Tha eòlaichean oilthighe a’ sireadh dhaoine ann an Alba agus nas fhaide air falbh gus na mìltean de dh’uairean a thìde de chlàraidhean sa Ghàidhlig a thar-sgrìobhadh bho chuid de na tasglannan as cudromaiche san dùthaich.
Cuiridh am pròiseact ris na h-eisimpleirean sgrìobhte is labhairteach de Ghàidhlig a tha rim faighinn airson aithneachadh cainnte fèin-obrachail, a’ cuideachadh choimpiutairean gus an cànan a thuigsinn agus a chur a-mach ann an cruth teacsa agus gus cuideachadh le pròiseactan didseatach eile, a rèir luchd-rannsachaidh.
Le bhith a’ dèanamh seo, tha e ag amas air dualchas cultarail na h-Alba a neartachadh agus air cur ri rannsachadh airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus luchd-cleachdaidh B/bodhar no air a bheil ciorraman claisneachd air feadh an t-saoghail.
Thèid iarraidh air saor-thoilich làmh-sgrìobhainnean beul-aithris a chaidh a sgrìobhadh le làmh a thar-sgrìobhadh gu teacsa. Thèid ìomhaighean agus clàraidhean fuaime a chur ann an cruth a ghabhas a rannsachadh cuideachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil e nas fheumaile do luchd-rannsachaidh agus dhan phoball.
Clàraidhean-tasglainn
Nì am pròiseact tar-sgrìobhadh air na clàraidhean fuaime de thraidiseanan na h-Alba a tha air an cumail air dà thasglann aig Tobar an Dualchais/Kist o Riches, goireas air-loidhne anns a bheil stuthan bho na tasglannan seo agus bhon BhBC.
Nam measg, tha 1,500 uair de chlàraidhean air sgeulachdan bho Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann agus bho Chruinneachadh Chanaigh, fo churam urras Nàiseanta airson Alba.
Coimhearsnachd de Shaor-thoilich
Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gun cuidich fosgladh a-mach na h-obrach didseataich seo gus coimhearsnachd a chruthachadh anns am bi saor-thoilich a’ co-roinn adhartas, fios mu na dh’ionnsaich iad, molaidhean agus far am bi iad ri dheasbad.
Leis an tar-sgrìobhadh, gabhaidh lorg a dhèanamh air an làn-theacsa, rud a dh’fhosglas na mìltean de dhuilleagan de dh’òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, dualchas agus sgeulachdan airson rannsachadh.
Cruinnichidh luchd-rannsachaidh corpas mòr de dhàta Gàidhlig an uair sin agus cleachdaidh iad e gus siostam aithneachaidh cainnt fèin-obrachail (automatic speech recognition - ASR) àrd-inbhe a chruthachadh airson meadhanan, foghlam agus rannsachadh.
Aithneachadh Cainnte
Tha stiùirichean a’ phròiseict ag ràdh gun cuir an dàta ri aithneachadh cainnt fèin-obrachail sa Ghàidhlig le bhith a’ toirt taic do shiostam far an toirear mòran eisimpleirean de Ghàidhlig labhairteach is sgrìobhte gus an urrainn dhaibh cainnt aithneachadh agus a’ chànan a phròiseasadh gu pongail.
Cruthaichidh e cuideachd seataichean dàta ionnsachaidh-inneil de dh’fhaclan, seantansan agus criomagan claisneachd Gàidhlig a chuidicheas siostaman AI gus pàtrain a’ chànain ionnsachadh.
“Le bhith a’ dèanamh teacsa a ghabhas sgrùdadh agus le nòtaichean coileanta de dhualchas labhairteach chan e a-mhàin gu bheil am pròiseact a’ dìon dualchas cultarail do-bheantainn na h-Alba ach tha e cuideachd a’ cruthachadh an dàta ro-chudromach a tha a dhìth gus aithneachadh cainnte na Gàidhlig agus cruthan eile de theicneòlas cànain adhartachadh.” Le dìreach ceangal bann-leathainn agus ùidh ann an cànan agus dualchas, faodaidh duine sam bith a dhol an sàs ann – agus mar sin, pàirt a ghabhail ann an obair ath-bheothachaidh chultarail ann an dòigh phractaigeach. Bheir Fosgladh an Tobair coimhearsnachd na Gàidhlig còmhla ris an t- saoghal acadaimigeach agus ri teicneòlas gus guthan an àm a dh’fhalbh a thoirt am follais gus cur ri neart a’ chànain san àm ri teachd.”
