MA Ceiltis agus Fraingis
Tha am prògram seo a’ toirt cothrom dhut a bhith ag ionnsachadh mu chànanan, litreachasan agus cultaran nan saoghal Ceilteach agus cuideachd mu dhùthchannan na Fraingis air feadh na cruinne.
Còd UCAS: QR51
Faid: 4 bliadhna
Lìbhrigeadh: Làn-ùine
Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran
Colaiste: Ealain, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta
Ro-ràdh
Tha an dàimh eadar Alba agus an Fhraing, dà nàisean le freumhan Ceilteach, a’ dol air ais iomadh linn.
Bheir am prògram co-urram seo dhut cothrom cùrsaichean a dhèanamh ann an cànanan, litreachasan agus cultaran an t-saoghail Cheiltich agus Fhrangaich, a tha an-diugh a’ gabhail a-steach dùthchannan eile san Roinn Eòrpa, Afraga agus Ameireagaidh.
Thig còmhla rinn agus gheibh thu sgilean cànain adhartach fhad ‘s a bhios tu ag ionnsachadh mu chultaran air leth beairteach, bho na Meadhan Aoisean chun na 21mh linn.
Cuiridh tu Bliadhna 3 seachad ag ionnsachadh no ag obair ann an dùthaich far a bheil Fraingis ga bruidhinn.
Bidh na cùrsaichean againn a’ coimhead air cùisean co-aimsireil leithid poileasaidh cànain agus ath-bheothachadh, colonachd agus dì-cholonachd.
Ceiltis
Bidh sinn a’ tabhann chùrsaichean ann an cànanan, litreachasan, eachdraidhean agus cultaran an t-saoghail Cheiltich aig gach ìre den phrògram ceithir bliadhna againn.
Tha roghainn agad Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh agus comas adhartach a thogail sa chànan.
Tha roghainn de shlighean tron phrògram a’ toirt cothrom dhut a bhith a’ leantainn nan cuspairean, linntean agus raointean eòlais ann an Ceiltis anns a bheil ùidh agad. Tha ar n-eòlas a’ gabhail a-steach:
- Gàidhlig na h-Alba bho dheireadh nam meadhan-aoisean gus an latha an-diugh, a’ gabhail a-steach poileasaidh agus ath-bheothachadh cànain
- traidisean litreachais meadhan-aoiseil ann an Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-aoiseil - an litreachas as fharsainge san Roinn Eòrpa gu lèir
- traidisean làidir a’ bheòil-aithris a chaidh a chlàradh bhon 18mh chun an latha an-diugh
- bàrdachd bho linn òir litreachas na Gàidhlig san 18mh linn
- freagairtean san 19mh agus 20mh linn ris na h-atharraichean cultarach agus cànanach luath anns na dùthchannan far a bheilear a’ bruidhinn nan Cànanan Ceilteach
- na meadhanan a tha a’ tighinn a-mach à saoghal eadar-mheasgte is beòthail an latha an-diugh ann an Alba is Èirinn na Gàidhlig agus anns a’ Chuimrigh
Ionnsachadh nan cànanan Ceilteac
Ma thaghas tu cùrsaichean ann an Gàidhlig na h-Alba, chan eil gu diofar an e fìor neach-tòiseachaidh a th’ annad sa Ghàidhlig; cuiridh sinn na diofar chlasaichean againn ann am Bliadhna 1 air dòigh gus am bi iad freagarrach airson a h-uile ìre de dh’eòlas air a’ Ghàidhlig agus airson daoine aig nach eil Gàidhlig sam bith.
Faodaidh tu cuideachd cànan Ceilteach meadhan-aoiseil ionnsachadh aig ìre urraim (Bliadhna 3 agus 4). Tha an dà chuid Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhanach rim faighinn. Airson na slighe seo, nì thu cùrsaichean air sìobhaltachd agus litreachas Ceilteach ann am Bliadhna 1 agus 2, le teacsaichean gan toirt dhut mar eadar-theangachadh Beurla.
Fraingis
Tha an Fhraingis na prìomh chànan cruinneil, air a bruidhinn ann an iomadh àite san Roinn Eòrpa, Afraga agus anns na h-Ameireagaidhean.
Ann an Dùn Èideann, ionnsaichidh tu an Fhraingis ann an co-theacs nan diofar dhùthchannan, chultaran agus chomainn-sòisealta anns a bheil i ga bruidhinn.
Thairis air a’ phrògram ceithir bliadhna agad, bidh cothrom agad fàs cha mhòr cho fileanta ri cuideigin aig a bheil i bho thùs agus tu cuideachd a’ faighinn foghlam cultarach farsaing anns am bi fastaichean a’ cur luach. Bheir sinn dhut bun-eòlas air a’ bheairteas agus iomadachd iongantach aig tè de shìobhaltachdan mòra an t-saoghail.
Bheir sinn dhut bun-eòlas air a’ bheairteas agus iomadachd iongantach aig saoghal na Fraingis tro bhith ag ionnsachadh mu:
- litreachas agus film
- eachdraidh phoilitigeach is gluasadan sòisealta
- beachdan feallsanachdail
Bidh na cùrsaichean againn a’ coimhead air stuthan bho na Meadhan-aoisean chun an 21mh linn agus a’ gabhail a-steach roghainnean sònraichte air an teagasg le prìomh eòlaichean san raon aca, a’ gabhail a-steach eòlas iar-cholonach agus eòlas gnè.
Carson Dùn Èideann
Tha sinn gun samhail ann an Alba ann a bhith a’ fighe a-steach làn bhliadhna acadaimigeach thall thairis a-steach dhan phrògram urraim ceithir-bliadhna, co-dhiù tha thu a’ cur seachad na bliadhna ag ionnsachadh no ag obair.
Tha am prògram againn fìor shùbailte. Ann am Bliadhnaichean 1 agus 2, a bharrachd air a bhith a’ dèanamh nam prìomh chùrsaichean agad, taghaidh tu cùrsaichean roghainneil bho raon farsaing de chuspairean, agus nì thu speisealachadh anns na bliadhnaichean urraim agad.
Tha Dùn Èideann, prìomh bhaile na h-Alba, na phrìomh bhaile fèise agus na fhìor dheagh àite gus Ceiltis a dhèanamh cho math ri cànan cruinneil sa cho-theacs chultarach aige.
Nuair a cheumnaicheas tu, bidh measgachadh agad de dh’fhoghlam cultarach farsaing agus de dh’eòlas sònraichte den t-seòrsa anns am bi fastaichean air feadh an t-saoghail a’ cur luach.
