News

Buaidh Covid-19 air daoine ann an sgìrean dùthchail

Thèid mar a thug Covid-19 buaidh air daoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail na h-Alba a chlàradh ann an sgrùdadh ùr.

Read in English

Nì an cunntas-beachd seo sgrùdadh air buaidhean saidhceòlach, sòisealta agus ionmhasail a’ ghalair lèir-sgaoilte ann an sgìrean dùthchail, far a bheil aonan anns gach sianar ann an Alba a’ fuireach agus ag obair.

Tha seo air aon de na ciad rannsachaidhean a tha air sealladh a thoirt dhuinn air sgìrean dùthchail, thuirt co-òrdanaichean aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha tòrr de na rannsachaidhean a rinneadh air a’ ghalar mhòr-sgaoilte air cuimhseachadh air muinntir agus gnìomhachasan nam bailtean-mòra.

’S e an t-amas aige guth a thoirt do choimhearsnachdan dùthchail a thaobh mar as fheàrr a dhèiligeas iad ri poileasaidhean a bheir buaidh orra gu dìreach.

Ged nach robh na h-ìrean àrda de sgaoileadh a’ ghalair agus an àireamh de bhàsan a chunnacas ann an sgìrean bailteil sna ciad beagan mhìosan, bha duilgheadasan siubhail aca, nas lugha de chothrom air cùram slàinte, agus mì-chinnt eaconamach.

Bidh luchd-rannsachaidh a’ faighneachd diofar cheistean air cuspairean leithid càileachd nan ceanglaichean bann-leathainn, turasachd, slàinte agus sunnd.

Bithear cuideachd a’ tomhas dhraghan mu ruigsinneachd choinneamhan meidigeach, a’ cleachdadh còmhdhail phoblach agus smaointean air coinneamhan bhideo is fòn. 

Bidh an t-suirbhidh - air a bheil RuralCovidLife - fosgailte do dhuine sam bith a tha nas sine na 16 a tha a’ fuireach ann an sgìre dhùthchail ann an Alba agus chaidh a dealbhadh ann an com-pàirteachas le daoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail.

Tha RuralCovidLife mar phàirt de Generation Scotland, pròiseact rannsachaidh fad-ùine air feadh na h-Alba a tha a’ coimhead air slàinte is sunnd nan saor-thoilich agus an teaghlaichean. Tha com-pàirtichean Generation Scotland air ceistean a fhreagairt air an eachdraidh mheidigeach agus an dòigh-beatha aca, agus air cothrom a thoirt do luchd-rannsachaidh na clàran slàinte aca fhaicinn.

Thug Covid-19 buaidh air coimhearsnachdan dùthchail ann an dòigh a bha gu math eadar-dhealaichte ri coimhearsnachdan bailteil. Le bhith ag èisteachd ri draghan nan coimhearsnachdan sin cuidichidh sin sinn le bhith a’ tuigsinn mar as fheàrr a bhith ag ullachadh airson an àm ri teachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil guthan dùthchail air an riochdachadh.

An t-Àrd-ollamh David PorteousPrìomh Neach-rannsachaidh aig Generation Scotland ann an Oilthigh Dhùn Èideann

Stèidhich Rhoda Meek, Comhairliche Didseatach agus croitear a tha a’ fuireach ann an Tioradh, iomairt shòisealta ris an canar isle20.com rè a’ ghlasaidh sìos gus leigeil le gnìomhachasan ann an eileanan na h-Alba a bha an urra ri turasachd an cuid bathair a reic air-loidhne.

Tha Covid-19 air a bhith dùbhlanach ge b’ e far a bheil thu a’ fuireach, agus tha suidheachadh air leth air a bhith aig na sgìrean dùthchail, a tha an urra ri turasachd gu ìre nas motha na an cuibheas. Bha e fìor mhath a bhith a’ coimhead air coimhearsnachdan a’ tighinn còmhla agus a bhith a’ faicinn tionnsgalachd ga cur an gnìomh, le daoine deònach am modalain gnìomhachais atharrachadh agus rudan ùra fheuchainn. Thathar an dòchas gum bi toraidhean na suirbhidh na dheagh bhun-stèidh airson a bhith ag ionnsachadh agus a’ togail airson an àm ri teachd.

Rhoda MeekBall den bhuidhinn-chomhairleachaidh airson RuralCovidLife

Chaidh Generation Scotland a chur air bhog bho chionn 14 bliadhna agus tha e air a mhaoineachadh le Wellcome.

Ceanglaichean ceangailte

RuralCovidLife

Generation Scotland

isle20

[Creideas ìomhaigh: fotoVoyager via Getty Images]