News

Cuimhneachain gan sireadh bho chladaich so-leònte

Thathar ag iarraidh air daoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean cladaich so-leònte na h-Alba pàirt a ghabhail ann an taisbeanadh a tha a’ dèiligeadh ri prìomh cheistean àrainneachdail.

 A People's Archive of Sinking and Melting
Amy Balkin et al., 'A People’s Archive of Sinking and Melting', (2012-ongoing), Anvers Island, Antarctic Collection (Neus, Burns, Kovats). Courtesy of the Archive

Read in English

Thathar ag iarraidh orra rudan inntinneach a lorg ann an àiteachan a tha ann an cunnart bho àrdachadh ann an ìre nan cuantan. Bidh na nithean seo air an cleachdadh ann an tè de na h-obraichean ealain anns an taisbeanadh.

Tha luchd-glèidhidh an taisbeanaidh an dòchas gun gabh daoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean a tha ann an cunnart leithid Innse Gall, na h-Eileanan a Tuath agus Linneachan Fhoirthe agus Chluaidh ris an dùbhlan.

Tha A People’s Archive of Sinking and Melting – a thòisich an neach-ealain Ameireaganach Amy Balkin ann an 2011 – na chlàr shònraichte, a tha a’ sìor-atharrachadh, mu na cunnartan a tha an cois atharrachadh na gnàth-shìde.

Bidh an cruinneachadh de stuthan a chaidh a chruinneachadh leis an t-sluagh mar phàirt de thaisbeanadh leis an ainm The Normal, a bhios a’ fosgladh ann an Gailearaidh Rice Talbot, Oilthigh Dhùn Èideann air 29 Faoilleach.

Faodaidh daoine rud sam bith a lorgas iad ann an àite a tha ann an cunnart a chur chun a’ ghailearaidh –  sprùilleach no bàrrlach mara – cho fad ’s a tha cuideam nas lugha na 8 unnsaichean (225g) ann.

Bidh luchd-obrach a’ Ghailearaidh a’ cruinneachadh agus a’ taisbeanadh nan nithean a gheibhear le taic bhon neach-ealain. Às dèidh dhan taisbeanadh dùnadh air 10 Giblean, thèid na nithean a chur air adhart gu Balkin, a chuireas iad ris an tasglann, anns a bheil nithean bho shia mòr-thìrean a-nis.

Còmhla ri nithean a chaidh a lorg bhon t-saoghal nàdarra, tha an tasglann a’ gabhail a-steach nithean làitheil – tiùb uachdar-fhiaclan, teàirrdsear-fòn briste agus dolar bho na Stàitean Aonaichte.

Tha gach rud air tighinn bho àiteachan air an deach sgrios a dhèanamh le àrdachadh ann an ìre na mara bhon uair sin, tro leaghadh eigh-shruthan, tuiltean, tart agus seòrsachan eile de fhìor dhroch shìde mar thoradh air atharrachadh na gnàth-shìde.

Ann an co-theacsa sam bith eile, cha bhiodh na nithean fa leth seo sònraichte idir ach; nuair a thèid am faicinn mar phàirt de dh’obair ealain air a chur ri chèile gu faiceallach, tha iad a’ cruthachadh faireachdainn làidir.

Bidh an gailearaidh a’ cruinneachadh stuthan airson an tasglainn ro Cho-labhairt Atharrachadh Clìomaid nan Dùthchannan Aonaichte 2021 (COP26), a thèid a chumail ann an Glaschu bho 1 gu 12 Samhain.

Tha an luchd-glèidhidh toilichte gabhail ri nithean bho àiteachan a tha a-staigh dhan tìr a tha fo chunnart mar thoradh air atharrachadh na gnàth-shìde cuideachd.

Tha The Normal a’ nochdadh diofar sheallaidhean bho luchd-ealain cliùiteach mu dhùbhlain chruinneil an latha an-diugh. Chaidh a chur ri chèile mar fhreagairt air Covid-19, a bha na ‘ghairm-dùsgaidh’ dhuinn a rèir an luchd-glèidhidh.

Am measg nam prìomh chuspairean, tha buaidh a’ ghalar-sgaoilte air coimhearsnachdan, slàinte, obair, nàdair agus fiù ’s air beachdan a thaobh dè a th’ ann an adhartas. A rèir stiùiriche an Talbot Rice, Tessa Giblin, tha The Normal a’ daingneachadh gum feum sinn ath-bheachdachadh a dhèanamh anns a’ bhad air an dàimh a th’ againn ris an t-saoghal nàdarra.

Tha e a’ toirt còmhla luchd-ealain bho air feadh an t-saoghail a tha mothachail air an àm fìor chudromach seo an eachdraidh. Tha na leanas a’ gabhail pàirt: Amy Balkin, Anca Benera agus Arnold Estefan, an Teaghlach Boyle, Alexandra Daisy Ginsberg is Sascha Pohflepp, Gabrielle Goliath, Femke Herregraven, Jarsdell Solutions Ltd, Kahlil Joseph, Tonya McMullan, Sarah Rose agus James Webb.

Related Links

Cuir ri A People's Archive of Sinking and Melting

Gailearaidh Rice Talbot

Mapa eadar-obrachail a' sealltainn buaidh èirigh tìdeachan-mara air tìr