Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Dreachd Plana Gàidhlig 2025-2030

Tha an dreachd Phlana Gàidhlig againn a’ mìneachadh nam prionnsapalan agus nan geallaidhean a tha an t-Oilthigh a’ moladh airson na Gàidhlig airson nan còig bliadhna ri teachd.

Read in English

Bilingual Gaelic sign.

Mar Oilthigh cruinneil freumhaichte san eachdraidh chatharra gun samhail againn, tha sinn ag aithneachadh nan dleastanasan a th’ oirnn a thaobh na Gàidhlig, tè de chànanan dùthchasach beò na h-Alba. Thar nan còig bliadhna mu dheireadh, tha sinn air a bhith a’ leantainn plana de ghealltanasan a tha air am mìneachadh sa Phlana Ghàidhlig làithreach againn (airson 2019-2024).

Fon phlana seo, bha àrdachadh anns na cothroman ionnsachaidh, chaidh sgeama Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas a stèidheachadh, agus chaidh ar ceanglaichean a neartachadh le buidhnean ionadail agus lìonraidhean Gàidhlig am measg iomairtean adhartach eile. 

Tha am Plana Gàidhlig làithreach againn a’ tighinn gu crìch ann an 2024, agus ged a tha sinn air adhartas fhaicinn a dh’ionnsaigh amasan a’ phlana sin, tha e cudromach gun coimhead sinn a-rithist air an t-slighe ro-innleachdail againn airson na Gàidhlig. Mar sin, tha sinn air dreachd Phlana Gàidhlig fhoillseachadh a tha a’ mìneachadh nam prìomh phrionnsabalan agus gealltanasan againn airson na Gàidhlig eadar 2025 agus 2030.

Leugh ar Dreachd Plana Gàidhlig 2025-2030 

Adhartas às ùr 

Tha a' cho-chomhairle phoblach air an Dreachd Plana Gàidhlig againn a-nis dùinte. Bidh toraidhean bhon cho-chomhairle agus am Plana Gàidhlig ùr air am foillseachadh air na duilleagan Gàidhlig de làrach-lìn an Oilthighe. 

Ma tha ceistean no beachdan agad mu leasachadh a' Phlana ùr, nach cuir thu fios gu Oifigear na Gàidhlig. 

Cuir fios thugainn