Chaidh an pterosaur Diùrasach as motha san t-saoghal a lorg ann an eilean Albannach

Chaidh fosail iongantach aig snàgair mòr itealaich ris an canar pterosaur, a lorg san Eilean Sgitheanach, am fear as motha de a leithid bhon Linn Dhiùrasach a chaidh a lorg a-riamh.

Image
Jurassic fossil discovery
PhD student Amelia Penny and Professor Steve Brusatte at the discovery site on the isle of Skye

Bha an creutair mòr sgiathach seo, a tha as fheàrr air aithneachadh mar pterodactyl, beò bho chionn timcheall air 170 millean bliadhna agus bha rèis-sgèithe nas motha na 2.5 meatair aige. ’S e am fosail seo an cnàimhneach de pterosaur as fhèarr air a ghlèidheadh a chaidh a lorg riamh ann an Alba, a rèir eòlaichean.

Thugadh an t-ainm Gàidhlig Dearc sgiathanach dha, a tha a’ ciallachadh gu bheil e na snàgair agus cuideachd a’ toirt iomradh air an Eilean Sgitheanach.

Thèid am ball-eisimpleir sònraichte seo, a chaidh a lorg ann an cladhach a chaidh a mhaoineachadh leis an National Geographic Society ann an 2017, a chur ri cruinneachadh Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a-nis agus thèid barrachd obair sgrùdaidh a dhèanamh air.

Tha mar a chaidh a lorg air a mhìneachadh ann am pàipear ùr a chaidh fhoillseachadh ann an Current Biology a sgrìobh luchd-saidheans aig Oilthigh Dhùn Èideann, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Taigh-tasgaidh Hunterian ann an Glaschu, Oilthigh Chill Rìmhinn agus Taigh-tasgaidh Stafainn san Eilean Sgitheanach.

Image
Fossil discovery Skye
Dugald Ross from Staffin Museum, Skype at the discovery point on the isle of Skye

Thuirt am prìomh ùghdar, Natalia Jagielska, a tha na h-oileanach PhD ann an Oilthigh Dhùn Èideann:

“ Tha Dearc na dheagh eisimpleir dè cho mìorbhaileach ’s a tha palaeonteòlas.

“Tha pterosauran a tha air an glèidheadh cho math gu math tearc agus mar as trice cha lorgar iad ach a-mhàin ann am beagan sheòrsaichean cumadh creige ann am Braisil agus Sìona. Ach a dh’aindeoin sin, thàinig pterosaur air a fhìor dheagh ghlèidheadh a-mach à àrd-ùrlar làn-mara ann an Alba.”

Thuirt an t-Àrd-ollamh Steve Brusatte, Cathraiche Pearsanta ann am Palaeontology agus Meanbh-fhàis, Sgoil nan GeoSaidheans, Oilthigh Dhùn Èideann:

“Is e fosail Albannach air leth a tha seo. Tha cho math ’s a tha seo air a ghlèidheadh iongantach, tòrr nas fheàrr na pterosaur sam bith eile a chaidh a lorg a-riamh ann an Alba agus ’s dòcha ann am Breatainn air fad bho làithean Mary Anning tràth anns na 1800an.

“Is e Dearc am pterosaur as motha as aithne dhuinn bhon linn Dhiùrasach agus tha sin ag innse dhuinn gun do dh’fhàs pterosauran mòr tòrr na bu thràithe na bha sinn an dùil, fada ron Linn Cretaceous nuair a bha iad a’ co-fharpais le eòin, agus tha sin air leth cudromach. ”

Thuirt an Dr Nick Friseal, Neach-glèidhidh nan Saidheansan Nàdarra ann an Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba:

“Fiù‘ s ann an co-theacs nan rudan palaeontologach iongantach a chaidh a lorg san Eilean Sgitheanach bho chionn beagan bhliadhnaichean, tha seo air leth. Tha e sònraichte dha-rìribh a bhith a’ lorg agus a’ toirt cunntas air ball-sampaill a tha an dà chuid air a dheagh ghlèidheadh agus cho cudromach agus tha sinn air leth toilichte Dearc a chur ris a’ chruinneachadh againn, nì a bharrachd gun samhail air clàr nam fosailean agus eisimpleir a thèid a rannsachadh aig an àm seo agus fad iomadh bliadhna ri teachd.”

Lorg Amelia Penny, oileanach PhD ann na Oilthigh Dhùn Èideann, am fosail air turas-raoin ann an 2017, air a stiùireadh le Brusatte, às dèidh dhi a pheirceall fhaicinn a’ stopadh a-mach às a’ chloich-aoil air àrd-ùrlar làn-mara aig Rubha nam Bràthairean.

Chuir i fios do cho-obraichean a rinn sgùradh air agus a chomharraich gur e ceann pterosaur a bh’ ann. Bha obair mhionaideach ann an uair sin gus am fosail a thoirt a-mach às’ chloich, air a stiùireadh le Dugald Ross aig Taigh-tasgaidh Stafainn, a’ cleachdadh sàbhan le fiaclan daoimean gus a ghearradh bhon chreig, agus iad a’ feuchainn ri fhaighinn a-mach mus tigeadh an làn a-steach.

Às dèidh dhan fhosail a bhith air a thoirt a-mach às an talamh, chaidh a thoirt gu Oilthigh Dhùn Èideann airson mion-sgrùdadh agus airson cunntas a sgrìobhadh air. Tha sganaichean CT den chlaigeann air sealltainn gun robh maothain fhradharcach (optic lobes) mòra ann, a tha a’ sealltainn gun robh deagh fhradharc aig an Dearc.

Nì an t-oileanach PhD Natalia Jagielska, barrachd rannsachaidh air a’ bhall-sampaill seo, agus i ag amas air barrachd fhaighinn a-mach mu ghiùlan Dearc, gu sònraichte mar a bha a bheatha beò agus mar a bhiodh e ag itealaich. Thuirt i cuideachd:

“Airson a bhith comasach air itealaich, bha cnàmhan falamh aig pterosauran le ballachan cnàimh tana, a’ fàgail gu bheil na closaichean aca gu math brisg agus mì-fhreagarrach airson glèidheadh fad nam milleanan de bhliadhnaichean. Ach a dh’ aindeoin sin tha ar cnàimhneach, fhathast ann an staid cha mhòr gun samhail, ~160 millean bliadhna bho fhuair e bàs, agus e fhathast cha mhòr uile ann agus ann aon phìos. Tha na fiaclan biorach aige a bhiodh a’ glacadh èisg, fhathast air an còmhdach le eanamail gleansach mar gun robh e beò dìreach bho chionn beagan sheachdainean.”

B’ e am pterosaur a’ chiad druim-altach (vertebrate) le comas air sgèith fo a chumhachd fhèin, timcheall air 50 millean bliadhna mus robh eòin ann. Bha iad beò tron linn Mesozoic – an t-àm ris an canar linn nan snàgairean – cho fada air ais ris an Linn Threasach, bho chionn timcheall air 230 millean bliadhna.

Aig deireadh na Linn Cretaceous - àm an Tyrannosaurus rex agus Triceratops - agus dìreach ron tachartas a chuir às do na dineosairean bho chionn 66 millean bliadhna, dh’fhàs pterosaurs gu bhith cho mòr ri plèanaichean cogaidh.

Ach, bhathar den bheachd roimhe seo gun robh iad mòran na bu lugha rè na Linne Diùrasaich. Bhathar den bheachd mar thoradh air mìrean de pterosauran a chaidh a lorg ann an Sasainn gur dòcha gun robh pterosauran na bu mhotha beò san Linn Dhiùrasach agus ’s e Dearc sgiathanach a’ chiad shampall iomlan a dhearbh seo.

Tags

2022