Na bhios tu ag ionnsachadh
Is e a shùbailteachd fear de na rudan as tarraingiche mun phrògram seo. Ann am Bliadhna 1 agus 2, na bliadhnaichean ro-urram agad, taghaidh tu cùrsaichean roghainneil bho raon fharsaing de chuspairean a bharrachd air na prìomh chuspairean agad, Ceiltis is Fraingis.
A bharrachd air a bhith a’ toirt dhut foghlam agus seata sgilean nas fharsainge, dh’fhaodte gun toir e cothrom dhut cuideachd fòcas a’ phrògraim agad atharrachadh ann an Bliadhna 3 is 4, na bliadhnaichean urraim agad.
Bliadhna 1
Ceiltis
Ann am Bliadhna 1 ann an Ceiltis, faodaidh tu taghadh eadar a bhith a’ dèanamh na Gàidhlig no a bhith a’ dèanamh Sìobhaltachd Cheilteach.
Slighe a’ chànain
Ma ghabhas tu slighe a’ chànain, bidh an cùrsa a nì thu a rèir na h-ìre de Ghàidhlig a th’ agad mar-thà. Mur a robh eòlas sam bith agad air a’ chànan roimhe, gheibh thu misneachd ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh na Gàidhlig le bhith a’ dèanamh a’ chùrsa Gàidhlig 1A againn. Mas e neach-labhairt adhartach a th’ annad, neartaichidh an cùrsa Gàidhlig 1B againn do chuid eòlais air litreachas na Gàidhlig agus cuiridh e ri do sgilean cànain.
Slighe nan Sìobhaltachdan
Tha dà chùrsa ann an slighe nan sìobhaltachdan: Sìobhaltachd Cheilteach 1A agus 1B. Còmhla, tha iad a’ feuchainn ri cànanan Ceilteach an àm a dh’fhalbh agus an latha an-diugh - a chur ann an co-theacsa eachdraidheil agus co-aimsireil nas fharsainge.
Air na cùrsaichean seo, beachdaichidh tu air a’ bhuaidh a tha aig Ceilteachas an latha an-diugh air mar a thathar a’ tuigsinn an àm a dh’fhalbh, agus tòisichidh tu air sgrùdadh air Eòlas Ceiltis anns na meadhan-aoisean agus san latha an-diugh.
Tha cothrom ann cuideachd cùrsa ann an Sìobhaltachd Cheilteach a dhèanamh còmhla ris a’ chùrsa bhunaiteach ionnsachaidh cànain againn, Bun-eòlas air a’ Ghàidhlig agus a Cultar.
Fràingis
Mur eil ach beagan eòlais agad air an Fhraingis, nì thu Fraingis 1a ann am Bliadhna 1. Seo dian-chùrsa cànain a tha cuideachd a’ toirt dhut eòlas mu chultar na Frainge.
Ma rinn thu Fraingis às dèidh Nàiseanta 5 (SQA) no GCSE, mar as trice, nì thu Fraingis 1B. A bharrachd air a bhith a’ cur ri do sgilean cànain sgrìobhte agus labhairt, bidh an cùrsa seo a’ coimhead gu dian air litreachas, cultar agus sìobhaltachd Frangach an latha an-diugh.
Bheir sinn eòlas dhut air a’ bheairteas agus iomadachd iongantach aig tè de shìobhaltachdan mòra an t-saoghail le bhith a’ cur fòcas air tachartasan sòisealta is poilitigeach bhon Dàrna Cogadh chun an 21mh linn.
- aghaidheachd agus co-obrachadh
- an Còigeamh Poblachd
- an Cèitean 1968
- feimineachd
- colonaidheachd agus dì-cholonaidheachd
Cùrsaichean roghainneil
Cuiridh tu crìoch air do chuid ionnsachaidh ann am Bliadhna 1 le cùrsaichean roinneil a thaghas tu bhon raon fharsaing de chùrsaichean a bhios Oilthigh Dhùn Èideann a’ tabhann.
Faodaidh tu, mar eisimpleir, cànan eile ionnsachadh. Bidh sinn a’ tabhann tè de roghainnean as fharsainge de chànanan ann an oilthigh sam bith san RA. Tha a’ mhòr-chuid freagarrach airson luchd-tòiseachaidh agus a’ gabhail a-steach ionnsachadh mu chultar. Tha iad seo a’ gabhail a-steach - ach chan ann a-mhàin - cùrsaichean ann an:
- cànanachas agus saidheansan cànain
- gnìomhachas, eaconamas agus informatigs
- poilitigs, poileasaidh sòisealta agus daonn-eòlas sòisealta
- eachdraidh ealain is ailtireachd
- eachdraidh, clasaigeachd agus arc-eòlas
- Ceiltis is eitn-eòlas Albannach
- feallsanachd, diadhachd agus lagh
Bliadhna 2
Ceiltis
Faodaidh tu taghadh eadar a bhith a’ dèanamh na Gàidhlig, no a bhith a’ dèanamh Litreachasan Ceilteach.
Ma ghabhas tu slighe a’ chànain, cuiridh tu ri do sgilean cànain is ionnsaichidh tu barrachd cuideachd mu litreachas, cultar agus structar cànanach na Gàidhlig, ag ionnsachadh mu rosg agus bàrdachd.
Ma nì thu an t-slighe litreachais, gheibh thu sealladh farsaing air prìomh ghnèithean litreachais agus teacsaichean bho Alba na Gàidhlig, Èirinn agus a’ Chuimrigh bho thràth anns na meadhan-aoisean chun an latha an-diugh, le teacsaichean air an leughadh ann an eadar-theangachadh Beurla.
Fraingis
Bheir thu piseach a bharrachd air do chuid sgilean cànain anns an Fhraingis, a’ gabhail a-steach sgrìobhadh, eadar-theangachadh agus gràmar. Gheibh thu misneachd a bhith a’ bruidhinn ann am Fraingis air measgachadh de chuspairean co-cheangailte ris an Fhraing cho-aimsireil agus saoghal na Fraingis.
Nì thu cùrsa ann an litreachas agus cultar Frangach agus saoghal na Fraingis. Bheir an cùrsa seo eòlas dhut mu na h-ùghdaran as cudromaiche aig prìomh amannan ann an eachdraidh litreachais is cultarail na Frainge, bhon 12mh chun na 21mh linn.
Ionnsaichidh tu mu obair le sgrìobhadairean leithid Montaigne, Racine, Molière agus Baudelaire, còmhla ri teacsaichean a chaidh a mheas mar iomallach do chultar na Frainge air adhbharan gnè no poilitigs colonaidheach.
