Co-chomhairle a’ Phlana Ghàidhlig

Tha an t-Oilthigh a’ sireadh bheachdan air a’ Phlana Ghàidhlig aige.

Tha an dreachd plana a’ sònrachadh grunn dhleastanasan air a bheil an t-Oilthigh a’ beachdachadh mar phàirt den oidhirp aige gus cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh.

Ag adhartachadh cleachdadh

Tha an dreachd plana a’ nochdadh àite an Oilthigh anns an iomairt nàiseanta a dh’ionnsaigh cleachdadh, ionnsachadh agus inbhe na Gàidhlig adhartachadh agus cur ri leasachadh a’ chànain.

Tha an dreachd plana cuideachd a’ beachdachadh air dòighean a dh’fhaodar a’ Ghàidhlig a thoirt an lùib aithne chorporra agus seirbheisean an Oilthigh.

Bhur beachdan

Tha sinn a’ cur fàilte ri beachdan bho luchd-obrach is oileanaich an Oilthigh agus cuideachd bho mhuinntir a’ phobaill no buidhnean eile.

Faodar beachdan is ceistean a chur gu:

gaeliclanguageplan@ed.ac.uk

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun cho-chomhairle aig

Toraidhean a’ cheisteachain

Rinneadh suirbhidh air luchd-obrach is oileanaich gus faicinn dè na h-ìrean comais a th’ aca sa Ghàidhlig agus dè na cothroman a th’ ann airson cleachdadh agus inbhe a’ chànain a leasachadh.

Gheibhear làn anailis air na toraidhean air-loidhne.

Tha eachdraidh Ghàidhlig fhada agus chliùiteach aig an Oilthigh. Stèidhich sinn a’ chiad Cathair na Ceiltis an Alba ann an 1882 agus tha stòrasan Gàidhlig air leth beairteach againn, nam measg, Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.Frank Gribben
Neach-clàraidh, Colaiste nan Daonnachdan & Saidheans Sòisealta agus Cathraiche Buidheann-obrach a’ Phlana Ghàidhlig