Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Pasganan Cànain

Stiùireadh gus pasganan cànan na Gàidhlig a luachadh a-nuas is a stàladh air Office 365 agus CPan an Oilthigh.

Tha Plana Foghlam Office 365 aig an Oilthigh a tha a' ciallachadh gu bheil Office 365 "saor an asgaidh" dha na h-oileanaich is luchd-obrach an Oilthigh. Faodar fios a bharrachd air bathar-bog Microsoft Office ri fhaighinn air an làrach-lìn aig Information Services (IS). 

Microsoft Office aig Oilthigh Dhùn Èideann 

Ciamar a chuireas ris is a dh'atharraicheas eadar pasganan cànain air a' choimpiutair 

Lean na ceumannan gu h-ìosal gus pasgan cànain a chur ris a' choimpiutair agad is gus atharrachadh eadar pasganan cànain. 

  1. Fosgail Settings
  2. Rach gu Time & Language > Add a Language
  3. Lorg is tagh Gàidhlig anns an liosta
  4. Dèan cinnteach gu bheil 'Install Language Pack' air a thaghadh 
  5. Tagh Install 

Bu chòir dha a bhith ìomhaigh cànain anns a' bhàr-inneil aig bonn do sgàilean air a tha "ENG" dhan Bheurla is "GLA" dhan Ghàidhlig. Briog air an ìomhaigh gus atharrachadh eadar na cànanan. 

 

Ciamar a chuireas ris an dearbhair-litreachaidh Ghàidhlig air CPan an Oilthigh

Lean na ceumannan gu h-ìosal gus dearbhair-litreachaidh Gàidhlig a chur ri CPan an Oilthigh. 

  1. Lorg Software Centre anns a' bhàr-sgrùdaidh
  2. Lorg 'multilanguage' anns a' bhocsa-sgrùdaidh aig mullach a' bhocsa
  3. Tagh 'Microsoft Office Multilanguage Proofing Kit 2016'. Tagh is briog Install (faodaidh tu ath-thòiseachadh a dhèanamh air a' choimpiutair) 
  4. Fosgail Microsoft Word
  5. Anns a' bhàr-inneil, rach gu Review > Language > Set Proofing Language 
  6. Tagh Scottish Gaelic (United Kingdom) 

Nì Microsoft Office ceartachaidhean air an teacsa agad a-nis. Tha seo ri fhaighinn air bathar-bog Microsoft Office air fad, a' gabhail a-steach Outlook. Tha an dearbhair-litreachaidh Gàidhlig air Microsoft math airson litreachadh ach bithibh mothachail nach dèan e ceartachaidhean air gràmar an-còmhnaidh. 

 

Ciamar a chleachdas an dearbhair-litreachaidh Gàidhlig anns a' bhrabhsair

Lean na ceumannan gu h-ìosal gus dearbhair-lìtreachaidh Gàidhlig a chleachdadh anns a' bhrabhsair seach anns an app. An tòiseach, log a-steach gu Office 365 air loidhne. 

Log a-steach gu Office 365 

  1. Fosgail sgrìobhan Microsoft Word anns a' bhrabhsair 
  2. Rach gu Review 
  3. Fosgail clàr Editor (ìomhaigh pinn)
  4. Set Proofing Language > Scottish Gaelic 

 

Pasganan Cànain air Office dha Mac

Tha dearbhair-litreachaidh air stàladh air Office dha Mac. Lean na ceumannan gu h-ìosal gus dearbhair-litreachaidh na Gàidhlig a chleachdadh. 

  1. Rach gu Tools > Language 
  2. Tagh Gàidhlig - Scottish Gaelic 

 

Cuir fios chun IS Helpline airson ceistean IT a bharrachd. 

Cuir fios chun IS Helpline