Undergraduate study - 2025 entry
Edinburgh: Extraordinary futures await.

MA Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileanta)

'S e amas a' chùrsa MA (le Urram) ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig a bhith a' cumail taic riut gus a dhol nad neach-foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, a thogas na luachan proifeiseanta de dh'earbsa, spèis, treibhdhireas agus dealas a thaobh prionnsabalan ceartais shòisealta.

Còd UCAS: 3T59

Faid: 4 bliadhna

Sgoil: Foghlam, Sgoil Foghlaim Taigh Mhoireibh

Colaiste: Na h-Ealanean, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta

Read this page in English

Ro-ràdh

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas, fèin-aithne nàiseanta agus beatha chultarach na h-Alba. Mar chànan oifigeil ann an Alba, tha a’ Ghàidhlig a’ toirt buaidh agus cumadh air litreachas na h-Alba, ceòl, ealain, film agus TBh, fèisean, agus gu dearbh, foghlam.  

Ionnsaich còmhla ruinn, agus bidh thu nad phàirt de thraidisean cliùiteach de dh’fhoghlam thidsearan a tha cha mhòr 200 bliadhna a dh’aois.  

Chaidh am prògram MA (le Urram) ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileantaich) a chruthachadh gus cuideachadh le bhith a’ cur aghaidh air a’ ghainnead nàiseanta de luchd-teagaisg Gàidhlig agus gus cur ri comas proifeasanta an luchd-teagaisg san àm ri teachd.  

Leis a’ cheum seo, gheibh thu buannachd bho na leanas:  

  • greis-gnìomhachais fad-bliadhna ann an suidheachadh bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, rud a tha ri fhaighinn ann an Oilthigh Dhùn Èideann a-mhàin 
  • teisteanas a leigeas leat teagasg ann an Gàidhlig no Beurla  
  • cùrsaichean sònraichte air dà-chànanas agus foghlam bogaidh, le fòcas air a’ Ghàidhlig agus Alba  
  • tabhartas £1,000 bho Bhòrd na Gàidhlig  

Ro dheireadh a’ phrògraim 4-bliadhna, chan e a-mhàin gun cuir thu ri solar tidsearan Gàidhlig ann an Alba, a’ dèanamh cinnteach gum bi do dhreuchd seasmhach, ach cuidichidh tu cuideachd gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig fhèin seasmhach san àm ri teachd. 

Carson ann an Dùn Èideann?

Tha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail anns a’ bhaile. Mar eisimpleir, tha buidhnean còmhraidh ann gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta, fèisean do luchd-ciùil, agus fèis bhliadhnail, Seachdain na Gàidhlig.

Bheir am prògram dhut cothrom dhut gus cùrsaichean a dhèanamh anns na cuspairean a leanas:

  • Ceiltis, le Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran
  • Cànanachas, le Sgoil Feallsanachd, Saic-eòlas agus Saidheansan Cànain

Tro Bhuidheann Rannsachadh Algorithmic na Gàidhlig (GARG), sgioba eadar-nàiseanta a tha a’ rannsachadh theicneòlasan an latha an-diugh airson na Gàidhlig, stiùirich sinn cruthachadh a’ chiad shiostam Aithneachaidh Cainnt Fèin-obrachadh san t-saoghal dhan Ghàidhlig.

Tha Neach-ealain Traidiseanta agus Sgrìobhadair Gàidhlig againn, neach-ciùil agus sgrìobhadair a bhios ag obair còmhla ri luchd-obrach agus oileanaich air diofar phròiseactan agus thaisbeanaidhean.

Com-pàirteachas slàinte is sunnd inntinn

Bidh oileanaich-teagaisg ann an Oilthigh Dhùn Èideann cuideachd a’ dol an sàs anns a’ phrògram slàinte is sunnd-inntinn againn. Tha seo air a thoirt seachad tron ​​chom-pàirteachas shònraichte againn leis a’ charthannas slàinte-inntinn chloinne Place2Be agus cuidichidh seo thu gus taic a chumail ri sunnd inntinn anns na clasaichean agad agus annad fhèin.

Place2Be aig Taigh Mhoireibh

Barantachadh

Tha MA (le Urram) ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (fileantaich) air a bharantachadh le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS).

Air dhaibh ceumnachadh, faodaidh gach oileanach às an RA agus às an Aonadh Eòrpach clàradh le GTCS mar luchd-teagaisg a tha air teisteanachadh gu sealadach agus tha e barantaichte gum faigh iad dreuchd fad bliadhna ann an sgoil Albannach.

