Airson Ar n-Oileanaich
'S urrainn do dh'oileanaich an Oilthigh a bhith an sàs ann an Duais Dhùn Èideann (Gàidhlig) agus Sgeama Taic-airgid na Gàidhlig ma tha iad ag iarraidh taic agus cothrom airson na sgilean aca a leasachadh fhad 's a bhrosnachas iad a' Ghàidhlig.
Duais Ghàidhlig Dhùn Èideann

Tha Duais Dhùn Èideann a’ toirt cothrom do dh’oileanaich an sgilean a leasachadh fhad ’s a tha iad ag obair gus Gàidhlig a bhrosnachadh aig an Oilthigh agus anns a’ bhaile. Cuiridh e taic ri oileanaich gus barrachd luach fhaighinn às na gnìomhan seo agus aire fhaighinn airson an cuid obrach.
Sgeama Taic-airgid Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann

Tha Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt taic-airgid seachad tron sgeama seo gus taic a thoirt do dh’oileanaich an Oilthigh a tha airson amasan Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2019-24 a choileanadh.