Undergraduate study - 2025 entry
Edinburgh: Extraordinary futures await.

MA Ceiltis agus Eòlas Lochlannach

Tha buaidh Lochlannach làidir air a bhith air an t-saoghal Cheilteach bho chionn fhada. Tha am prògram co-urram seo a’ toirt cothrom dhut a bhith ag ionnsachadh mu chànanan, litreachasan, eachdraidhean agus cultaran nan dùthchannan Ceilteach agus Lochlannach taobh ri taobh.

Còd UCAS: QR56

Faid: 4 bliadhna

Lìbhrigeadh: Làn-ùine

Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran

Colaiste: Ealain, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta

Read this page in English

Ro-ràdh

Tha buaidh Lochlannach làidir air a bhith air an t-saoghal Cheilteach bho chionn fhada.  

Tha am prògram co-urram gun samhail seo a’ toirt cothrom dhut a bhith ag ionnsachadh mu chànanan, litreachasan, eachdraidhean agus cultaran nan dùthchannan Ceilteach agus Lochlannach. 

Gheibh thu sgilean adhartach ann an co-dhiù aon chànan fhad ‘s a bhios tu ag ionnsachadh mu chultaran air leth beairteach, bho na Meadhan Aoisean chun 21mh linn. Cuiridh tu Bliadhna 3 seachad ag ionnsachadh no ag obair san Danmhairg, Nirribhidh no san t-Suain. 

Bidh na cùrsaichean againn a’ coimhead air cùisean co-aimsireil leithid poileasaidh cànain agus ath-bheothachadh, colonachd/iar-cholonachd agus imrich. Chan fheum eòlas a bhith agad air gin de na cànanan roimhe gus an cùrsa seo a dhèanamh.

Ceiltis

Ma nì thu Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ionnsaichidh tu mu chultaran fìor bheartach bho na Meadhan Aoisean chun an latha an-diugh.  

Bidh sinn a’ tabhann chùrsaichean ann an cànanan, litreachasan, eachdraidhean agus cultaran an t-saoghail Cheiltich aig gach ìre den phrògram ceithir bliadhna againn. 

Tha roghainn de shlighean tron phrògram a’ toirt cothrom dhut a bhith a’ leantainn nan cuspairean, linntean agus raointean eòlais ann an Ceiltis anns a bheil ùidh agad.  

Tha ar n-eòlas a’ gabhail a-steach: 

  • Gàidhlig na h-Alba bho dheireadh nam meadhan-aoisean gus an latha an-diugh, a’ gabhail a-steach poileasaidh agus ath-bheothachadh cànain  
  • traidisean litreachais meadhan-aoiseil ann an Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-aoiseil - an litreachas as fharsainge san Roinn Eòrpa gu lèir 
  • traidisean làidir a’ bheòil-aithris a chaidh a chlàradh bhon 18mh chun an latha an-diugh  
  • bàrdachd bho linn òir litreachas na Gàidhlig san 18mh linn 
  • freagairtean san 19mh agus 20mh linn ris na h-atharraichean cultarach agus cànanach luath anns na dùthchannan far a bheilear a’ bruidhinn nan Cànanan Ceilteach 
  • na meadhanan a tha a’ tighinn a-mach à saoghal eadar-mheasgte is beòthail an latha an-diugh ann an Alba is Èirinn na Gàidhlig agus anns a’ Chuimrigh 

Ionnsachadh nan cànanan Ceilteac 

Ma thaghas tu cùrsaichean ann an Gàidhlig na h-Alba, chan eil gu diofar an e fìor neach-tòiseachaidh a th’ annad sa Ghàidhlig; cuiridh sinn na diofar chlasaichean againn ann am Bliadhna 1 air dòigh gus am bi iad freagarrach airson a h-uile ìre de dh’eòlas air a’ Ghàidhlig agus airson daoine aig nach eil Gàidhlig sam bith. Faodaidh tu cuideachd cànan Ceilteach meadhan-aoiseil ionnsachadh aig ìre urraim (Bliadhna 3 agus 4).

Tha an dà chuid Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhanach rim faighinn. Airson na slighe seo, nì thu cùrsaichean air sìobhaltachd agus litreachas Ceilteach ann am Bliadhna 1 agus 2, le teacsaichean gan toirt dhut mar eadar-theangachadh Beurla.

