Sgeama Taic-airgid Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann
Tha Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt taic-airgid seachad tron sgeama seo gus taic a thoirt do dh’oileanaich an Oilthigh a tha airson amasan Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2019-24 a choileanadh.

Ceann-latha airson iarrtasan
Tha an sgeama dùinte. Bidh e fosgailte a-rithist nuair a bhios an taic-airgid air aontachadh airson na bliadhna.
Airidheachd
Oileanaich fa leth no comainn aig Oilthigh Dhùn Èideann
Ìre iarrtasan
£50-£100
Cànan
Gheibhear iarrtasan ann an Gàidhlig, Beurla no an dà chànan.
Amasan an sgeama
Thèid pròiseictean am measadh à reir na tomhasan a leanas. Thèid pròiseictean am maoineachadh a:
- leudachas inbhe na Gàidhlig aig an Oilthigh.
- chruthachas cothroman gus Gàidhlig a chleachdadh aig an Oilthigh.
- chruthachas no neartachas ceangalan ri buidhnean coimhearsnachd.
- tha ùr, ùr-ghnàthach, no a chuireas ri tachartas no pròiseict gus na h-amasan gu h-àrd a choileanadh.
Bidh pròiseactan soirbheachail a chleachdas am maoineachadh a th' ann san dòigh às èifeachdaich. Bu chòir tagraichean a bhith soilleir mu ciamar a choileanas am pròiseact amasan an sgeama agus mu chomasan an tagraiche airson am pròiseact a thoirt gu buil. Bu chòir foirmichean iarrtais a bhith soilleir agus glan.
Thèid foirmichean-iarrtais am measadh le panail, air a bheil riochdairean bho Bhuidheann Rùnaire an Oilthigh agus Ceiltis & Eòlas na h-Alba.
a' Bh-uas Bria Mason
Oifigear na Gàidhlig
- Oilthigh Dhùn Èideann
Contact details
- Work: 0131 650 2876
- Email: bria.mason@ed.ac.uk
Address
- Street
5 Forrest Hill
- City
- Dùn Èideann
- Post Code
- EH1 2QL
Availability
San oifis Dimàirt-Diardaoin