An t-Ollamh Uilleam Lamb
Sgoil nan Cànanan, Litreachasan agus Cultaran
“Tha sinn fìor thoilichte gu bheil sinn ag obair ann an còm-pàirteachas le Oilthigh Dhùn Èideann agus NTS air Fosgladh an Tobair. Cuiridh seo gu mòr ris an àireamh de thar-sgrìobhaidhean air làrach-lìn Tobar an Dualchais / Kist o Riches, agus le sin, cuiridh seo ri ruigsinneachd air ar dualchas Gàidhlig co-roinnte. Fad ùine mhòr a-nis, tha sinn air a bhith airson tarraing air eòlas luchd-labhairt na Gàidhlig gus clàraidhean a thar-sgrìobhadh, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ toirt taic dhaibhsan a tha airson a bhith an sàs.”
Flòraidh Forrest
Stiùiriche-pròiseict aig Tobar an Dualchais / Kist o Riches
“’S e pròiseact fìor fheumail is inntinneach a tha seo a chuireas ri ruigsinneachd air a’ chruinneachadh air leth seo de chlàraidhean-fuaime a rinn Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh.”
Ian Riches
Tasglannaiche Corporra – Riaghladh Chruinneachaidhean aig Urras Nàiseanta na h-Alba
“Tha Sgoil Eòlais na h-Alba fìor thoilichte gu bheil na cruinneachaidhean aca de chlàraidhean fuaime agus de thar-sgrìobhaidhean cliùiteach aca mar bhunait dhan phròiseact ÈIST, fìor phròiseict an 21mh linn. Ann an àm nuair a tha astar luath an atharrachaidh ann an teicneòlasan AI a’ fàgail mòran dhaoine ain-fhoiseil, tha na proifeiseantaich dualchais air dèanamh cinnteach gu bheilear ag ath-chleachdadh nan tasglannan gu ciallach agus gu beusach. Tha an taobh seo gu sònraichte cudromach leis gu bheil na tasglannan seo dlùth-cheangailte ri agus air a bhith air an cruinneachadh bho choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd, thar nan 75 bliadhna a dh’fhalbh. Tha an eileamaid de shluagh-thobrachadh san ìre seo den phròiseact, Fosgladh an Tobair/Opening the Well, na cothrom air leth do dhaoine a bhith a’ cur ris an eachdraidh fhèin agus ris an àm ri teachd: tha am pròiseact an dà chuid a’ toirt piseach air a’ chlàr eachdraidheil agus teicneòlas cànain an latha an-diugh. Tha e air leth math gum faigh na cruinneachaidhean againn luchd-amais ùra agus àite ùr ann am beatha chultarail a-rithist. Chan eil tasglannan uair sam bith glacte san àm a dh’fhalbh, tha iad fhathast cudromach nar n-àm ri teachd.”
Ciorstag Stiùbhart
Tasglannaiche Chruinneachaidhean na h-Alba agus an Oilthigh
Tha am pròiseact Fosgladh an Tobair a’ cur ris an t-sreath de phròiseactan a tha cànanaichean agus eòlaichean dàta aig Oilthigh Dhùn Èideann a’ cur air adhart gus Gàidhlig a cheangal ri adhartas ann an AI, conaltradh didseatach agus teicneòlas cànain.
Faodaidh daoine tagradh a dhèanamh airson pàirt a ghabhail san sgeama air làrach-lìn Fosgladh an Tobair.
Tha Fosgladh an Tobair air a mhaoineachadh le tabhartas bho Riaghaltas na h-Alba (‘Ecosystem for Interactive Speech Technology’ no ‘ÈIST’) agus chaidh obair roimhe seo a mhaoineachadh le Comhairle Rannsachaidh nan Ealan is nan Daonnachdan UKRI (AHRC).
Thèid làrach-lìn Fosgladh an Tobair a chur air bhog aig tachartas ann an Oilthigh Ghlaschu air Dimàirt, 2 Dùbhlachd, mar phàirt de dh’Òraid Chuimhneachaidh Aonghais MhicMhathain na bliadhna seo, air a lìbhrigeadh leis an Àrd-ollamh Uilleam Lamb.