Eòlas Lochlannach

Tha buaidh mhòr air a bhith aig cànanan Lochlainn taobh a-muigh an t-saoghail Nòrdaich, mar a tha cuideachd fìor le poileataigs agus cultar Lochlannach.

Tha cultaran sgrion agus litreachais na roinne a’ tarraing cliù eadar-nàiseanta, agus tha bun-bheachd sòisio-eaconamach a’ Mhodail Nòrdaich air a sgrùdadh gu farsaing.

Sa phrògram againn, bidh cothrom agad sgilean cànain labhairteach agus sgrìobhte a thogail aig àrd-ìre ann an Danmhairgis, Nirribhis no Suainis an latha an-diugh fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh mu thaobhan de chultar Lochlannach agus cultar Nòrdach nas fharsainge, san àm a dh’fhalbh agus san latha an-diugh.

Chan fheum eòlas a bhith agad air cànan Lochlannach mar-thà, oir tha cùrsaichean rim faighinn do luchd-tòiseachaidh. Ro Bhliadhna 3, bidh na sgilean agad airson bliadhna a chur seachad thall thairis anns an Danmhairg, ann an Nirribhidh no anns an t-Suain.

Ged a bhios tu a’ speisealachadh ann an aon chànan Lochlannach, gheibh thu tuigse air an dà chànan eile a bhios sinn a’ teagasg gu ìre ceum. Ann am Bliadhna a Dhà, mar eisimpleir, tha cothrom agad a bhith a’ coimhead air na rudan a tha coltach agus eadar-dhealaichte eadar Danmhairgis, Suainis agus Nirribhis.

Carson Dùn Èideann

S e Dùn Èideann an t-aon oilthigh ann an Alba, agus air aon de dhìreach dà oilthigh san RA a tha a’ toirt seachad prògraman fo-cheum le co-urram ann an Eòlas Lochlannach.

A bharrachd air a bhith air leth anns na chuspair a tha sinn a’ tabhann, tha sinn cuideachd gun samhail ann an Alba ann a bhith a’ fighe a-steach làn bhliadhna acadaimigeach thall thairis a-steach dhan phrògram urraim ceithir-bliadhna, co-dhiù tha thu a’ cur seachad na bliadhna ag ionnsachadh no ag obair. Mar sin cuiridh tu seachad Bliadhna 3 ann an Nirribhidh, san Danmhairg no san t-Suain.

Tha sinn pròiseil a bhith nar dachaigh do phrògram Sgoilearan a’ Chinn a Tuath a bhios a’ brosnachadh co-obrachadh eadar sgoilearan nan dùthchannan Nòrdach, nan dùthchannan Baltaigeach agus Alba.

Tha am prògram againn fìor shùbailte. Chan fheum eòlas a bhith agad air gin de na cànanan roimhe oir tha cùrsaichean luchd-tòiseachaidh rim faighinn. Ann am Bliadhnaichean 1 agus 2, taghaidh tu cùrsaichean roghainneil bho raon farsaing de chuspairean, agus nì thu speisealachadh anns na bliadhnaichean urraim agad.

Nuair a cheumnaicheas tu, bidh measgachadh agad de dh’fhoghlam cultarach farsaing agus de dh’eòlas sònraichte den t-seòrsa anns am bi fastaichean air feadh an t-saoghail a’ cur luach.

Le bhith a’ dèanamh Ceiltis gheibh mi tuigse nas fheàrr air Dùn Èideann agus tlachd nas motha às a’ bhaile; tha e a’ toirt taobh sònraichte dhan ùine agam an seo ann an Alba agus aig an Oilthigh. Bidh fiù ’s na modalan sin a tha a’ faireachdainn fada air falbh bho seo, leithid a bhith a’ sgrùdadh chànanan Ceilteach nam Meadhan Aoisean (mar a rinn mi), a’ cuideachadh nan oileanach gu bhith a’ tuigsinn cho toinnte agus cudromach ’s a tha na dearbh-aithnean fa leth aig na dùthchannan Ceilteach. 

JessicaBliadhna 4, MA Ceiltis is Eòlas Lochlannach (le Urram) 

Na bhios tu ag ionnsachadh

Is e a shùbailteachd fear de na rudan as tarraingiche mun phrògram seo.

Ann am Bliadhna 1 agus 2, na bliadhnaichean ro-urram agad, taghaidh tu cùrsaichean roghainneil bho raon fharsaing de chuspairean a bharrachd air na prìomh chuspairean agad, Ceiltis is Eòlas Lochlannach.

