Ro-ràdh
Tha Dùn Èideann ainmeil mar bhaile àlainn làn chultar. Am measg a’ bheartais seo, tha e doirbh aig amannan tachartasan agus seirbheisean Gàidhlig a lorg. Tha a’ bhileag seo ag amas air am fiosrachadh seo a chur ann an aon àite.
Tha sinn an dòchas gun cleachd luchd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh, agus luchd-turais a’ bhileag seo airson eòlas nas fheàrr a chur air Dùn Èideann nan Gàidheal agus air àite na Gàidhlig sa bhaile againn.
Tha a’ bhileag seo air a chur air dòigh le Oilthigh Dhùn Èideann, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.
Tha na buidhnean sa bhileig air fiosrachadh a chur thugainn mu na gnìomhan aca fhèin. Tha sinn a’ toirt taing dhan a h-uile duine a chuir taic thugainn airson a’ bhileag seo a chur air dòigh. Cha robh e air a bhith comasach a dhèanamh às aonais mòran charaidean.
’S e baile mòr Dhùn Èideann
A b’ èibhinn leam bhith ann,
Àite fialaidh farsaing,
A bha tlachdmhor anns gach ball
Airson barrachd lethbhreacan den bhileig fhaighinn no ma tha ceist sam bith agad, cuir fios gu Oifigear Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann.