Bidh Comann nan Oileanach ag obair às do leth gus dèanamh cinnteach gum bi an t-eòlas as fheàrr agad fhad 's a tha thu an seo aig an Oilthigh.
Comann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann
Tha Comann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann ann airson riochdachadh agus taic a thoirt do choimhearsnachd de chòrr air 42, 000 oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann. Is e buidheann a th' ann a tha air a ruith airson is le oileanaich.
Teachdaireachd bho Cheannard Comann nan Oileanach
Is mise Sharan, Ceannard Comann nan Oileanach 2023/24, agus bu thoil leam an cothrom seo a ghabhail gu fàilte a chur thugaibh gu pearsanta gu Comann nan Oileanach. Chaidh mi fhìn is na ceathrar riochdairean eile (Alma, Katie, Lauren is Carl) a thaghadh le oileanach coltach riut fhèin, air ais sa Mhàrt, gus dèanamh cinnteach gum bi an t-Oilthigh ag èisteachd ri guthan nan oileanach agus gan cur an gnìomh.
Tha sinn a' dèanamh fiughair gu mòr ri bhith a' cur fàilte oirbh gu coimhearsnachd Oilthigh Dhùn Èideann!
Sharan Atwall
Ceannard Comann nan Oileanach, 2023/24
Lorgar Sharan agus an sgioba air fad air an duilleag Instagram aca.
Am bliadhna-sa, tha sinn fortanach gu bheil a' Ghàidhlig air a riochdachadh am measg oifigearan Comann nan Oileanach. Tha Gàidhlig aig EUSA VP Coimhearsnachd, Alma, agus tha iad ag obair gus dèanamh cinnteach gum bi barrachd taic ann airson na Gàidhlig agus gum bi an cànan air fhaicinn is air a chleachdadh air an àrainn.
Bidh Alma is Katie nan suidhe air buidheann-ghnìomha a' Phlana Ghàidhlig. Fios a bharrachd mun Phlana againn gu h-ìosal.