Tha eòlaichean ann an Oilthighean Dhùn Èideann agus Ghlaschu air £225,000 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba gus siostam fo-thiotalan Gàidhlig a chruthachadh a bhios freagarrach dhan BhBC.
Bheir am maoineachadh cothrom dhan sgioba tòiseachadh air obrachadh a dh’ionnsaigh a bhith a’ cruthachadh modail cànain mòr – coltach ri ChatGPT – airson luchd-labhairt na Gàidhlig.
Tha oidhirpean gus an siostam a chruthachadh mar phàirt de dh’iomairt nas fharsainge gus cur an-aghaidh a’ chunnart bho mhùchadh didseatach, a tha mu choinneamh Gàidhlig na h-Alba agus mion-chànanan eile.
Bidh seo a’ tachairt nuair nach urrainn do luchd-labhairt cànain pàirt a ghabhail ann an conaltradh didseatach air sgàth dìth teicneòlais sa chànan.
Tha an sgioba rannsachaidh cuideachd a’ cuideachadh le bhith a’ cruthachadh siostam aithneachadh cainnte airson Ojibwe, fear de na cànanan dùthchasach ann an Canada.
Tha cnapan-starra mòra mu choinneamh na Gàidhlig ann a bhith a’ cruthachadh agus a’ cumail suas a teicneòlas cànain air sgàth gainnead dàta.
Mar as trice tha prògraman AI air an trèanadh air seataichean dàta mòra, a bhios gu tric air an togail bhon eadar-lìn agus an uair sin air an gleusadh le fios air ais bho dhaoine.
Cruinnichidh luchd-rannsachaidh corpas mòr de dhàta Gàidhlig agus cleachdaidh iad e gus siostam aithneachaidh cainnt fèin-obrachail (automatic speech recognition - ASR) àrd-inbhe a chruthachadh airson meadhanan, foghlam agus rannsachadh.
Cruthaichidh am pròiseact teicneòlas fo-thiotalan Gàidhlig air a bheil cruaidh fheum agus bidh e na dheagh thoiseach tòiseachaidh airson a bhith a’ cruthachadh mhodailean Gàidhlig ùr-nodha.
Tha luchd-rannsachaidh den beachd gun cuidich seo le bhith a’ dìon a’ chànain ann an raointean didseatach agus mar sin gun cuir e gu mòr ri oidhirpean ath-bheothachadh nàiseanta.
Tha modhan ionnsachaidh domhainn mar a theirear riutha feumach air tòrr mòr dàta trèanaidh, agus airson mion-chànanan mar a’ Ghàidhlig, tha gainnead dàta aig sgèile mhòr na chnap-starra mòr.
Tha am pròiseact ag amas air dèiligeadh ris a’ chnap-starra seo gu dìreach, le bhith a’ cruthachadh cruinneachadh susbainteach de dhàta trèanaidh Gàidhlig stèidhichte air daoine aig a bheil Gàidhlig bho thùs.
Tha an sgioba mar-thà air clach-mhìle chudromach a ruigsinn ann an 2021 le bhith a’ cruthachadh a’ chiad siostam aithneachaidh cainnt airson na Gàidhlig a tha ri fhaighinn gu poblach.
Tha seo mu bhith a’ cur tòrr còmhla – a chaidh a chruinneachadh bho luchd-labhairt na Gàidhlig san àm a dh’fhalbh – agus ga thoirt air ais do luchd-labhairt na Gàidhlig, ann an diofar riochdan, san latha an-diugh.
An t-Àrd-Ollamh Uilleam Lamb
prìomh neach-rannsaiche a’ phròiseict bho Sgoil Litreachasan, Cànanan is Chultaran Oilthigh Dhùn Èideann
Ged a tha feum air obair leasachadh a bharrachd gus a dhèanamh nas pungaile, tha an teicneòlas air cuideachadh mar-thà le bhith a’ cruthachadh fo-thiotalan airson bhidiothan teagaisg.
Bidh grunn phròiseactan didseatach a tha ann mar-thà nam bun-stèidh airson na bunait eòlais a tha a dhìth gus cùisean a mheudachadh chun na h-ìre a thathar a’ moladh an seo.
Nam measg tha 15,000 duilleag de dh’aithris Ghàidhlig air tar-sgrìobhadh a fhuaras bho Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, a tha stèidhichte ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Cleachdaidh an sgioba cuideachd susbaint bhon Dachaigh Airson Stòras na Gàidhlig (DASG). Bidh seo a’ gabhail a-steach mu 30 millean facal teacsa bho Chorpas na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu agus clàraidhean de dhaoine aig a bheil Gàidhlig bho thùs aig tasglann claistinn Cluas ri Claisneachd aig DASG.
Cuiridh seo gu mòr ri leasachadh teicneòlas cànain airson na Gàidhlig. Tha e na thoileachas dhuinn gu bheil goireasan DASG gan cleachdadh san dòigh seo agus gan leasachadh a bharrachd.
An t-Àrd-oll Roibeard Ó Maolalaigh
Co-neach-rannsachaidh bho Oilthigh Ghlaschu agus a tha cuideachd na Stiùiriche air DASG
Tha Riaghaltas na h-Alba ro thoilichte taic a chumail ris a’ phròiseact innealta seo, a chuidicheas a’ Ghàidhlig gus soirbheachadh san linn dhidseatach agus a ghlèidheas dualchas cànanach is cultarach ar dùthcha.’
Jenny Gilruth BPA
Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean
Cuideachd a’ gabhail pàirt tha dithis luchd-rannsachaidh eile aig Oilthigh Dhùn Èideann – an Dr Beatrice Alex, àrd-òraidiche ann am mèinneadh teacsa, agus an Dr Peter Bell, leughadair ann an teicneòlas cainnt.
Tha am pròiseact ga dhèanamh an co-bhoinn ri BBC Alba. Tha e cuideachd a’ gabhail a-steach DASG, am faclair eachdraidheil Faclair na Gàidhlig, seirbheis nam meadhanan Gàidhlig MG ALBA agus Tobar an Dualchais/Kist o Riches – clàr air-loidhne gun samhail de bheul-eòlais beairteach na h-Alba.
Ceanglaichean ceangailte
[Creideas ìomhaigh: Justin Paget via Getty Images]