Tha Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann a’ comharrachadh an deicheamh bliadhna

Bidh am prògram a bhios a’ ruith airson seachdain a’ taisbeanadh cànan is cultar na Gàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba.

Read this in English 

Image
Gaelic event attendees

Bidh Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann a’ gabhail àite ann an ionadan air feadh a’ bhaile gu Didòmhnaich 25 Gearran.

Am measg nan tachartasan tha filmichean, “drop-ins” dha oileanaich, dannsa cèilidh agus cuirmean ioma-chànanach de sgeulachdan, òrain is bàrdachd.

’S e co-obrachadh a th’ anns an t-seachdain eadar an t-Oilthigh agus Comhairle Baile Dhùn Èideann gus cànan, cultar agus coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, ’s na làithean chaidh seachad agus san latha an-diugh, a chomharrachadh. Tha i a-nis air a cumail an co-bhonn ri World Gaelic Week, fèis eadar-nàiseanta a tha a’ toirt daoine air feadh an t-saoghail ri cheile gus Gàidhlig na h-Alba a bhrosnachadh.

Tha tachartasan fosgailte dhan a h-uile duine – bho luchd-dealasach na Gàidhlig, chun fheadhainn a tha airson barrachd tuigse fhaighinn air cànan is cultar na Gàidhlig.

Prògram tachartasan

Bidh diofar chothroman aig luchd-dealasach na Gàidhlig iad fhèin a bhogadh ann an cànan, ealain agus cultar na Gàidhlig.

Mus fosgail am prògram oifigeil, bidh cèilidh air a chumail le Comann Ceilteach an Oilthighe air Dihaoine 16 Gearran.

Dimàirt 20 Gearran, bidh sgrìonadh film ann de ‘Calman nan Loch’, prògram aithriseach a choisinn duaisean, mu choimhearsnachd Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar.

Ann an àiteachan eile sa bhaile, bidh Ionad Sgeulachdan na h-Alba a’ cumail cabaret ioma-chànanach de sgeulachdan, òrain is bàrdachd gus Latha Eadar-nàiseanta Cànan na Màthar a chomharrachadh air Diciadain 21 Gearran.

Am measg a’ phrògraim, tha sreath de thachartasan sòisealta dhaibhsan a tha airson ceangal a dhèanamh ri luchd-dealasach, luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh eile.

Bidh Comann nan Oileanach a’ cumail pop-up ann am Pottorrow gus àite a thoirt do dh’oileanaich aig a bheil Gàidhlig tighinn comhla agus do dhaoine a tha air ùr thighinn gu Gàidhlig, barrachd ionnsachadh mun chànan agus mun chultar.

Nas fhaide air adhart san t-seachdain, do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig bidh Pop up Ionad le geamannan, ceòl, sgeulachdan agus filmichean airson gach aois.

Prògram air làrach-lìn Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann:

Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann  

Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic do Sheachdain Gàidhlig Dhùn Èideann; tha prògram làn de thachartasan ann far am faod daoine de gach aois pàirt a ghabhail anns a’ chànan agus a comharrachadh. ’S e amannan brosnachail a tha seo dhan Ghàidhlig ann an Dùn Èideann; tha sinn ag obair còmhla ri coimhearsnachd na Gàidhlig gus planadh airson an treas Plana Gàidhlig againn a chur an gnìomh am-bliadhna, còmhla ri ro-innleachd fad-ùine airson leasachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile. Tha am pròiseact Capital Gaelic air cothrom a thoirt dhuinn, còmhla ri buidhnean eile, faicsinneachd a’ chànain àrdachadh sa bhaile

 

Tags

2024