Na bhios tu ag ionnsachadh

Bliadhna 1

Ann am bliadhna 1, nì thu:

  • eòlas foghlam bun-sgoile
  • eòlas foghlaim
  • Gàidhlig

Tha cùrsaichean foghlam na bun-sgoile a’ gabhail a-steach greisean gnìomhachais ann an sgoiltean.

Bliadhna 2

Ann am bliadhna 2, nì thu:

  • eòlas foghlam bun-sgoile
  • eòlas foghlaim
  • Gàidhlig
  • cànanachas

Tha cùrsaichean foghlam na bun-sgoile a’ gabhail a-steach greisean gnìomhachais ann an sgoiltean.

Bliadhna 3

Ann am bliadhna a 3:

  • Nì thu greis gnìomhachais fad bliadhna ann am bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig.
  • Gheibh thu eòlas air measgachadh de dh’ìrean sgoile agus obrachaidh tu gus na sgilean agus comasan proifeiseanta a thogail a tha a dhìth airson a bhith air do chlàradh le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba.
  • Nì thu cùrsaichean ann an eòlas foghlam na bun-sgoile agus eòlas foghlaim (le fòcas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig) tron bhliadhna, a’ tighinn air ais dhan oilthigh airson clasaichean air seachdainean sònraichte.

Bliadhna 4

Ann am bliadhna a 4, nì thu:

  • eòlas foghlam na bun-sgoile
  • eòlas foghlaim, a’ gabhail a-steach tràchdas
  • Teòirig agus Oide-eòlas ann am Foghlam Bogaidh is Dà-chànanach

Taghaidh tu cùrsa roghainneil bho na cùrsaichean a tha rim faighinn ann an Sgoil an Fhoghlaim.

Structar a' phrògraim

Faigh a-mach barrachd mu na cùrsaichean riatanach is roghainneil anns a’ phrògram ceuma seo.

Gus am bi beachd agad air dè bhios tu a’ dèanamh air a’ phrògram seo, bidh sinn a’ foillseachadh an fhiosrachaidh as ùire. Thoir an aire, ge-tà, gur dòcha nach e seo fiosrachadh mun bhliadhna inntrigidh agad ach mu bhliadhna acadaimigeach eile.

Structar a' phrògraim (2023/24) [anns a' Bheurla]

Càite am bi thu ag ionnsachadh?

Na goireasan againn

Bidh a’ mhòr-chuid den teagasg a’ dol air adhart ann an Sgoil Foghlaim Taigh Mhoireibh aig Campus Holyrood taobh a-staigh sgìre mheadhanach an Oilthigh.

Bidh cothroman agad air leabharlannan agus goireasan coimpiutaireachd an Oilthigh cuideachd.

Gabh turas bhiortail

Gabh turas bhiortail

Faodaidh tu sùil nas mionaidiche a thoirt air Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh agus air na goireasan agus an àrainn againn air làrach Tursan Bhiortail an Oilthigh.

Gabh turas bhiortail de Sgoil Foghlaim is Spòrs Thaigh Mhoireibh

Greisean gnìomhachais

Nì thu greisean gnìomhachais airson eòlas agus cleachdadh proifeiseanta tron chùrsa air fad agad   Ann am Bliadhna 3, nì thu greis gnìomhachais airson eòlas agus cleachdadh fhaighinn a mhaireas fad bliadhna ann an suidheachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Ionnsachadh is measadh

Ciamar a bhios mi ag ionnsachadh?

Thèid do theagasg tro mheasgachadh de:

  • òraidean
  • clasaichean
  • bùithtean-obrach
  • obair neo- eisimeileach ann am buidhnean beaga
  • tro bhith a’ cleachdadh ionnsachadh-d agus àrainneachdan ionnsachaidh tro mhas-fhìorachd

Ciamar a thèid mo mheasadh?

Thèid do mheasadh le farsaingeachd de dhòighean a' gabhail a-steach:

  • deuchainnean
  • aistean
  • portfoliothan
  • taisbeanaidhean

 Thèid do mheasadh le luchd-obrach sgoile agus le oidean oilthighe nuair a bhios tu air greisean-teagaisg

Mion-fhiosrachadh mun phrògram

Faigh a-mach barrachd mu amasan a’ phrògraim seo, mu na dh’ionnsaicheas tu, mar a thèid do mheasadh agus mun eòlas a thogas tu.

