Gallery

Read this in English

a. sanasachadh fad is farsaing air a’ phlana Gàidhlig àrd-ìre seo am measg luchd-obrach agus oileanaich. Thèid plana gnìomhachaidh nas mionaidiche a chur an gnìomh agus thèid seo a chleachdadh leis an fheadhainn le dleastanasan nas motha agus nas sònraichte ann an cur an gnìomh a’ phlana.

b. glèidhidh sinn an dreuchd mar Oifigear Gàidhlig. Nì sinn rannsachadh air de na goireasan a bharrachd a tha a dhìth gus dèanamh cinnteach gun tèid am plana a lìbhrigeadh gu h-èifeachdach agus gabhaidh sinn ceuman iomchaidh mar thoradh air seo.

c. nì sinn cinnteach gun cùm an t-Oifigear Gàidhlig liosta de dh’eadar-theangairean ùghdarraichte as urrainn luchd-obrach an oilthigh cleachdadh.

d. bheir sinn dleastanas do neach-obrach HR gus dèiligeadh ri cùisean luchd-obrach ann am Plana Gàidhlig an Oilthigh. Thèid dèiligeadh ri riatanasan trèanaidh sam bith mar phàirt de chùrsaichean is bùithtean-obrach Trèanadh, Ionnsachadh is Leasachadh cunbhalach aig an Oilthigh.

e. nì sinn obair leasachaidh air na pròiseasan fastaidh is taghaidh againn gus aghaidh a chur air feumalachdan a’ Phlana Ghàidhlig

f. nì sinn sanasachd dhà-chànanach airson dreuchdan far a bheil Gàidhlig na sgil riatanach no na sgil a bhiodh na buannachd. Cruthachaidh Goireasan Daonna stiùireadh air mar as urrainn do luchd-obrach sanasachd dhà-chànanach a dhèanamh agus nì iad cinnteach gu bheil goireasan ann gus eadar-theangachadh a thoirt seachad.

g. ni sinn cinnteach gu bheil co-dhiù aon neach-labhairt Gàidhlig air pannalan agallaimh airson dreuchdan far a bheil sgilean Gàidhlig riatanach, a nì deuchainn air sgilean Gàidhlig nan tagraidhean mar phàirt den phròiseas taghaidh.