Eadar Diluain 20 agus Didòmhnaich 26 Gearran, bidh 26 tachartasan gan cumail airson Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann.
Gabhaidh na bàrr-phuingean a-steach coileanaidhean traidiseanta de bhàrdachd is ceòl, turasan coiseachd, seiseanan blas na Gàidhlig agus oidhche de sgeulachdan.
’S e co-obrachadh eadar an Oilthigh is Comhairle Baile Dhùn Èideann a th’ ann an Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann, a bhios a’ brosnachadh na Gàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba is nas fharsainge.
Bidh an t-sreath thachartasan bliadhnail ga chumail ann an co-bhonn le dàrna Seachdain na Gàidhlig, fèis eadar-nàiseanta leis an amas gus ceanglaichean a dhèanamh air feadh an t-saoghail is gus Gàidhlig a bhrosnachadh.
Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic do Sheachdain Gàidhlig Dhùn Èideann, agus e ag ath-neartachadh an dleastanas againn Gàidhlig fhàs ann am prìomh bhaile na h-Alba. ’S e amannan brosnachail a tha seo dhan Ghàidhlig ann an Dùn Èideann; tha sinn ag obair gu co-obrachail leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig am bliadhna gus an treas Plana Gàidhlig a sgrìobhadh, cuide ri ro-innleachd fad-ùine airson leasachadh an fhoghlaim tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile. Tha am pròiseact Capital Gaelic air a thoirt thugainn, còmhla ri buidhinn eile, cothrom gus faicsinneachd a’ chànain a thogail anns a’ bhaile.
Comhairliche Joan Griffiths
Cathair Sgioba Gàidhlig aig Comhairle Baile Dhùn Èideann
Tachartasan an Oilthighe
Bhiodh fàilte bhlàth ro dhaoine as ùire dhan Ghàidhlig pàirt a ghabhail ann an seiseanan cànan is cultar na Gàidhlig Diardaoin 23 Gearran.
Nas anmoiche san latha, bidh na sgrìobhadairean Robbie MacLeòid agus Rona Dòmhnallach cuide ris an Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig an Oilthigh, Màrtainn Mac an t-Saoir, gus bàrdachd a choileanadh is pàirt a ghabhail ann an còmhradh mu na turasan cruthachail aca fhèin le rosg Gàidhlig.
Air Dihaoine 24 Gearran, cumaidh Màrtainn oidhche de sgeulachdan dà-chànanach mar phàirt de oidhche club sgeulachdan Dhùn Èideann a bhios ga cumail gach mìos.
Tha mi air mo dhòigh glan gun urrainn dhomh taic a thoirt dhan fhèis agus daoine a thoirt còmhla gus cànan, ealain is cultar Gàidhlig a chomharrachadh. ’S e eileamaid air leth cudromach de chultar na h-Alba a th’ ann agus tha mi toilichte gun urrainn dhomh pàirt a ghabhail ann an rudeigin a bheir comas dhuinn cudrom a chur air an obair sgoinneil a tha a’ tachairt anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.
Màrtainn Mac an t-Saoir
Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig Oilthigh Dhùn Èideann
A’ toirt taic do Chultar na Gàidhlig
’S fada a tha an t-Oilthigh air a bhith a’ brosnachadh cultar is cànan na Gàidhlig, agus e air a’ chiad Chathair Cheiltis a stèidheachadh ann an 1882.
Chuir an t-Oilthigh a’ chiad Sheachdain Gàidhlig Dhùn Èideann air bhog ann an 2014. Tha e air a ruith le comataidh saor-thoilich is air a stiùireadh le Oifigear Gàidhlig an Oilthighe, le tachartasan a bhios gan cumail le buidhinn is daoine fa leth bho air feadh a’ bhaile mhòir.