Gus am bi beachd agad air dè bhios tu a’ dèanamh air a’ phrògram seo, bidh sinn a’ foillseachadh an fhiosrachaidh as ùire. Thoir an aire, ge-tà, gur dòcha nach e seo fiosrachadh mun bhliadhna inntrigidh agad ach mu bhliadhna acadaimigeach eile.

Mion-fhiosrachadh mun phrògram (2021/22) [anns a' Bheurla]

Càite am bi thu ag ionnsachadh?

Nuair a bhios tu san àrainn, cuiridh tu a’ mhòr-chuid den ùine agad seachad ann am Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh - sa chlas, san leabharlann, no ann am fear den iomadh àite sòisealta is taic aig an Oilthigh.

Tha an Sgìre Mheadhanach Oilthigh Dhùn Èideann suidhichte air oir Seann Bhaile eachdraidheil Dhùn Èideann, air a chuairteachadh le tòrr àiteachan uaine.

Leabharlannan, cruinneachaidhean agus ionadan

Tha na goireasan againn airson na Ceiltis gan cumail ann an trì làraichean timcheall air Ceàrnag Sheòrais ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh:

  • Prìomh Leabharlann an Oilthigh agus a Ionad airson Cruinneachaidhean Rannsachaidh
  • Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Leabharlann Clas na Ceiltis aice
  • Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus Leabharlann Eòlas na h-Alba aice

Lorgaidh tu na leanas anns na làraichean seo:

  • còrr is 400,000 leabhar tearc
  • sia cilemeatair de thasglannan agus làmh-sgrìobhainnean
  • 33,000 clàraidhean de dh’òrain, de cheòl, de sgeulachdan agus de rannan ann an Scots, Gàidhlig is Beurla, san Tasglann a bharrachd air clàraidhean ann an dualchainntean a tha a-nis air a dhol à bith
  • na mìltean de dh’obraichean ealain, ionnsramaidean ciùil eachdraidheil agus nithean eile
  • na mìltean de dhealbhan-camara agus sgrìobhainnean eachdraidheil nach fhaicear gu tric ann cuideachd, a tha a’ glacadh taobhan sònraichte is làitheil de chultar is dualchas na h-Alba

Am measg prìomh ghioreasan airson na Ceiltis, tha:

  • Cruinneachadh MacGilleMhìcheil-MhicBhàtair
  • Cruinneachadh Dhòmhnaill MhicFhionghuin
  • Cruinneachadh Dhaibhidh Laing

Gabh turas bhiortail

Faodaidh tu sùil nas mionaidiche a thoirt air Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh agus air na goireasan agus an àrainn againn air làrach Tursan Bhiortail an Oilthigh.

Gabh turas bhiortail de Sgoil Foghlaim is Spòrs Thaigh Mhoireibh

Cothroman obrach

Mar as trice, bidh ceumnaichean MA (le Urram) Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileantaich) a’ teagasg ann am bun-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig no na Beurla.

Faodar an fheadhainn a tha airson cuir ris an eòlas aca air teagasg agus ionnsachadh, no a tha airson dleastanasan stiùiridh fhaighinn, bharrachd theisteanasan fhaighinn tro chùrsaichean iar-cheumnach

Riatanasan inntrigidh

Riatanas inntrigidh àbhaisteach

’S e an riatanas inntrigidh àbhaisteach:

  • Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S5 no AABB/ABBBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
  • A Levels: ABB.
  • Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).

Riatanas inntrigidh as ìsle

’S e an riatanas inntrigidh as ìsle airson tagraidhean leudachadh chothroman (widening access):

  • Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
  • A Levels: ABB.
  • Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).

Barrachd fiosrachadh airson tagraidhean leudachadh chothroman [anns a’ Bheurla]

Cuspairean riatanach

Feumaidh na toraidhean deuchainn a th’ agad gus na feumalachdan inntrigidh againn a choileanadh a bhith a’ gabhail a-steach na leanas:

