Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Ainmean Gàidhlig ann an Dùn Èideann

Ged a tha cuid a’ cumail a-mach nach robh Gàidhlig riamh ga bruidhinn ann an Dùn Èideann, tha fianais bho ainmean-àite a’ sealltainn gu bheil ainmean-àite a thàinig às a’ Ghàidhlig air feadh Dhùn Èideann agus cuideachd deas agus ear air a’ bhaile.

Tha eisimpleirean de dh'ainmean-àite Gàidhlig ann an Dùn Èideann gu h-ìosal. 

 

Salisbury Crags

Ann an 1128, chaidh iomradh a thoirt air na Salisbury Crags ann an cùmhnant mar Craginmarf agus is cinnteach gun tàinig seo às a’ Ghàidhlig Creag nam Marbh.

Drumsheugh

Chaidh seo a chlàradh ann an 1507 mar Drumselch, bho Dhruim Seileach.

Balerno

Chaidh Balerno a chlàradh ann an 1283 mar Balernauch, agus tha e coltach gun tàinig seo às a’ Ghàidhlig Am Baile Àirneach, a tha a’ ciallachadh sloe tree farm.

Craigentinny

Tha e coltach gu bheil seo a’ tighinn à Creag an t-Sionnaich.

Craigmillar

Chaidh seo a chlàradh mar Cragmilor ann an 1124. Tha e coltach gur ann à Creag Maol Àirde a thàinig seo. An-diugh, gu tric, ’s e Creag a’ Mhuilleir a chanas daoine ris sa Ghàidhlig.

Inverleith

Tha seo a’ tighinn à Inbhir Lìte.

Torduff agus Torphin Hill

Tha ainmean nan tòrran seo, a tha faisg air Curraich (Currie) a’ tighinn bhon Ghàidhlig An Tòrr Dubh agus An Tòrr Fionn.