Coimhearsnachd agus co-obrachadh aig cridhe Plana Gàidhlig

Tha cothroman do dh’oileanaich, luchd-obrach agus am poball san fharsaingeachd gus Gàidhlig a chleachdadh aig cridhe Plana Gàidhlig ùr an Oilthigh.

Room full of people reading from pages

Mar ionad sàr-mhathais cliùiteach ann an Ceiltis is Gàidhlig, agus mar dhachaigh dhan cheum ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig, tha Plana an Oilthigh airson 2025 – 2030 a’ cur an cèill phrionnsapalan agus ghealltanasan an Oilthigh a thaobh a’ chànain agus a chultair.

Tha an t-Oilthigh air gealltainn a bhith a’ brosnachadh coimhearsnachd thaiceil agus ghnìomhach de luchd-labhairt na Gàidhlig air an àrainn agus gu h-ionadail, a’ cur cuideam air cothroman bogaidh cànain leithid flat Gàidhlig agus sgeamaichean tosgairean Gàidhlig. 

A’ togail chom-pàirteachasan

A’ togail air an adhartas a rinneadh gu ruige seo, tha am Plana Gàidhlig ùr air gealltainn cothroman a shireadh airson obair com-pàirteachais, a’ soilleireachadh gu sònraichte taic an Oilthigh do Capital Gaelic, lìonra ùr a tha a’ toirt còmhla buidhnean bho air feadh Dhùn Èideann a’ gabhail a-steach Taighean-tasgaidh Nàiseanta agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba gus Gàidhlig adhartachadh sa bhaile.

Bha coimhearsnachd aig cridhe a’ Phlana seo fad na h-ùine leasachaidh, agus bha an t-Oilthigh ag obair gu dlùth le luchd-obrach, oileanaich agus buill den choimhearsnachd ionadail gus prìomh phrionnsabalan agus ghealltanasan a chur ri chèile. 

Coimhearsnachd bheothail 

Tha na sgrùdaidhean cùise agus na sgeulachdan anns a’ Phlana a’ tarraing aire gu saoghal na Gàidhlig san Oilthigh agus san sgìre ionadail againn. 

Tha sgrùdaidhean cùise a’ gabhail a-steach sgeama Sgrìobhadair Gàidhlig an Oilthigh, a chaidh a stèidheachadh ann an 2022, Seachdain na Gàidhlig an Dùn Èideann, air a cumail bho 2014 air adhart ann an co-obrachadh le Comhairle Baile Dhùn Èideann, agus pròiseact co-obrachail an Oilthigh còmhla ri Oilthigh Ghlaschu agus Sabhal Mòr Ostaig, agus air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba gus siostam fo-thiotalan a chruthachadh dhan Ghàidhlig. 

A bharrachd air gealltanasan an Oilthigh a thaobh Daoine is Choimhearsnachd agus Obair Com-pàirteachais, tha am Plana ùr air gealltainn: a bhith a’ leantainn air adhart a’ lìbhrigeadh agus a’ leudachadh chothroman airson ionnsachadh fad-beatha a’ chànain; a’ dìon ar cruinneachaidhean a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad ruigsinneach, agus; a’ cur ri faicsinneachd, cleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig air feadh ar n-àrainnean. 

Lèirsinn ro-innleachdail

Tha am Plana ag amas air togail air coileanaidhean an dà Phlana Ghàidhlig mu dheireadh aig an Oilthigh agus cuideachd a bhith a’ cur ri Ro-innleachd an Oilthighe airson 2030 agus ri amasan nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba agus a’ chomainn shìobhalta gus an cànan a dhìon agus a chur air adhart.

Chaidh cuirm feasgair airson foillseachadh oifigeil Plana Gàidhlig 2025 – 2030 a chur air dòigh ann an Ionad Bayes Diardaoin 5 Dùbhlachd 2024. 

Tha am plana seo na fhianais air na tha an t-Oilthigh a’ dèanamh gus àite na Gàidhlig a dhaingneachadh ann an Alba agus beatha ar luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a dhèanamh nas saidhbhire, a bharrachd air an iomadh oileanach agus neach-obrach eile againn, le bhith a’ cruthachadh barrachd chothroman a bhith a’ cleachdadh no a’ dol an sàs anns a’ chànan agus a cultar.

Tags

2024