Cùrsaichean roghainneil
Mar a thachair ann am Bliadhna 1, nì thu roghainnean de chùrsaichean a thaghas tu bhon fharsaingeachd de chùrsaichean a bhios Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt seachad.
Tha na cùrsaichean roghainneil seo a’ gabhail a-steach deagh roghainn de chànanan agus cultaran Eòrpach, a tha a’ coimhead air litreachas, film agus tèatar ann an co-theacsan cuspaireil agus coimeasach.
Am measg nan roghainnean cùrsa àbhaisteach tha:
- Freagairtean cultarail ri Cogadh
- Imrich, Fògradh, Diaspora
- Eucoir agus Ceartas ann an Litreachas
- Gnè agus Cultar
- Aithris mu bhith a’ Tighinn gu Ìre
- Sùil thòiseachail air Filmichean Eòrpach
- Cànan agus Cumhachd
- Cànanan taobh a-muigh an Oilthigh
Bidh cothrom agad cuideachd cùrsa a dhèanamh ann am Poilitigs agus Institiudan na Frainge san latha an-diugh, no a bhith ag ionnsachadh Basgais, Catalanais no Duidsis bhunaiteach.
Bliadhna 3
Cuiridh tu seachad Bliadhna 3 thall thairis, a’ doimhneachadh do chuid eòlais air an Fhraingis le bhith ga bruidhinn gach latha agus gad bhogadh fhèin ann an cultar saoghal na Fraingis. Bheir a bhith a’ fuireach thall thairis cuideachd an sealladh, an t-eòlas agus na sgilean nas fharsainge dhut gus gabhail ri cothroman agus dùbhlain beatha às dèidh an oilthigh.
30 seachdainean airson tighinn beò sna cànanan aga
Cuiridh tu seachad 30 seachdain uile gu lèir san Fhraing no ann an dùthaich far a bheilear a’ bruidhinn na Fraingis.
Dh’fhaodte gum bi e comasach dhut an ùine agad a cho-roinn eadar dà dhiofar àite. Ma nì thu sin, cuiridh tu co-dhiù ochd seachdainean seachad anns gach àite gus dèanamh cinnteach gum bi an turas agad coileanta. A bharrachd air seo, mar as trice bidh mar a roinneas tu na 30 seachdainean agad an urra ri co-dhiù tha thu ag ionnsachadh, ag obair no a’ cur an dà chuid còmhla.
Càite an urrainn dhomh a dhol?
Gus an t-ionnsachadh clas agad a chur an sàs san t-saoghal mhòr agus airson cur ris, obraichidh tu no ionnsaichidh tu ann an co-dhiù aon dùthaich far a bheilear a’ bruidhinn na Fraingis.
Ma tha thu a’ beachdachadh air obair thall thairis, is e a’ chiad cheum tòiseachadh a bhith a’ smaoineachadh air far a bheil thu airson a dhol. Bidh riatanasan is pròiseasan tagraidh eadar-dhealaichte aig diofar dùthchannan a thaobh bhìosathan agus mar sin, tha e glic faighinn a-mach dè na sgrìobhainnean a bhios a dhìth ort agus a bheil thu ion-roghnach air bhìosa.
Mar as trice bidh àiteachan iomlaid againn ann an oilthighean com-pàirteach air feadh na Beilge, na h-Eilbheis agus na Frainge.
Faodar cuideachd a bhith ag obair ann an raon nas fharsainge de dhùthchannan anns a bheil Fraingis ga bruidhinn.
Ionnsachadh no obair?
Nuair a tha thu thall thairis, mar as trice faodaidh tu taghadh a bhith:
- ag ionnsachadh ann an aon no dhà àite
- ag obair ann an aon no dà àite
- ag ionnsachadh ann an aon àite agus ag obair ann an àite eile
Ma roghnaicheas tu a bhith ag ionnsachadh, gabhaidh tu clasaichean aig aon no dhà de na h-oilthighean far a bheil cothroman iomlaid againn. Tha seo a’ ciallachadh gun cur thu seachad an dàrna cuid:
- dà shemeastar aig aon ionad
no
- aon semeastar aig dà dhiofar ionad (ann an àiteachan eadar-dhealaichte)
Tha greis-gnìomhachais thall thairis na dhòigh mhath eile air sealladh eadar-nàiseanta fhaighinn, a bhith a’ togail lìonraidhean proifeasanta agus a bhith ag ullachadh airson do dhreuchd às dèidh an oilthigh.
Aon uair ’s gu bheil thu air dearbhadh gu bheil thu ion-roghnach air a bhith ag obair thall thairis, agus air bruidhinn mu na planaichean agad còmhla rinn, bidh cothrom agad aon no barrachd greis-gnìomhachais a dhèanamh. Mar eisimpleir, is dòcha gun lorg thu inntearnas no cothrom trèanaidh, gun cur thu obair air dòigh le companaidh phrìobhaideach no carthannas, gum bi cothrom agad a bhith a’ dèanamh obair shaor-thoileach, no a bhith nad neach-cuideachaidh teagaisg no cànain tro bhuidheann leithid Comhairle Bhreatainn.
Ge b’ e na chuireas tu romhad dèanamh, seo cothrom dhut adhartas a dhèanamh agus a bhith a’ fàs taobh a-muigh Dhùn Èideann. Tha e a’ cur taobh eadar-nàiseanta ri do chuid ionnsachaidh, a’ sealltainn do luchd-fastaidh san àm ri teachd gu bheil thu fosgailte do bheachdan is gnàth-eòlasan ùra.
Obair-chùrsa fhad ’s a bhios tu thall thairis
Bidh sinn ag amas air dèanamh cinnteach gum bi an tìde thall thairis agad cho buannachdail ’s a ghabhas dhan bhliadhna mu dheireadh agad, a bharrachd air a bhith a’ cur ris an ionnsachadh cànain, mothachadh cultarach agus leasachadh sgilean agad.
Airson taobh Ceilteach a’ phrògraim agad, bheir neach-stiùiridh ann an Dùn Èideann taic dhut le liosta leughaidh agus sgrìobhaidh tu dà aiste. No ma tha thu ag ionnsachadh ann an oilthigh a tha a’ tabhann chùrsaichean Ceiltis, faodaidh tu roghnachadh na cùrsaichean sin a dhèanamh.