A bharrachd air a bhith a’ toirt dhut foghlam agus seata sgilean nas fharsainge, dh’fhaodte gun toir e cothrom dhut cuideachd fòcas a’ phrògraim agad atharrachadh ann an Bliadhna 3 is 4, na bliadhnaichean urraim agad.

Bliadhna 1

Ceiltis

Ann am Bliadhna 1 ann an Ceiltis, faodaidh tu taghadh eadar a bhith a’ dèanamh na Gàidhlig no a bhith a’ dèanamh Sìobhaltachd Cheilteach.

Slighe a’ Chànain

Ma ghabhas tu slighe a’ chànain, bidh an cùrsa a nì thu a rèir na h-ìre de Ghàidhlig a th’ agad mar-thà.

Mur a robh eòlas sam bith agad air a’ chànan roimhe, gheibh thu misneachd ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh na Gàidhlig le bhith a’ dèanamh a’ chùrsa Gàidhlig 1A againn.

Mas e neach-labhairt adhartach a th’ annad, neartaichidh an cùrsa Gàidhlig 1B againn do chuid eòlais air litreachas na Gàidhlig agus cuiridh e ri do sgilean cànain.

Slighe nan Sìobhaltachdan

Tha cothrom ann cuideachd cùrsa ann an Sìobhaltachd Cheilteach a dhèanamh còmhla ris a’ chùrsa bhunaiteach ionnsachaidh cànain againn, Bun-eòlas air a’ Ghàidhlig agus a Cultar.

Eòlas Lochlannach   Nì thu dian-chùrsa cànain do luchd-tòiseachaidh ann an Danmhairgis, Nirribhis no Suainis. Bheir seo comas dhut sgilean labhairteach agus sgrìobhte a thogail, agus bheir e bun-eòlas dhut air cultar Lochlannach.

Eòlas Lochlannach

Nì thu dian-chùrsa cànain do luchd-tòiseachaidh ann an Danmhairgis, Nirribhis no Suainis. Cuiridh tu ris na sgilean cànain labhairteach agus sgrìobhte agad, agus nì thu sgrùdadh air taobhan de litreachas agus cultar.      Thairis air Bliadhnaichean 1 is 2, thèid do bhrosnachadh cuideachd gus aon, no an dà chuid, den dà chùrsa an ann Sìobhaltachd Lochlannach a dhèanamh. Tha iad seo a’ toirt sealladh farsaing air gluasadan cudromach ann an eachdraidh, sòisealtas, cultar agus poilitigs an t-saoghail Lochlannaich agus Nòrdaich san fharsaingeachd, bho na h-amannan as tràithe chun an latha an-diugh.

Cùrsaichean roghainneil

Cuiridh tu crìoch air do chuid ionnsachaidh ann am Bliadhna 1 le cùrsaichean a thaghas tu bhon fharsaingeachd de chùrsaichean a bhios Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt seachad.    Faodaidh tu, mar eisimpleir, cànan eile ionnsachadh. Bidh sinn a’ tabhann tè de roghainnean as fharsainge de chànanan ann an oilthigh sam bith san RA. Tha a’ mhòr-chuid freagarrach airson luchd-tòiseachaidh agus a’ gabhail a-steach ionnsachadh mu chultar.

Tha iad seo a’ gabhail a-steach - ach chan ann a-mhàin - cùrsaichean ann an:  

  • cànanachas agus saidheansan cànain
  • gnìomhachas, eaconamas agus informataigs
  • poilitigs, poileasaidh sòisealta agus daonn-eòlas sòisealta
  • eachdraidh ealain is ailtireachd
  • eachdraidh, clasaigeachd agus arc-eòlas
  • Ceiltis is eitn-eòlas Albannach
  • feallsanachd, diadhachd agus lagh

Bliadhna 2

Ceiltis

Faodaidh tu taghadh eadar a bhith a’ leantainn air adhart leis a’ Ghàidhlig, no a bhith a’ dèanamh Litreachasan Ceilteach.   Ma ghabhas tu slighe a’ chànain, cuiridh tu ri do sgilean cànain is ionnsaichidh tu barrachd cuideachd mu litreachas, cultar agus structar cànanach na Gàidhlig, ag ionnsachadh mu rosg agus bàrdachd.   Ma nì thu an t-slighe litreachais, gheibh thu sealladh farsaing air prìomh ghnèithean litreachais agus teacsaichean bho Alba na Gàidhlig, Èirinn agus a’ Chuimrigh bho thràth anns na meadhan-aoisean chun an latha an-diugh, le teacsaichean air an leughadh ann an eadar-theangachadh Beurla.

