Fèill a’ comharrachadh dualchas Gàidhlig na h-Alba

Bidh sgeulachdan, òrain agus bàrdachd anns a’ phrògram làn de thachartasan a’ taisbeanadh cànan is cultar na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

Festival goers at a pop-up event at Edinburgh Gaelic Week 2024

Read this in English

Bidh Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann a’ gabhail àite aig ionadan air feadh a’ bhaile bho Dhiluain 24 An Gearran gu Didòmhnaich 2 Am Màrt. 

Bho bhùithtean-obrach sgrìobhaidh gu cothroman seinn le còisirean, bidh am prògram fad seachdain a’ tabhann sreath de thachartasan tarraingeach gus daoine air feadh prìomh bhaile na h-Alba a bhogadh ann an cultar na Gàidhlig. 

’S e com-pàirteachas a th’ anns an fhèill eadar an Oilthigh agus Comhairle Baile Dhùn Èideann, agus e air a chumail ann an co-bhonn ri Seachdain na Gàidhlig, World Gaelic Week, fèill eadar-nàiseanta a bhios a’ brosnachadh Gàidhlig na h-Alba air feadh an t-saoghail. 

Prògram an Fhèill 

Bidh diofar chothroman aig luchd-dealasach na Gàidhlig cànan, ealain is cultar sònraichte na Gàidhlig a chomharrachadh.

Am measg nan tachartasan aig an Oilthigh, bidh bùth-obrach air eadar-theangachadh bhàrdachd Gàidhlig air Diluain 24 An Gearran. 

Bidh an Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig an Oilthigh, Niall O’ Gallagher, a’ bruidhinn ri sgrìobhadairean Garry Mackenzie agus Taylor Strickland mu na modhan-obrach a chleachdas iad agus iad ag eadar-theangachadh bhàrdachd agus mar a tha seo ag obair le cànain eile. 

Nas fhaide air adhart san t-seachdain bidh cothrom ann gus sùil a thoirt air beul-aithris na Gàidhlig, bhon 18mh linn chun latha an-diugh, aig taisbeanadh de làmh-sgrìobhainnean agus clàraidhean-fuaim anns na cruinneachaidhean aig an Oilthigh. 

Anns a’ bhaile fhèin, bidh Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a’ cumail òraid air loidhne air Eachdraidh Teaghlaichean Gàidhlig, a’ toirt a-steach a’ chruinneachadh aca de ghoireasan sinnsreadh às a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Thoir sùil air a’ phrògram air fad air làrach-lìn Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann: 

Prògram Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann 2025 

Ceanglaichean Gàidhlig 

Tha cànan is cultar na Gàidhlig air a bhith na phàirt chudromach den sgeulachd againn aig Oilthigh Dhùn Èideann o chionn fhada, far an deach a’ chiad Chathair na Ceiltis ann an Alba a stèidheachadh ann an 1882. 

Chaidh Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann a stèidheachadh leis an Oilthigh ann an 2014 gus fèill a dhèanamh air coimhearsnachd na Gàidhlig anns a’ bhaile mhòr, san latha a dh’fhalbh agus san latha an-diugh. 

Tha am fèill air a bhith a’ ruith ann an com-pàirteachas le Comhairle Baile Dhùn Èideann bho 2015. 

Tha sinn air leth toilichte gus taic a thoirt do Sheachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann; tha prògram loma làn ann de thachartasan airson gach aois gus pàirt a ghabhail ann agus an cànan a chomharrachadh. Tha pròiseact Capital Gaelic, còmhla ri buidhnean eile, air a thoirt dhuinn an cothrom gus faicsinneachd a’ chànain a bhrosnachadh sa bhaile mhòr.