  • SQA: Àrd-ìre: Beurla aig B. B’ fheàrr leinn tagraichean le Gàidhlig. Nàiseanta 5: Matamataig no Matamataig an Gnìomh aig ìre B agus Gàidhlig aig ìre A (mur eil an Àrd-ìre agad). Cha ghabhar ri SQA Àrd-ìre/Nàiseanta 5 Gaelic (Learners) airson a’ phrògraim seo; bu chòir dhut cur a-steach airson a’ phrògram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) an àite seo (còd UCAS 3R67). Airson fios mu theisteanasan Matamataig iomchaidh eile, cuir fios gu Oifis Inntrigidh nam Fo-cheumnaichean, Colaiste nan Ealan, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta tron cheangal gu h-ìosal.
  • A Levels: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth airson A Level. GCSEan: Cànan na Beurla agus Litreachas na Beurla, an dà chuid aig C no 4, agus Matamataig aig B no 6. Riatanas a bharrachd: Àrd-ìrean SQA: Gàidhlig aig B no Nàiseanta 5 sa Ghàidhlig aig A. B’ fheàrr leinn tagraichean aig a bheil Àrd-ìre SQA. Cha ghabhar ri SQA Àrd-ìre/Nàiseanta 5 Gaelic (Learners) airson a’ phrògram seo; bu chòir dhut cur a-steach airson a’ phrògram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) an àite seo (còd UCAS 3R67).
  • IB: HL: Beurla aig ìre 5. SL: Matamataig aig 5. Riatanas a bharrachd: Àrd-ìrean SQA: Gàidhlig aig B no Nàiseanta 5 sa Ghàidhlig aig A. B’ fheàrr leinn tagraichean aig a bheil Àrd-ìre SQA. Cha ghabhar ri SQA Àrd-ìre/Nàiseanta 5 Gaelic (Learners) airson a’ phrògraim seo; bu chòir dhut cur a-steach airson a’ phrògram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) an àite seo (còd UCAS 3R67)

Faigh a-mach barrachd mu riatanasan inntrigidh [sa Bheurla]

Riatanasan a bharrachd

Tha e cudromach gun seall tagraichean airson prògraman luchd-teagaisg gu bheil dealas agus brosnachadh aca airson a’ phrògraim agus airson a’ phroifeisein seo agus gun seall iad gu bheil iad freagarrach air an son.

Faodar seo a dhearbhadh tron aithris phearsanta agad, le bhith a’ coimhead air an eòlas a fhuair thu air an obair, agus a’ mìneachadh na tuigse a th’ agad air dreuchd an neach-teagaisg. Airson barrachd stiùiridh, faic làrach-lìn na sgoile.

Sgoil Foghlaim Taighe Mhoireibh  [anns a' Bheurla]

Agallamhan

Tha pròiseas agallamhan ann mar phàirt den phròiseas inntrigidh airson a’ phrògraim seo. Thèid fiosrachadh a bharrachd mun phròiseas a chur gu tagraichean a tha air a’ gheàrr-liosta airson agallamh.

Ion-fhreagarrachd obrachaidh (fitness to practice) 

Tha stiùireadh ann air ion-fhreagarrachd obrachaidh airson daoine a tha ag iarraidh a bhith nan luchd-teagaisg agus mholamaid gu làidir gun cuir thu eòlas air an stiùireadh seo mus dèan thu tagradh. Thoir sùil air làrach-lìn HEOPS (Higher Educational Physicians/Practitioners) airson stiùireadh ion-fhreagarrachd obrachaidh airson a’ phrògraim seo.

HEOPS

Faigh a-mach barrachd mu riatanasan inntrigidh [sa Bheurla]

Tagraichean eadar-nàiseanta

Bidh sinn a' cur fàilte air tagraidhean bho oileanach a tha a' dèanamh farsaingeachd de theisteanasan eadar-nàiseanta.

Riatanasan inntrigidh a rèir dùthcha [anns a' Bheurla]

Tairgsean bho thagraichean inbheach

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho oileanaich inbheach (mature students) agus tha sinn a’ gabhail ri farsaingeachd de theisteanasan.

Teisteanasan airson oileanaich inbheach [anns a' Bheurla]

Feumalachdan a thaobh na Beurla

Ge b’ e dè an nàiseantachd a th’ agad no dè an dùthaich anns a bheil thu a’ fuireach, feumaidh tu dearbhadh gu bheil ìre de chomas Beurla agad a bheir cothrom dhut soirbheachadh nad chuid ionnsachaidh.

