Dùn Èideann nan Gàidheal
Ann am bileag Dùn Èideann nan Gàidheal, tha fiosrachadh mu eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann cho math ri fios mu bhuidhnean Gàidhlig sa bhaile.
Tha Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhileag seo a leasachadh is a sgaoileadh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus ann an co-obrachadh le Iomairt Dhùn Èideann agus iomadh buidheann eile ann an Dùn Èideann. Tha a' bhileag ri fhaighinn mar PDF gu h-ìosal.
Ro-ràdh
Tha Dùn Èideann ainmeil mar bhaile àlainn làn chultar. Am measg a’ bheartais seo, tha e doirbh aig amannan tachartasan agus seirbheisean Gàidhlig a lorg. Tha a’ bhileag seo ag amas air am fiosrachadh seo a chur ann an aon àite.
Eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann
Ro-ràdh do dh'eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, bho Rìoghachd Ghàidhlig na h-Alba gus an latha an-diugh.
Ainmean Gàidhlig ann an Dùn Èideann
Ged a tha cuid a’ cumail a-mach nach robh Gàidhlig riamh ga bruidhinn ann an Dùn Èideann, tha fianais bho ainmean-àite a’ sealltainn gu bheil ainmean-àite a thàinig às a’ Ghàidhlig air feadh Dhùn Èideann agus cuideachd deas agus ear air a’ bhaile.
Buidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann A-C
Fiosrachadh mu bhuidhnean Gàidhlig ann an is mu thimcheall Dhùn Èideann A-C.
Buidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann C-E
Fiosrachadh mu bhuidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann C-E.
Buidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann I-T
Fiosrachadh mu bhuidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann I-T.
Bileag Dùn Èideann nan Gàidheal
Tha fiosrachadh mu eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann anns a' bhileig seo, cho math ri fios mu bhuidhnean Gàidhlig sa bhaile.