A bharrachd air an sin, nì thu cùrsa e-ionnsachaidh ann am Fraingis gus d’ ullachadh airson do chùrsaichean cànain ann am Bliadhna 4. Bidh an cùrsa seo mar phàirt den chomharra agad airson Bliadhna 3, còmhla ri obair-chùrsa sam bith a chuir an t-oilthigh sa bheil thu ag ionnsachadh thall thairis air dòigh (ma tha thu ag ionnsachadh thall thairis).
A rèir ’s na tha thu an dùil dèanamh ann am Bliadhna 4, dh’fhaodadh tu cuideachd tòiseachadh a bhith ag ullachadh airson do thràchdas fhad ’s a tha thu thall thairis, le stiùireadh bho neach-stiùiridh an tràchdais agad.
A’ cumail ann an conaltradh
Fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh no ag obair thall thairis airson creideas, tha thu fhathast nad oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Bidh Oifis na Bliadhna Thall Thairis agus an Comhairliche Oileanach agad, a tha le chèile stèidhichte ann an Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC), a’ bruidhinn riut aig amannan cudromach sa Bhliadhna Thall Thairis agad. A bharrachd air sin, tha Co-òrdanaiche na Bliadhna Thall Thairis aig gach cànan airson ceistean acadaimigeach sam bith, a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu deiseil airson na bliadhna mu dheireadh agaibh ann an Dùn Èideann.
Dìreach mar àm sam bith eile fhad ’s a tha thu nad oileanach, tha cothrom agad air seirbheisean gu lèir an Oilthigh fhad ’s a bhios thu thall thairis.
Bidh seo a’ gabhail a-steach nan seirbheisean a leanas againn:
- Seirbheis Sunnd nan Oileanach
- Comhairleachadh nan Oileanach
- Taic Ciorram agus Ionnsachaidh Oileanaich
- Loidhne-cuideachaidh èiginneach an oilthigh (ri fhaighinn 24 uairean a thìde san latha)
Slàinte agus sunnd
’S e do shunnd agus do shàbhailteachd thall thairis a’ chiad phrìomhachas againn. Mura bi siubhal eadar-nàiseanta comasach no ma thèid greisean-gnìomhachais a bhriseadh, mar eisimpleir às dèidh comhairle siubhail bho Oifis nan Dùthchannan Cèin, a’ Cho-fhlaitheis is an Leasachaidh (FCDO) san RA, bheir sinn dòighean eile seachad gus na cuspairean agad a dhèanamh. Bheir sinn taic dhut gus na builean ionnsachaidh agad airson Ceiltis is Fraingis a choileanadh agus gus d’ ullachadh airson na bliadhna mu dheireadh agad.
Bliadhna 4
Togaidh tu sgilean adhartach ann am Fraingis labhairteach agus sgrìobhte. Is iad sin na prìomh chùrsaichean.
Taghaidh tu cùrsaichean speisealach aig ìre-urraim an dà chuid ann an Ceiltis agus Fraingis agus nì thu tràchdas no aiste fhada.
Ceiltis
Tha cùrsaichean an latha an-diugh a’ coimhead air taobhan litreachais, cultarach agus eachdraidheil de dh’Alba is Èirinn na Gàidhlig (mar eisimpleir cànanachas agus sòiseo-chànanachas) bho mu 1600 chun an latha an-diugh.
Ma nì thu cùrsaichean cànain adhartach ann an Gàidhlig na h-Alba, ionnsachaidh tu a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh le misneachd sa chànan mu ghrunn chuspairean a’ gabhail a-steach cùisean an latha agus cùisean cultarail a’ cleachdadh briathrachas, gràmar agus gnàthasan-cainnte iomchaidh.
Bidh cùrsaichean meadhan-aoiseil a’ toirt bun-eòlas dhut air Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-Aoiseil agus cuiridh iad ris an eòlas agad air litreachas, eachdraidh is cultar.
Fraingis
Air a teagasg le eòlaichean san raon aca, tha na cùrsaichean seo a’ gabhail a-steach cuspairean leithid:
- Autobiography
- Ficsean eucoir Frangach an latha an-diugh
- Foirmean aithriseach ann an Cultar Frangach agus Saoghal na Fraingis
- A’ coimhead air dearbh-aithne na Beilge tro Litreachas is Film
- Film air na h-iomaill
- Taigh-cluiche Frangach agus ar-a-mach
- Ìomhaighean de Iapan ann am Fraingis agus Cultar Saoghal na Fraingis bhon 19mh chun an 21mh Linn
- Litreachas agus Film: An dùbhlan a bhith ag atharrachadh
- Gaoil agus Tùirse anns an Fhraing Tràth san Nua-linn
- Buidhnean meadhan-aoiseil
- Strì gus Aithneachadh a choisinn anns an Fhraing san latha an-diugh
- Simone de Beauvoir
- An traidisean Dubh Radaigeach ann an Saoghal na Fraingis
- Cathair-bhaile an latha an-diugh: Paris
Structar a' phrògraim
Faigh a-mach barrachd mu na cùrsaichean riatanach is roghainneil anns a’ phrògram ceuma seo.
Gus am bi beachd agad air dè bhios tu a’ dèanamh air a’ phrògram seo, bidh sinn a’ foillseachadh an fhiosrachaidh as ùire. Thoir an aire, ge-tà, gur dòcha nach e seo fiosrachadh mun bhliadhna inntrigidh agad ach mu bhliadhna acadaimigeach eile.
Structar a' phrògraim (2023/24) [anns a' Bheurla]
Càite am bi thu ag ionnsachadh?
Air an àrainn
Nuair a bhios tu san àrainn, cuiridh tu a’ mhòr-chuid den ùine agad seachad ann am Sgìre Mheadhanach Oilthigh Dhùn Èideann - sa chlas, san leabharlann, no ann am fear den iomadh àite sòisealta is taic aig an Oilthigh.
Tha an Sgìre Mheadhanach suidhichte air oir Seann Bhaile eachdraidheil Dhùn Èideann, air a chuairteachadh le tòrr àiteachan uaine.