SQA, GCSE agus IB

Airson sgoilearan SQA, GCSE agus IB, mur a tèid ìre nas àirde a shònrachadh anns na riatanasan inntrigidh a chaidh ainmeachadh, feumaidh pas a bhith agad sa Bheurla aig na h-ìrean seo, no nas àirde:

  • SQA Nàiseanta 5 aig Ìre C
  • SQA Ìre Choitcheann aig Ìre 3
  • GCSE/IGCSE aig Ìre C no 4
  • Level 2 Certificate aig Ìre C
  • IB Standard Level aig 5 (Cha tèid gabhail ri Beurla ab initio airson inntrigeadh)

Deuchainnean Beurla

Bidh sinn a’ gabhail ris na teisteanasan Beurla aig na h-ìrean a thèid a shònrachadh gu h-ìosal:

  • IELTS Academic: 6.5 uile gu lèir le co-dhiù 5.5 anns gach earrann.
  • TOEFL-iBT (a’ gabhail a-steach Home Edition): 92 uile gu lèir le co-dhiù 20 anns gach earrann. Cha bhi TOEFL MyBest Score a’ coileanadh nan riatanasan againn a thaobh na Beurla.
  • C1 Academic (CAE), C2 Proficiency (CPE): comharra de 176 uile gu lèir le co-dhiù 162 anns gach earrann.
  • Trinity ISE: ISE II le àrd-urraman anns na ceithir co-phàirtean uile.
  • PTE Academic (a’ gabhail a-steach air-loidhne): 62 uile gu lèir le co-dhiù 54 anns gach earrann.

Cha bhi IELTS One Skill Retake a’ coileanadh nan riatanasan againn a thaobh na Beurla. 

Feumaidh na teisteanasan Beurla agad a bhith nas ùire na dà bhliadhna air a’ chiad latha den mhìos anns an tòisich an ceum, ach a-mhàin ma tha thu a’ cleachdadh IELTS, PTE Academic, TOEFL no Trinity ISE a dh’fheumas a bhith nas ùire na dà bhliadhna.

Feumalachdan a thaobh na Beurla [anns a' Bheurla]

A' dèanamh tagradh

A' dìon bhuidhnean so-leòinte 

Bidh aig tagraichean sònraichte ri bhith a’ gabhail ann an Sgeama Disclosure Alba airson Dìon bhuidhnean so-leòinte (Protecting Vulnerable Groups - PVG) mus tòisich iad air a’ phrògram. A bharrachd air seo, feumaidh tagraichean nach eil a’ fuireach san RA, no a tha air còrr is bliadhna a thoirt seachad thall thairis, dearbhadh den aon seòrsa a thoirt seachad bhon ùghdarras nàiseanta iomchaidh.

Dàta Discover Uni

Tha am fiosrachadh seo mar phàirt de dh’iomairt aig an riaghaltas gus na stuthan a tha institiùdan a’ toirt seachad mu na prògraman ceuma aca a leasachadh.

Tha e am measg iomadh tùs fiosrachaidh a chuidicheas tu gus co-dhùnadh fiosrach a dhèanamh air dè na cuspairean a bhios tu a’ dèanamh agus dè an t-oilthigh/colaiste a thaghas tu.

Thoir an aire nach eil dàta Discover Uni ri fhaighinn airson a h-uile prògram.

Discover Uni: MA Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileanta) [anns a' Bheurla]

Cìsean, cosgaisean is maoineachadh

Cìsean teagaisg

Cìsean teagaisg airson MA Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileanta) [anns a' Bheurla]

Cosgaisean a bharrachd

Feumaidh gach tagraiche soirbheachail gabhail ann an sgeama Dìon Buidhnean So-leònte na h-Alba (Protecting Vulnerable Groups - PVG) le Oilthigh Dhùn Èideann mar a’ Bhuidhnean Chlàraichte.

Feumaidh tu na cosgaisean a phàigheadh airson a bhith a’ gabhail anns an sgeama; eadar £18 agus £59 aig an àm seo.

Maoineachadh

Airson barrachd fiosrachaidh mu na bhios e a’ cosg a bhith ag ionnsachadh còmhla ruinn agus mu thaic airgid, faic am fiosrachadh againn mu chìsean is maoineachadh.

Cìsean, cosgaisean is maoineachadh [anns a' Bheurla]

Ceistean

Oifis Inntrigidh nam Fo-cheumnaichean, Colaiste nan Ealan, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta

Eadar-lìon: Cuir fios gu Oifis Inntrigidh nan iar-Cheumnach aig Colaiste nan Ealan, nan Daonannachdan agus nan Saidheans Sòisealta  

Ceistean eadar-nàiseanta

Barrachd fiosrachaidh

Mar a nithear tagradh [anns a' Bheurla]

Sgoil: Foghlam, Sgoil [anns a' Bheurla]

Foghlaim Taigh Mhoireibh [anns a' Bheurla]

Colaiste: Ealainean, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta [anns a' Bheurla]

Read this page in English