
Bidh na tachartasan a’ luaidh na Gàidhlig agus bidh iad fosgailte do gach duine, bho dhaoine a tha ùr dhan a’ Ghàidhlig dhan fheadhainn a tha glè eòlach air a’ chànain is a’ chultar.
Tha ceòl is òraidean litreachais am measg nan tachartasan saora a bhios a’ gabhail àite eadar Diardaoin 1 agus Didòmhnaich 4 An Gearran 2024.
Òraid Chuimhneachaidh
Bidh an Òraid Chuimhneachaidh a’ fosgladh na fèille agus bidh an òraidiche a’ toirt sùil air ciamar a tha cothroman agus adhartas air atharrachadh anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig thar nam bliadhnaichean.
Bidh an òraid air a lìbhrigeadh le Katie NicAonghais, stiùiriche dhen bhuidheann margaidheachd is conaltraidh Astar Media agus ball-bùird Chomunn na Gàidhlig, buidheann a tha a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba.
Comharrachadh na Gàidhlig
Bidh na tachartasan-iomaill a’ tòiseachadh le bùth-obrach sgrìobhaidh, air a lìbhrigeadh le sar-sheinneadair agus sgrìobhadair Gàidhlig, Gillebrìde Mac ’Ille Mhaoil, agus le Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig Oilthigh Dhùn Èideann, Màrtainn Mac an t-Saoir, air Dihaoine 2 An Gearran.
Air Disathairne, thèid tachartasan a chumail a comharrachadh beatha agus buaidh Dhonnchaidh Bhàin Mhic an t-Saoir, am bàrd cliùiteach a rinn an dàn ainmeil Moladh Beinn Dòbhrainn, a rugadh bho chionn 300 bliadhna.
Thèid òraid air obair a’ bhàird a lìbhrigeadh leis an Dr Anja Gunderloch, Òraidiche ann an Ceiltis aig an Oilthigh, agus an t-Ollamh Rob Dunbar, Cathraiche na Ceiltis. As dèidh nan òraidean, thèid cuairt coiseachd a chumail gus cuid dhe na làraich fhaicinn a tha co-cheangailte ris a’ bhàrd ann am prìomh bhaile na h-Alba.
A bharrachd air sin, bidh dà oidhche de cheòl is dannsadh ann, ann an co-obrachadh le buidhnean ealain ionadail, Bothan Dhùn Èideann agus Comunn Tìr nam Beann.
Bidh an sreath de thachartasan a’ crìochnachadh Didòmhnaich le seirbheis Ghàidhlig aig Eaglais nam Manach Liath, air a lìbhrigeadh le Ruairidh Iain MacLeòid.
Iain MacLeòid
Chaidh Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid a stèidheachadh ann an 2019, às dèidh dha Iain MacLeòid, seann-cheannard A’ Chomuinn Ghàidhealaich, bàsachadh.
À Leòdhas bho thùs, bha MacLeòid gu mòr an sàs anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, ag obair gus an cànan agus a chultar a bhrosnachadh.
Tha an sreath de thachartasan seo – air a chur air dòigh le Oilthigh Dhùn Èideann agus An Comunn Gàidhealach – a’ togail air obair MhicLeòid gus cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh anns a’ bhaile mhòr.