Earrann 3: Conaltradh
Nì an t-Oilthigh na leanas:
a. cruthaichidh sinn duilleag Ghàidhlig airson susbaint àrd-ìre air làrach-lìn an Oilthigh a bheir spèis cho-ionann dhan Ghàidhlig agus dhan Bheurla.
b. cleachdaidh sinn na foillseachaidhean againn taobh a-staigh na buidhne agus an làraich-lìn againn gus am Plana Gàidhlig a bhrosnachadh agus gus sanasachd a thoirt do dh’iomairtean agus gnìomhan Gàidhlig.
c. nì sinn cinnteach gum bi Ro-ràdh a’ Phrionnsabail dà-chànanach nuair a dh’fhoillsicheas sinn Lèirmheas Bliadhnail. Bidh Ro-innleachd 2030 an Oilthigh ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd. Thèid susbaint agus foillseachaidhean ad hoc eile fhoillseachadh gu dà-chànanach mar a bhios iomchaidh le Conaltradh agus Margaidheachd.
d. foillsichidh sinn co-dhiù ceithir fiosan naidheachd air cuspairean le ìomhaigh àrd gu dà-chànanach gach bliadhna.
e. leanaidh sinn oirnn le bhith a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta gus Gàidhlig a bhrosnachadh agus gus mothachadh mun Ghàidhlig àrdachadh air feadh an Oilthigh agus leis a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd.
f. cuiridh sinn eòlaichean aig a bheil Gàidhlig a tha deònach bruidhinn ris na meadhanan anns a’ Ghàidhlig ri liosta nan eòlaichean aig Conaltradh is Margaidheachd.
g. dealbhaichidh agus nì sinn soidhnichean vinyl so-ghiùlan gus susbaint dhà-chànanach a dhèanamh mu eachdraidh agus cudromachd na Gàidhlig anns an Oilthigh.
h. cuiridh sinn na geallaidhean uile againn a thaobh nam meadhan sa Ghàidhlig còmhla ann am plana conaltraidh Gàidhlig.