Gabh turas bhiortail timcheall air Àrainn a’ Mheadhain
Leabharlannan, cruinneachaidhean agus ionadan
Tha na goireasan againn airson Ceiltis is Fraingis air leth math. Sa mhòr-chuid, tha iad gan cumail ann an trì làraichean timcheall air Ceàrnag Sheòrais ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh:
- Prìomh Leabharlann an Oilthigh agus a Ionad airson Cruinneachaidhean Rannsachaidh
- Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Leabharlann Clas na Ceiltis aice
- Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus Leabharlann Eòlas na h-Alba aice
Lorgaidh tu na leanas anns na làraichean seo:
- còrr is 400,000 leabhar tearc
- sia cilemeatair de thasglannan agus làmh-sgrìobhainnean
- 33,000 clàraidhean de dh’òrain, de cheòl, de sgeulachdan agus de rannan ann an Scots, Gàidhlig is Beurla, san Tasglann a bharrachd air clàraidhean ann an dualchainntean a tha a-nis air a dhol à bith
- na mìltean de dh’obraichean ealain, ionnsramaidean ciùil eachdraidheil agus nithean eile
- na mìltean de dhealbhan-camara agus sgrìobhainnean eachdraidheil nach fhaicear gu tric ann cuideachd, a tha a’ glacadh taobhan sònraichte is làitheil de chultar is dualchas na h-Alba
- litrichean agus pàipearan co-cheangailte ri Ar-a-mach na Frainge agus poilitigs na Frainge
- filmichean, pàipearan naidheachd agus meadhanan eile
Am measg prìomh ghioreasan airson na Ceiltis, tha:
- Cruinneachadh MacGilleMhìcheil-MhicBhàtair
- Cruinneachadh Dhòmhnaill MhicFhionghuin
- Cruinneachadh Dhaibhidh Laing
Tha mòran de Chruinneachaidhean Sònraichte an Oilthigh ann an cruth didseatach agus rim faighinn air-loidhne bhon Ionad Ghoireasan sàr-mhath againn, sna deuchainn-lannan coimpiutaireachd agus ann an àiteachan obrach sònraichte ann an LLC.
Ionadan airson rannsachadh, teagasg agus com-pàirteachadh
Tro Bhuidheann Rannsachadh Algorithmic na Gàidhlig (GARG), sgioba eadar-nàiseanta a tha a’ rannsachadh theicneòlasan an latha an-diugh airson na Gàidhlig, stiùirich sinn cruthachadh a’ chiad shiostam Aithneachaidh Cainnt Fèin-obrachadh san t-saoghal dhan Ghàidhlig.
Tha sinn cuideachd nar ball stèidheachaidh aig Faclair na Gàidhlig, pròiseact co-obrachail gus faclair eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba fhoillseachadh.
Bidh sinn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann leasachaidh Ghàidhlig nàiseanta, air a bheil an t-Àrd-ollamh Rob Dunbar na Bhall Bùird (2023 gu 2027). Tha Rob cuideachd na bhall air Comataidh nan Eòlaichean air Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan – an t-aon chùmhnant san t-saoghal a tha air a dhealbhadh gus cànanan roinneil is mion-chànanan a dhìon agus a bhrosnachadh agus gus leigeil le luchd-labhairt an cleachdadh an dà chuid ann am beatha phrìobhaideach agus phoblach.
Air a stèidheachadh ann an 1995, tha ar Center de recherches francophones belges a’ brosnachadh teagasg litreachas Fraingis Beilgeach, agus a’ cumail raon de thachartasan do dh’oileanaich agus dhan phoball. Bho 2018, tha an t-Ionad air a bhith ann an com-pàirteachas le Wallonie-Bruxelles International (WBI) gus cultar Fraingis Beilgeach a thoirt gu Iomall Fèis Dhùn Èideann.
Tha prìomh phàirt againn cuideachd anns an lìonra Diaspolinks, le bhith a’ toirt còmhla luchd-rannsachaidh aig a bheil ùidh ann an raon Eòlas Diaspora a tha sìor-fhàs, gu sònraichte diasporathan anglophone agus francophone. Tha an lìonra eadar-nàiseanta gun samhail ann a bhith a’ dèanamh coimeas eadar freagairtean nan diofar choimhearsnachdan diasporic do chùisean a thaobh dearbh-aithne, buinteanas agus gluasad ann an co-theacs poileasaidhean in-imrich Bhreatainn, na Frainge agus Chanada.
Tachartasan agus gnìomhan
Tha Comann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA) a’ cumail taic ri còrr is 300 comann is cluba a tha air an stiùireadh le oileanaich, agus bidh e a’ brosnachadh chothroman le carthannasan ionadail tro ionad nan saor-thoileach aige.
’S e an Comunn Ceilteach an comann oileanaich as sine san Oilthigh agus bidh e a’ cur a’ chèilidh bhliadhnail as motha sa bhaile air dòigh.
Tha sinn dealasach mu cheòl, litreachas, òrain agus sgeulachdan, agus bidh sinn gu tric a’ cumail thachartasan airson luchd-obrach, oileanaich agus aoighean a bhios a’ tighinn gus bruidhinn, cluich no gus rannsachadh a thaisbeanadh.
Tha Neach-ealain Traidiseanta agus Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas againn, neach-ciùil agus sgrìobhadair a bhios ag obair còmhla ri luchd-obrach agus oileanaich air diofar phròiseactan agus thaisbeanaidhean.
Leugh agallamh le Màrtainn Mac an t-Saoir, sgrìobhadair Gàidhlig air mhuinntireas an Oilthigh
Anns a’ bhaile
Tha Dùn Èideann na phrìomh bhaile fèise aig ìre an t-saoghail a tha làn de thaighean-dhealbh, taighean-cluiche, gailearaidhean, leabharlannan agus cruinneachaidhean. Tha na goireasan sa bhaile a tha feumail airson cùrsaichean Ceiltis air leth. Tha mòran chruinneachaidhean nàiseanta suidhichte faisg air sgìre mheadhanach an Oilthigh, ga dhèanamh furasta a dhol ann eadar clasaichean. Am measg nam prìomh àiteachan, tha:
- Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, aig a bheil fear de na cruinneachaidhean Fraingis as fheàrr san RA
- Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
- Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba
- Leabharlann Bàrdachd na h-Alba
- Ionad Sgeulachdan na h-Alba
Tha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail anns a’ bhaile. Mar eisimpleir, tha buidhnean còmhraidh ann gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta, fèisean do luchd-ciùil, agus fèis bhliadhnail, Seachdain na Gàidhlig.
A bharrachd air prìomh fhèisean samhraidh a’ bhaile, bidh Fèis Film Fraingis Dhùn Èideann agus Africa in Motion a’ toirt dhuinn an cinema Fraingis as ùire agus as fheàrr an Dhùn Èideann gach geamhradh. Tha grunn fèisean bìdh ann cuideachd.
Ionnsaich thall thairis
Cuiridh tu seachad Bliadhna 3 thall thairis (co-dhiù 30 seachdain) ag obair no ag ionnsachadh ann an dùthaich far a bheilear a’ bruidhinn na Fraingis.