Eòlas Lochlannach

Leanaidh tu ort le Danmhairgis 2, Nirribhis 2 no Suainis 2, a bhios a’ togail air agus a’ cur ris an eòlas cànain agad bho Bhliadhna 1.

Gluaisidh tu air adhart ri bhith a’ cleachdadh gràmar nas iom-fhillte, a’ gleusadh d’ fhuaimneachadh agus a’ togail air do bhriathrachas gus am bi thu misneachail ann a bhith gad chur fhèin an cèill air do Bhliadhna thall thairis ann am Bliadhna 3.

Nì thu barrachd chùrsaichean ann an litreachas agus cànanan Lochlannach cuideachd. Faodaidh tu, mar eisimpleir, co-dhùnadh cur ris na sgilean agad de bhith a’ coimhead air na rudan a tha coltach agus eadar-dhealaichte eadar Danmhairgis  Nirribhis agus Suainis.

Cùrsaichean roghainneil

Mar a thachair ann am Bliadhna 1, nì thu roghainnean de chùrsaichean a thaghas tu bhon fharsaingeachd de chùrsaichean a bhios Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt seachad.    

Tha na cùrsaichean roghainneil seo a’ gabhail a-steach deagh roghainn de chànanan agus cultaran Eòrpach, a tha a’ coimhead air litreachas, film agus tèatar ann an co-theacsan cuspaireil agus coimeasach.   

Am measg nan roghainnean àbhaisteach tha:    

  • Freagairtean cultarail ri Cogadh  
  • Imrich, Fògradh, Diaspora  
  • Eucoir agus Ceartas ann an Litreachas  
  • Gnè agus Cultar  
  • Aithris mu bhith a’ Tighinn gu Ìre   
  • Sùil thòiseachail air Filmichean Eòrpach  
  • Cànan agus Cumhachd  
  • Cànanan taobh a-muigh an Oilthigh

Bidh cothrom agad cuideachd an dàrna cuid no an dà chuid de na cùrsaichean Sìobhaltachd Lochlannach againn a dhèanamh, mura h-eil thu air sin a dhèanamh ann am Bliadhna 1 mar-thà. 

Bliadhna 3

Cuiridh tu seachad Bliadhna 3 thall thairis, ag ionnsachadh no ag obair ann an dùthaich far a bheil an cànan Lochlannach a thagh thu air a bruidhinn, le bhith ga bruidhinn gach latha agus gad bhogadh fhèin ann an cultar saoghal.

Bheir a bhith a’ fuireach thall thairis cuideachd an sealladh, an t-eòlas agus na sgilean nas fharsainge dhut gus gabhail ri cothroman agus dùbhlain beatha às dèidh an oilthigh.

30 seachdainean airson tighinn beò sna cànanan agad

Cuiridh tu seachad 30 seachdain uile gu lèir san.... no ann an dùthaich far a bheilear a’ bruidhinn...

Dh’fhaodte gum bi e comasach dhut an ùine agad a cho-roinn eadar dà dhiofar àite. Ma nì thu sin, cuiridh tu co-dhiù ochd seachdainean seachad anns gach àite gus dèanamh cinnteach gum bi an turas agad coileanta. A bharrachd air seo, mar as trice bidh mar a roinneas tu na 30 seachdainean agad an urra ri co-dhiù tha thu ag ionnsachadh, ag obair no a’ cur an dà chuid còmhla.

Càite an urrainn dhomh a dhol? 

Gus an t-ionnsachadh clas agad a chur an sàs san t-saoghal mhòr agus airson cur ris, obraichidh tu no ionnsaichidh tu ann an co-dhiù aon dùthaich far a bheilear a’ bruidhinn...

Ma tha thu a’ beachdachadh air obair thall thairis, is e a’ chiad cheum tòiseachadh a bhith a’ smaoineachadh air far a bheil thu airson a dhol. Bidh riatanasan is pròiseasan tagraidh eadar-dhealaichte aig diofar dùthchannan a thaobh bhìosathan agus mar sin, tha e glic faighinn a-mach dè na sgrìobhainnean a bhios a dhìth ort agus a bheil thu ion-roghnach air bhìosa.

