Cearcallan Còmhraidh
Tha na cearcallan còmhraidh Gàidhlig againn a’ tabhann chothroman neo-fhoirmeil do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig bho air feadh Dhùn Èideann agus an t-saoghail a thighinn còmhla agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh. Tha an cearcall còmhraidh cunbhalach againn Diardaoin fhathast ag obair air-loidhne, a’ cur fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig bho cho faisg ri Lìte, Liberton agus Leòdhas agus cho fada air falbh ri Melbourne, Toronto agus Buenos Aires.
Bidh an t-Oilthigh cuideachd a’ cumail cearcall còmhraidh Gàidhlig aghaidh ri aghaidh tron teirm ann an co-obrachadh le Capital Gaelic, a’ toirt àite coinneachaidh do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgìre agus a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.