Co-dhiù tha thu ag ionnsachadh no ag obair, seo cothrom dhut adhartas a dhèanamh agus a bhith a’ fàs taobh a-muigh Dhùn Èideann. Tha ar luchd-ceumnachaidh air innse dhuinn dè cho buannachail ’s a bha a’ Bhliadhna Thall Thairis dhan chuid eòlas beatha agus do na sgilean aca san fharsaingeachd.
Tha fios againn gu bheil e coltach gum bi tòrr cheistean agad mun bhliadhna thall thairis. Tha sinn air tòrr mion-fhiosrachaidh a thoirt seachad mu càite an urrainn dhut a dhol agus dè as urrainn dhut dèanamh fo ‘Na bhios tu ag ionnsachadh / Bliadhna 3’ gu h-àrd. Gheibh thu barrachd a-mach cuideachd tro Sheirbheis Ionnsaich is Obraich Thall Thairis an Oilthigh.
Dè na roghainnean a th’ agam airson a bhith a’ dol thall thairis? [sa Bheurla]
Ionnsachadh is measadh
Ciamar a bhios mi ag ionnsachadh?
Tha an t-Oilthigh na àite airson na h-amasan agad fhèin a phlanadh fo stiùireadh sgileil, a bhith ri sgrùdadh neo-eisimeileach agus ann am buidhnean, agus a bhith a’ meòrachadh air do chuid ionnsachaidh tron cheum agad air fad.
Tha an dòigh-obrach againn a thaobh ionnsachadh is teagasg gnìomhach, in-ghabhalach agus air a stiùireadh le ceistean, agus mar sin dh’fhaodte gum bi e eadar-dhealaichte bho na dh’fhiosraich thu san sgoil. Cuidichidh e thu gus na sgilean a thogail airson beatha às dèidh an oilthigh, agus stiùiridh sinn thu tro na ceumannan bho aon ìre chun na h-ath ìre.
A rèir meud do bhuidheann bliadhna, agus dè na cùrsaichean roghainneil a nì thu, mar as trice bidh na clasaichean agad ann an trì roinnean-seòrsa:
- òraidean
- clasaichean
- seiminearan
A bharrachd air na clasaichean sin, agus gus a’ chuid as motha fhaighinn às na cùrsaichean agad, feumaidh tu leughadh fad is farsaing a dhèanamh. Bidh sinn a’ dèanamh feum mòr de na goireasan claisneachd is lèirsinneach againn, agus thèid do bhrosnachadh cuideachd gus stuthan air-loidhne a chleachdadh.
Òraidean
Bidh a h-uile oileanach air cùrsa a’ dol gu òraidean, mar as trice aig an aon am. Tha iad air an lìbhrigeadh mar thaisbeanaidhean eadar-ghnìomhach a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach stuthan lèir-chlaisneach. Bidh acadaimigeach sgilean a’ toirt seachad nan òraidean. Tha iad air an dealbhadh gus do stiùireadh tron chùl-fhiosrachadh, ceistean agus deasbadan co-cheangailte ris a’ chuspair mu bheil thu ag ionnsachadh.
Clasaichean
Tha buidhnean tutorial nas lugha Tha iad cuideachd air an stiùireadh le acadaimigeach, ach an seo tha barrachd cuideam air na tha thu fhèin a’ smaoineachadh mun chuspair. Mar sin, tha clasaichean a’ toirt cothrom dhut bruidhinn agus leudachadh air na dh’ionnsaich thu sna h-òraidean. Ma thaghas tu cùrsaichean a dhèanamh ann an Gàidhlig na h-Alba, bheir clasaichean cànain cothrom dhut na sgilean cànain agad a thoirt air adhart ann an raon de ghnìomhan san t-saoghal dha-rìribh fo stiùir tidsear cànain sgileil.
Mar as trice bidh na clasaichean seo a’ gabhail a-steach sgilean leithid leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt – agus iad uile a’ gabhail a-steach a bhith ag ionnsachadh gràmar agus ga chur gu feum.
Seiminearan
Bidh seiminearan a’ measgachadh feartan de dh’òraidean agus de chlasaichean. A-rithist, tha iad air an dealbhadh gus brosnachadh gun gabh thu pàirt gnìomhach ann an ionnsachadh. Air cuid de chùrsaichean, bidh seiminearan agad an àite òraidean, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad (Bliadhnaichean 3 agus 4).
Taic
A bharrachd air an luchd-teagaisg agus an luchd-obrach eile a chì thu bho latha gu latha, tha tòrr dhòighean ann air cuideachadh fhaighinn le do chuid ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach tro Institiud Leasachadh Acadaimigeach an Oilthigh (Institute for Academic Development - IAD).
A bharrachd air sin, bidh Comann nan Oileanach a’ comasachadh sgeama taic Fraingis, a’ toirt oileanaich bho dhiofar bhuidhnean bliadhna còmhla gus cuideachadh a thoirt do chàch a chèile le sgilean sgrùdaidh no cuspairean sònraichte.
Ciamar a thèid mo mheasadh?
Thèid do mheasadh tro mheasgachadh de dh’obair-chùrsa agus de dheuchainnean. Mar as trice bithear a’ dèanamh obair-cùrsa tron bhliadhna air fad, ach thèid deuchainnean a chumail aig deireadh bloc teagaisg. Tha obair-cùrsa uaireannan ann an diofar chruthan gus cothrom a thoirt dhut diofar sgilean a chleachdadh. Mar eisimpleir, dh’fhaodte gun tèid iarraidh ort:
- aiste, lèirmheas, post bloga, pìos beachd no iris ionnsachaidh a sgrìobhadh
- pìos sgrìobhaidh, film no meadhanan eile a sgrìobhadh, a’ gabhail a-steach tro leughadh dlùth
- òraid no taisbeanadh goirid a thoirt seachad
- pod-chraoladh no bhidio a chlàradh
- postair no taisbeanadh a dhealbhadh
Bidh na deuchainnean a’ gabhail a-steach deuchainnean labhairteach gus na sgilean labhairt agad a dhearbhadh.
Ma tha thu a’ dèanamh na Gàidhlig, bidh na deuchainnean a’ gabhail a-steach deuchainnean labhairteach gus na sgilean labhairt agad a dhearbhadh. Anns a’ bhliadhna mu dheireadh agad, nì thu tràchdas cuideachd.
Cothroman obrach
Sgilean is Eòlas
Le bhith a’ dèanamh cùrsaichean cànain agus cultair gu ìre ceum, tha e a’ sealltainn gu bheil thu math air conaltradh, agus gu bheil thu fosgailte do chultaran eile is do bheachdan ùra - rud anns a bheil fastaichean a’ cur luach mar Chomas Eadar-chultarach. A bharrachd air na sgilean cànain a gheibh thu air a’ phrògram co-urraim seo, agus an tuigse adhartach a gheibh thu air cultaran is comainn-shòisealta eile, tha ceumnachadh le ceum MA ceithrir bliadhna bho Oilthigh Dhùn Èideann a’ nochdadh tapachd, sùbailteachd agus neart inntleachdail aig àrd-ìre.
Bidh na sgilean as urrainn dhut a thaisbeanadh do luchd-fastaidh a’ gabhail a-steach:
- comas air prìomh bhun-bheachdan a thuigsinn, a mhion-sgrùdadh agus a chur an cèill
- a bhith ag obair air diofar sheòrsaichean phròiseactan le cinn-latha
- a bhith ag obair an dà chuid gu neo-eisimeileach agus mar phàirt de bhuidheann
Cothroman ionadail agus cruinneil
Mar thoradh air ruigsinneachd eadar-nàiseanta a tha a’ sìor fhàs, tha àireamh an luchd-labhairt agus luchd-èisteachd ùr dealasach aig cànanan, litreachasan agus cultaran Ceilteach a’ dol am mead fad an t-siubhail.
Ann an Alba gu sònraichte, tha leasachaidhean mar Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, cruthachadh BBC Alba (an t-seirbheis telebhisean didseatach Gàidhlig), agus leudachadh leantainneach ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air iarrtas a thogail airson luchd-labhairt Gàidhlig le deagh fhoghlam no eòlaichean air cultar Ceilteach.
Tha fìor dheagh chothroman obrach taobh a-staigh foghlam, naidheachdan agus na meadhanan, craoladh (an dà chuid rèidio agus telebhisean), poileataigs agus san roinn chultaraich. Ann an cuid de raointean, tha barrachd obraichean Gàidhlig ann na tha ann dè dhaoine leis na teisteanasan gus an lìonadh.
Às dèidh dhut ceumnachadh san Fhraingis, bidh làn chomas proifeasanta agad ann an cànan cudromach, a tha air aon de na cànainean as motha a tha ga bruidhinn bruidhinn san t-saoghail.
Bidh thu ann an deagh shuidheachadh airson cothroman a shireadh anns na 29 dùthchannan far a bheil an Fhraingis na cànan oifigeil, agus ann an iomadh companaidh agus ionad eadar-nàiseanta far a bheil i na cànan obrach, a’ gabhail a-steach Coimisean na h-Eòrpa.
Tha fìor dheagh chothroman obrach airson ceumnaichean cànain anns na raointean a leanas:
- foghlam, com-pàirteachadh, tagradh is trèanadh
- naidheachdan, craoladh agus na meadhanan
- conaltradh, margaidheachd, sanasachd agus dàimhean poblach
- poilitigs, obair poileasaidh, dioplòmasaidh, an t-seirbheis chatharra agus lagh
- foillseachadh, cultar, dualchas agus na h-ealainean
- eadar-theangachadh is eadar-mhìneachadh
Ann an cuid de raointean, tha barrachd obraichean Gàidhlig ann na tha ann de dhaoine leis na teisteanasan gus an lìonadh.
Bidh na sgilean daonnachd so-ghluasadach agad agus an Comas Eadar-chultarail agad cuideachd gad chur ann am fìor dheagh shuidheachadh airson roinnean leithid:
- gnìomhachas, ionmhas agus malairt
- cur-seachad, turasachd agus siubhal
- rannsachadh, leasachadh agus luathachadh iomairt
Rannsachadh a bharrachd
Tha na sgilean rannsachaidh leasaichte a thogas tu air prògram ceithir bliadhna, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad, nan stòras luachmhor ma tha thu airson leantainn air adhart ag ionnsachadh aig ìre iar-cheumnach.
Ann an Oilthigh Dhùn Èideann, mar as trice bidh sinn a’ tabhann:
- Ceuman MSc tro Rannsachadh ann an Ceiltis is Eòlas na h-Alba agus ann am Fraingis
- Prògraman MSc air an teagasg ann an Litreachas Coimeasach, Eadar-mheadhan, agus Eòlas Eadar-theangachaidh
Tha na prògraman seo nan deagh bhunait airson PhD, ach tha iad a cheart cho luachmhor mar theisteanas fa-leth.
Comhairle mu dhreuchdan
Tron ùine còmhla rinn, brosnaichidh sinn thu gus na sgilean cosnaidh agad aithneachadh agus a thoirt air adhart. Tha Comhairliche Dreuchdan sònraichte aig Sgoil nan Litreachasan, Chànanan is Chultaran (LLC) taobh a-staigh sàr Sheirbheis Dhreuchdan an Oilthigh. Tron t-seirbheis dhreuchdan againn faodaidh tu na leanas a dhèanamh:
- coinneamhan aon-ri-aon agus agallamhan obrach mas-fhìor a chur air dòigh
- cothrom fhaighinn air raon de ghoireasan air-loidhne
- fèilltean dreuchd cuspaireil a fhrithealadh leithid an Fhèis Dhreuchdan Cruthachail is Cultarach
Tha taic cho-leithid (peer) a’ gabhail a-steach Life After LLC, tachartas pannail far am faigh thu brosnachadh bho dhaoine a cheumnaich bhon sgoil bho chionn ghoirid.
Faigh brosnachadh bho na seann oileanaich againn
Riatanasan inntrigidh
Riatanas inntrigidh àbhaisteach
’S e an riatanas inntrigidh àbhaisteach:
- Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S5 no AABB/ABBBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
- A Levels: ABB.
- Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).
Riatanas inntrigidh as ìsle
’S e an riatanas inntrigidh as ìsle airson tagraidhean leudachadh chothroman (widening access):
- Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
- A Levels: ABB.
- Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).