[Mar as trice bidh àiteachan iomlaid againn ann an oilthighean com-pàirteach air feadh...]

Ionnsachadh no obair?

Nuair a tha thu thall thairis, mar as trice faodaidh tu taghadh a bhith:  

  • ag ionnsachadh ann an aon no dhà àite 

  • ag obair ann an aon no dà àite 
  • ag ionnsachadh ann an aon àite agus ag obair ann an àite eile  

Ma roghnaicheas tu a bhith ag ionnsachadh, gabhaidh tu clasaichean aig aon no dhà de na h-oilthighean far a bheil cothroman iomlaid againn. Tha seo a’ ciallachadh gun cur thu seachad an dàrna cuid:  

  • dà shemeastar aig aon ionad 

no  

  • aon semeastar aig dà dhiofar ionad (ann an àiteachan eadar-dhealaichte)  

Tha greis-gnìomhachais thall thairis na dhòigh mhath eile air sealladh eadar-nàiseanta fhaighinn, a bhith a’ togail lìonraidhean proifeasanta agus a bhith ag ullachadh airson do dhreuchd às dèidh an oilthigh.   

Aon uair ’s gu bheil thu air dearbhadh gu bheil thu ion-roghnach air a bhith ag obair thall thairis, agus air bruidhinn mu na planaichean agad còmhla rinn, bidh cothrom agad aon no barrachd greis-gnìomhachais a dhèanamh. Mar eisimpleir, is dòcha gun lorg thu inntearnas no cothrom trèanaidh, gun cur thu obair air dòigh le companaidh phrìobhaideach no carthannas, gum bi cothrom agad a bhith a’ dèanamh obair shaor-thoileach, no a bhith nad neach-cuideachaidh teagaisg.

Ge b’ e na chuireas tu romhad dèanamh, seo cothrom dhut adhartas a dhèanamh agus a bhith a’ fàs taobh a-muigh Dhùn Èideann. Tha e a’ cur taobh eadar-nàiseanta ri do chuid ionnsachaidh, a’ sealltainn do luchd-fastaidh san àm ri teachd gu bheil thu fosgailte do bheachdan is gnàth-eòlasan ùra.

Obair-chùrsa fhad ’s a bhios tu thall thairis

Bidh sinn ag amas air dèanamh cinnteach gum bi an tìde thall thairis agad cho buannachdail ’s a ghabhas dhan bhliadhna mu dheireadh agad, a bharrachd air a bhith a’ cur ris an ionnsachadh cànain, mothachadh cultarach agus leasachadh sgilean agad.  

Airson taobh Ceilteach a’ phrògraim agad, bheir neach-stiùiridh ann an Dùn Èideann taic dhut le liosta leughaidh agus sgrìobhaidh tu dà aiste. No ma tha thu ag ionnsachadh ann an oilthigh a tha a’ tabhann chùrsaichean Ceiltis, faodaidh tu roghnachadh na cùrsaichean sin a dhèanamh.  

A bharrachd air an sin, nì thu cùrsa e-ionnsachaidh ann am... gus d’ ullachadh airson do chùrsaichean cànain ann am Bliadhna 4. Bidh an cùrsa seo mar phàirt den chomharra agad airson Bliadhna 3, còmhla ri obair-chùrsa sam bith a chuir an t-oilthigh sa bheil thu ag ionnsachadh thall thairis air dòigh (ma tha thu ag ionnsachadh thall thairis).  

A rèir ’s na tha thu an dùil dèanamh ann am Bliadhna 4, dh’fhaodadh tu cuideachd tòiseachadh a bhith ag ullachadh airson do thràchdas fhad ’s a tha thu thall thairis, le stiùireadh bho neach-stiùiridh an tràchdais agad.

A’ cumail ann an conaltradh

Fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh no ag obair thall thairis airson creideas, tha thu fhathast nad oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann.  

Bidh Oifis na Bliadhna Thall Thairis agus an Comhairliche Oileanach agad, a tha le chèile stèidhichte ann an Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC), a’ bruidhinn riut aig amannan cudromach sa Bhliadhna Thall Thairis agad. A bharrachd air sin, tha Co-òrdanaiche na Bliadhna Thall Thairis aig gach cànan airson ceistean acadaimigeach sam bith, a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu deiseil airson na bliadhna mu dheireadh agaibh ann an Dùn Èideann.  

