News

Ceithir cànain a’ coinneachadh ann an leabhar ùr a’ bhàird

Chaidh cruinneachadh bàrdachd a tha air a thaisbeanadh ann an ceithir cànanan a chruthachadh leis a’ chiad Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig an Oilthigh.

Read this in English

Tha an leabhar le Màrtainn Mac an t-Saoir a’ toirt thugainn 52 dàn, gach fear air fhoillseachadh ann an Gàidhlig, Catalanais, Cuimris agus Beurla.

Martin MacIntyre
Martin MacIntyre

Thèid an leabhar, A' Ruith Eadar Dà Dhràgon (Corrent Entre Dos Dracs/Rhedeg Rhwng Dwy Ddraig), a chur air bhog aig tachartas ann an 50 Ceàrnag Sheòrais an Oilthigh air Dihaoine 19 Giblean aig 1900.

Chaidh na dàin uile a sgrìobhadh sa Ghàidhlig le Màrtainn Mac an t-Saoir ann an 2019 agus 2020 stèidhichte air tursan a ghabh e san Spàinn agus sa Chuimrigh.

Tha motif an dà dhràgoin aig cridhe an leabhair – samhla a tha a’ ceangal ris an t-suaicheantas air bratach na Cuimrigh agus a’ bhiast ainmeil ann an Catalonia a chaidh a mharbhadh le Sant Jordi, mar a chanar ris an Naomh Seòras ann an Catalanais.

Chaidh an cruinneachadh bàrdachd eadar-theangachadh gu Cuimris le seann Bhàrd Nàiseanta na Cuimrigh, Ifor ap Glyn.

B’ e Noèlia Diaz-Vicedo, prìomh bhàrd agus eadar-theangair stèidhichte aig Oilthigh nan Eilean Balearic ann am Palma, san Spàinn, a rinn an t-eadar-theangachadh Catalanais.

Tha Màrtainn air na dàin gu lèir eadar-theangachadh gu Beurla airson an leabhair, foillsichte le Francis Boutle Publishing.

Aig an tachartas, leughaidh na trì bàird a bha an sàs san obair taghadh de dhàin bhon chruinneachadh anns na ceithir cànanan.

Cuideachd, cluichidh Fraser Fifield, Neach-ealain Traidiseanta air Mhuinntireas an Oilthigh port sònraichte a sgrìobh e mar fhàilte air na dàin.

Thòisich Màrtainn Mac an t-Saoir, ùghdar is bàrd Gàidhlig, a dhreuchd san oilthigh ann an 2022 mar a’ chiad Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas.

Tha Màrtainn, a tha air duaisean a chosnadh airson a chuid obrach, air ochd pìosan ficsein agus cruinneachadh bàrdachd fhoillseachadh roimhe. Tha e cuideachd ag obair na dhotair teaghlaich.

Anns a’ chruinneachadh ùr seo, tha am bàrd a’ suathadh ri iomadh cuspair eadar-dhealaichte, leithid smaoineachadh air adhart gu geama rugbaidh a tha e an dùil fhaicinn ann an Cardiff còmhla ri a mhac 18-bliadhna, fealla-dhà dà-chànanach ann an taigh-fuine ann am Mallorca, agus coimhead athair a’ togail dealbh foirfe den nighean aige airson Instagram.

Air a sgrìobhadh fo sgàil a’ ghalair lèir-sgaoilte, tha am bàrd cuideachd a’ togail air geama rugbaidh Còig Dùthchannan air an tug Covid buaidh agus òstair sunndach Mallorcach ann am masg a’ cur fàilte air aoighean.

Thuirt Màrtainn Mac an t-Saoir, an Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas: “Air mo bhrosnachadh leis na bha mi a’ faicinn, thàinig dàn às dèidh dàn thugam agus threòraich sin mi dhan Chuimrigh sa Mhàrt 2020, beagan làithean ro ghlasadh Covid. Nas fhaide air a’ bhliadhna sin, shiubhail mi a Mhallorca agus daoine a’ meantraigeadh a-mach airson a’ chiad uair gu saoghal eagail is mì-chinnt.

“Is iomadh rud a dhrùidh orm air mo thuras, agus fhuair mi air cuid dhiubh a ghlèidheadh ann an dàin leis an robh mi riaraichte aig a’ cheann thall.

"B’ fhìor thoil leam nan leughadh daoine na dàin ann an Gàidhlig, Catalanais, Cuimris, no Beurla. No, gu dearbh, ann an uimhir de na cànanan sin ’s a th’ aca!"

Fhuair am pròiseact taic bho Chomhairle nan Leabhraichean, Urras Leabhraichean na h-Alba agus Alba Chruthachail.

Bidh dàrna cur air bhog a’ chruinneachaidh ann an Glaschu air Disathairne 20 Giblean 2024 mar phàirt de Cheòl is Craic, CCA, Sràid Sauchiehall, aig 7-8f. Bidh an triùir bhàrd a’ gabhail pàirt.

Tha Màrtainn Mac an t-Saoir na ùghdar, bàrd agus sgeulaiche stèidhichte ann an Dùn Èideann le còrr is 25 bliadhna de eòlas.

Tha e a’ cleachdadh an dà bhliadhna mar Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas gus daoine a bhrosnachadh a dhol an sàs ann an sgrìobhadh agus bàrdachd Ghàidhlig.

Chaidh an dreuchd a chruthachadh mar phàirt de Phlana Gàidhlig an Oilthigh 2019-2024, a tha a’ cur an cèill dealas a thaobh cànan, cultar agus coimhearsnachdan na Gàidhlig taobh a-staigh agus taobh a-muigh an Oilthigh.

Tha an dreuchd air a maoineachadh ann am pàirt le Bòrd na Gàidhlig.

Ceanglaichean 

Fo-sgrìobh dhan tachartas

Sgoil Litreachasan, Cànanan is Cultaran

Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann