Celtic & Scottish Studies

Taic a bharrachd do Phròiseact Chaluim MhicGilleathain

Tha Rroinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba air leth toilichte gun tug Comhairle Rannsachaidh na h-Ealain agus Sgrùdaidhean Daonnda (AHRC) tabhartas dhuinn gus ceum eile a ghabhail air Pròiseact Chaluim MhicGilleathain a mhaireas bliadhna eile. Rè na bliadhna a tha romhainn, bithear a’ cur ris a’ phròiseict leis na leasaichaidhean a leanas:

Calum Maclean
  • Dà chlàr CD anns am bi ceòl agus òrain a chaidh a chruinneachadh le MacGilleathain air a co-bhanntachadh le Greentrax, companaidh aig a bheil sàr chliù an lùib ceòl traidiseanta;
  • Leasachadh a dhèanadh air an làraich-lìn far am bi goireasan air-loidhne eile rim faotainn, mar eisimpleir: gaileiridh dhealbhan de sheanchaidhean agus de dh’àiteachan air an robh MacGilleathain eòlach; na tursan air an robh MacGilleathain fhad ’s bha e ris an obair-chruinneachaidh; sreath rèidio ris an abrar ‘Fear Beag a’ Chridhe Mhòir’ a rinneadh le BBC Radio nan Gàidheal;
  • Co-labhairt eadar-nàiseanta le coinseart;
  • Foillseachaidhean acadaimigeach agus poblach;
  • Eachdraidhean-beatha goirid de na seanchaidhean a bu chudromaiche a thug an cuid sheanchais do MhacGilleathain agus a luchd-eòlais;
  • Òraidean anns na coimhearsnachdan;
  • Taisbeanadh mu bheatha MhicGilleathain, agus an dìleab phrìseil a dh’ fhàg e as a dheaghaidh, a thèid a chumail ann an Ionad nan Sgeulachd, Dùn Èideann, aig an Fhèis Tradfest eadar an Giblean agus an Cèitean 2013.

Am prìomh-amas den cheum a tha seo ann am Pròiseact Chaluim MhicGilleathan, ’s e gun tèid an stòr-dàta, a chaidh a chur air bhonn an toiseach ann an 2009 le Oilthigh Dhùn Éideann ann an co-bhuinn ri Coláiste Oilscoile, Baile Átha Cliath, a chur fo chomhair an t-sluaigh. Tha na chruinnich Calum MacGilleathain de bheul-aithris thairis air ceithir bliadhna deug air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean ri fhaotainn anns an stòr-dàta a tha seo. Bidh sinn a’ cur ris na meadhanan sòisealta fhad ’s a bhios a’ phròiseact fo sheòl agus faodaidh sibh sùil a thoirt air an sin gus a bhith a’ cumail suas ris na bhios a’ dol air adhart.

Theirgibh gu: