Fèis ag amas air inbhe na Gàidhlig àrdachadh sa phrìomh bhaile

Tha eòlaichean a rinn rannsachadh a tha a’ sealltainn nam buannachdan an lùib dà-chànanais gu bhith a’ cur fèis Ghàidhlig bhliadhnail Dhùn Èideann air bhog.

Image
 2019 Gaelic Festival
2019 Seachdain na Gàidhlig

Read in English

Bidh luchd-rannsachaidh bho Ionad Bilingualism Matters an Oilthigh a’ taisbeanadh nam prìomh rudan a fhuaireadh a-mach bho rannsachadh bho chionn ghoirid aig tachartas fosglaidh na Fèise air 5 Samhain.

Bidh luchd-obrach an ionaid, a tha stèidhichte ann an Sgoil Feallsanachd, Saic-eòlas agus Saidheansan Cànain a’ coimhead gu sònraichte air an rannsachadh aca air Gàidhlig, dà-chànanas agus poileasaidh cànain.

Tha seo mar phàirt de shreath thachartasan a bheir cothrom do dhaoine de gach aois agus comas cànain, tlachd fhaighinn à cultar Gàidhlig agus blasad fhaighinn den chànan.

Tha an Fhèis, a tha a-nis air a bhith a’ ruith fad ochd bliadhna air a cho-sponsoradh leis an Oilthigh agus le Comhairle Baile Dhùn Èideann.

Am measg nam prìomh thachartasan eile aig Seachdain na Gàidhlig, bidh òraid mar chuimhneachan air an t-seinneadair agus gaisgeach coimhearsnachd Gàidhlig Dhùn Èideann, Calum Camshron.

Thèid an òraid, a bhios ann an Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, a thoirt seachad le Gillebride Mac ’IlleMhaoil, seinneadair à Uibhist a Deas a tha stèidhichte ann an Glaschu agus a sheinn ann an Outlander.

Tha an cuideam air litreachais a’ leantainn air adhart le leughadh bàrdachd ann an Gàidhlig, Beurla agus Scots, a tha na phàirt de cho-labhairt gnàth-shìde COP26 ann an Glaschu. Chan eil ticead sam bi air fhàgail a-nis airson an tachartais, ach thèid a sgaoileadh beò air-loidhne.

Tha Weathering the Storm a’ taisbeanadh obair triùir bhàrd Albannach - Roseanne Watt à Sealtainn; agus Pàdraig MacAoidh is Dòmhnall S. Moireach à Leòdhas.

Image
Poets appearing at the festival
Roseanne Watt, Pàdraig MacAoidh, Dòmhnall S. Moireach

Faodaidh daoine a bhios a’ dol dhan fhèis piseach a thoirt air an cuid chruthachalachd le bhith a’ gabhail pàirt ann an seisean a tha a’ coimhead air mar a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig air TikTok - agus thèid com-pàirtichean a bhrosnachadh gus an t-susbaint spòrsail, tharraingeach aca fhèin a dhèanamh.

Bidh bùth-obrach lusan chrochte agus dà thachartas a tha a’ taisbeanadh òrain Ghàidhlig tro na linntean ann cuideachd.

Tha cothrom ann cuideachd ionnsachadh mu iomairtean gus co-ionadan Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann, Glaschu, Inbhir Nis agus Steòrnabhagh, a chuidicheas le bhith a’ neartachadh a’ chànain ann an Alba.

Tha coimhearsnachd Ghàidhlig bheòthail ann an Dùn Èideann agus tha sinn an dòchas na ghabhas de dhaoine a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail anns a’ phrògram thachartasan inntinneach seo.

Bria Mason

Oifigear Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann

Am measg nam prìomh thachartasan eile, tha bùth-obrach ceangailte ri farpais film goirid Gàidhlig agus cothrom beagan Gàidhlig na h-Èirinn ionnsachadh ann an cearcall còmhraidh air-loidhne.

Am measg na bhios a’ tachairt air an latha mu dheireadh den fhèis, tha turas de Leabharlann Bàrdachd na h-Alba agus dà thachartas ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Bidh prìomh phàirt aig luchd-rannsachaidh stèidhichte ann an Ceiltis is Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann aig an Fhèis, a bhios a’ dol air adhart gu 12 Samhain.

Chaidh Seachdain na Gàidhlig a chur air dòigh le Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2014 mus deach a dhèanamh na Fèis airson a’ bhaile air fad an ath bhliadhna.

Tha sinn air leth toilichte a bhith nar co-luchd-taic oir tha e a’ daingneachadh ar dealais a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba tro bhith a’ cumail taic ri ghnìomhachd chultarach bheairteach agus a’ leudachadh ar solar airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Comhairliche Alison Dickie

Gaisgeach na Gàidhlig airson Comhairle Dhùn Èideann:

Seachdain na Gàidhlig

Bilingualism Matters

Celtic and Scottish Studies

Tags

2021