Barrachd fiosrachadh airson tagraidhean leudachadh chothroman [anns a’ Bheurla]
Cuspairean riatanach
Feumaidh na cuspairean a leanas aig co-dhiù an ìre a leanas a bhith am measg nan teisteanasan agad:
- SQA: Àrd-ìre: Gàidhlig no Fraingis aig ìre B. Nàiseanta 5: Beurla aig ìre C agus Fraingis aig ìre B (mur eil an Àrd-ìre agad)
- A Levels: Fraingis aig ìre B. GCSEs: Beurla aig ìre C no 4
- Baccalaureate eadar-nàiseanta: HL: Fraingis aig ìre 5. SL: Beurla aig ìre 5
Faigh a-mach barrachd mu riatanasan inntrigidh [sa Bheurla]
Riatanasan a bharrachd
Riatanasan Cànain
Far a bheil riatanas ann airson cànan seach Beurla, thoir an aire nach fhaod oileanaich an cànan a th’ aca bho thùs a chleachdadh gus an riatanas seo a choileanadh. Ann an suidheachaidhean mar seo, bidh Beurla no cànan eile seach an cànan a th’ aca bho thùs freagarrach.
Faigh a-mach barrachd mu riatanasan inntrigidh [sa Bheurla]
Tagraichean eadar-nàiseanta
Bidh sinn a’ cur fàilte air tagraidhean bho oileanach a tha a’ dèanamh farsaingeachd de theisteanasan eadar-nàiseanta.
Riatanasan inntrigidh a rèir dùthcha [anns a' Bheurla]
Bun-prògram eadar-nàiseanta
Ma tha thu nad oileanach eadar-nàiseanta agus mur eilear a’ gabhail ris na teisteanasan sgoile agad airson inntrigeadh dìreach dhan oilthigh, faodaidh gum bi thu ion-roghnach airson a’ phrògram ceuma seo tron Bhun-phrògram Eadar-nàiseanta againn.
Bun-phrògram Eadar-nàiseanta [sa Bheurla]
Tairgsean bho thagraichean inbheach
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho oileanaich inbheach (mature students) agus tha sinn a’ gabhail ri farsaingeachd de theisteanasan.
Teisteanasan airson oileanaich inbheach [anns a' Bheurla]
Feumalachdan a thaobh na Beurla
Ge b’ e dè an nàiseantachd a th’ agad no dè an dùthaich anns a bheil thu a’ fuireach, feumaidh tu dearbhadh gu bheil ìre de chomas Beurla agad a bheir cothrom dhut soirbheachadh nad chuid ionnsachaidh.
SQA, GCSE agus IB
Airson sgoilearan SQA, GCSE agus IB, mur a tèid ìre nas àirde a shònrachadh anns na riatanasan inntrigidh a chaidh ainmeachadh, feumaidh pas a bhith agad sa Bheurla aig na h-ìrean seo, no nas àirde:
- SQA Nàiseanta 5 aig Ìre C
- SQA Ìre Choitcheann aig Ìre 3
- GCSE/IGCSE aig Ìre C no 4
- Level 2 Certificate aig Ìre C
- IB Standard Level aig 5 (Cha tèid gabhail ri Beurla ab initio airson inntrigeadh)
Deuchainnean Beurla
Bidh sinn a’ gabhail ris na teisteanasan Beurla aig na h-ìrean a thèid a shònrachadh gu h-ìosal:
- IELTS Academic: 6.5 uile gu lèir le co-dhiù 5.5 anns gach earrann.
- TOEFL-iBT (a’ gabhail a-steach Home Edition): 92 uile gu lèir le co-dhiù 20 anns gach earrann. Cha bhi TOEFL MyBest Score a’ coileanadh nan riatanasan againn a thaobh na Beurla.
- C1 Academic (CAE), C2 Proficiency (CPE): comharra de 176 uile gu lèir le co-dhiù 162 anns gach earrann.
- Trinity ISE: ISE II le àrd-urraman anns na ceithir co-phàirtean uile.
- PTE Academic (a’ gabhail a-steach air-loidhne): 62 uile gu lèir le co-dhiù 54 anns gach earrann.
Bidh sinn cuideachd a’ gabhail ri raon nas fharsainge de theisteanasan agus deuchainnean eadar-nàiseanta.
Cha bhi IELTS One Skill Retake a’ coileanadh nan riatanasan againn a thaobh na Beurla.
Feumaidh na teisteanasan Beurla agad a bhith nas ùire na dà bhliadhna air a’ chiad latha den mhìos anns an tòisich an ceum, ach a-mhàin ma tha thu a’ cleachdadh IELTS, PTE Academic, TOEFL no Trinity ISE a dh’fheumas a bhith nas ùire na dà bhliadhna.
Feumalachdan a thaobh na Beurla [anns a' Bheurla]
Dàta Discover Uni
Tha am fiosrachadh seo mar phàirt de dh’iomairt aig an riaghaltas gus na stuthan a tha institiùdan a’ toirt seachad mu na prògraman ceuma aca a leasachadh.
Tha e am measg iomadh tùs fiosrachaidh a chuidicheas tu gus co-dhùnadh fiosrach a dhèanamh air dè na cuspairean a bhios tu a’ dèanamh agus dè an t-oilthigh/colaiste a thaghas tu.
Thoir an aire nach eil dàta Discover Uni ri fhaighinn airson a h-uile prògram.
Discover Uni: MA Ceiltis agus Fraingis [anns a' Bheurla]
Cìsean, cosgaisean is maoineachadh
Cìsean teagaisg
Cìsean teagaisg airson MA Ceiltis agus Fraingis [anns a' Bheurla]
Cosgaisean a bharrachd
Cho fad ’s is gum bi siubhal eadar-nàiseanta comasach, cuiridh tu Bliadhna 3 seachad thall thairis. Bidh na cosgaisean agad a rèir far a bheil thu airson a dhol agus dè nì thu.
Ma bhios greis gnìomhachais agad le grant Erasmus+, mar eisimpleir, dh’fhaodte gur e seo a’ bhliadhna as saoire a bhios agad den phrògram agad. Dh’fhaodte gun cuir oilthighean taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich cìs ort airson chùrsaichean ach bheir sinn an t-airgead air ais dhut airson seo cho fad ’s a tha sinn air an cùrsa aontachadh.
Thèid fios a thoirt dhut mu dè na cosgaisean a dh’fhaodadh a bhith ann nuair a tha thu a’ planadh na bliadhna thall thairis agad rè Bliadhna 2.
Maoineachadh
Airson barrachd fiosrachaidh mu na bhios e a' cosg a bhith ag ionnsachadh còmhla ruinn agus mu taic airgid, faic am fiosrachadh againn mu chìsean is maoineachadh.
Cìsean agus maoineachadh [anns a' Bheurla]
Ceistean
Sgioba nan Ceistean
Post-d: futurestudents@ed.ac.uk
Barrachd fiosrachaidh
Mar a nithear tagradh [anns a' Bheurla]
Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran [anns a' Bheurla]
Colaiste: Ealainean, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta [anns a' Bheurla]