Dìreach mar àm sam bith eile fhad ’s a tha thu nad oileanach, tha cothrom agad air seirbheisean gu lèir an Oilthigh fhad ’s a bhios thu thall thairis.  

Bidh seo a’ gabhail a-steach nan seirbheisean a leanas againn: 

  • Seirbheis Sunnd nan Oileanach
  • Comhairleachadh nan Oileanach
  • Taic Ciorram agus Ionnsachaidh Oileanaich
  • Loidhne-cuideachaidh èiginneach an oilthigh (ri fhaighinn 24 uairean a thìde san latha) 

Slàinte agus sunnd

’S e do shunnd agus do shàbhailteachd thall thairis a’ chiad phrìomhachas againn. Mura bi siubhal eadar-nàiseanta comasach no ma thèid greisean-gnìomhachais a bhriseadh, mar eisimpleir às dèidh comhairle siubhail bho Oifis nan Dùthchannan Cèin, a’ Cho-fhlaitheis is an Leasachaidh (FCDO) san RA, bheir sinn dòighean eile seachad gus na cuspairean agad a dhèanamh. Bheir sinn taic dhut gus na builean ionnsachaidh agad airson Ceiltis is Eòlas Lochlannach a choileanadh agus gus d’ ullachadh airson na bliadhna mu dheireadh agad.  

Bliadhna 4

Togaidh tu sgilean cànan adhartach ann an Danmhairgis, Nirribhis no Suainis. Tha cùrsaichean bunaiteach a’ gabhail a-steach: 

  • Sgilean cànain sgrìobhte, a’ gabhail a-steach aiste, aithris agus sgrìobhadh gheàrr-chunntasan 
  • ag eadar-theangachadh ficsean agus neo-fhicsean bhon chànan Lochlannach a thagh thu gu Beurla 
  • sgilean cànain labhairteach, a’ gabhail a-steach tuigse air cànan agus stoidhle 

Taghaidh tu cùrsaichean speisealach aig ìre-urraim an dà chuid ann an Ceiltis agus Eòlas Lochlannach agus nì thu tràchdas no aiste fhada.

Ceiltis

Tha cùrsaichean an latha an-diugh a’ coimhead air taobhan litreachais, cultarach agus eachdraidheil de dh’Alba is Èirinn na Gàidhlig (mar eisimpleir cànanachas agus sòiseo-chànanachas) bho mu 1600 chun an latha an-diugh. 

Ma nì thu cùrsaichean cànain adhartach ann an Gàidhlig na h-Alba, ionnsachaidh tu a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh le misneachd sa chànan mu ghrunn chuspairean a’ gabhail a-steach cùisean an latha agus cùisean cultarail a’ cleachdadh briathrachas, gràmar agus gnàthasan-cainnte iomchaidh.  

Bidh cùrsaichean meadhan-aoiseil a’ toirt bun-eòlas dhut air Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-Aoiseil agus cuiridh iad ris an eòlas agad air litreachas, eachdraidh is cultar.    

Eòlas Lochlannach

Bidh cùrsaichean ag amas gu sònraichte air cuspairean cultarach Lochlannach bho na meadhan aoisean chun an latha an-diugh.    Mar as trice bidh iad a’ gabhail a-steach:    

  • Seann Litreachas agus Comunn-sòisealta nan Lochlannach 
  • Eòlas nan Seann Lochlannach  
  • Nynorsk 
  • Lochlann agus an Saoghal: An Ceann a Tuath san 21mh linn
  • Litreachas Lochlannach an latha an-diugh: Dòigh-obrach Thar-nàiseanta 
  • Eachdraidh an nobhail Lochlannaich 

Structar a' phrògraim

Faigh a-mach barrachd mu na cùrsaichean riatanach is roghainneil anns a’ phrògram ceuma seo.

Gus am bi beachd agad air dè bhios tu a’ dèanamh air a’ phrògram seo, bidh sinn a’ foillseachadh an fhiosrachaidh as ùire. Thoir an aire, ge-tà, gur dòcha nach e seo fiosrachadh mun bhliadhna inntrigidh agad ach mu bhliadhna acadaimigeach eile.

Structar a' phrògraim (2024/25) [anns a' Bheurla]

Càite am bi thu ag ionnsachadh?

Air an àrainn

Nuair a bhios tu san àrainn, cuiridh tu a’ mhòr-chuid den ùine agad ann am Sgìre Mheadhanach Oilthigh Dhùn Èideann - sa chlas, anns an leabharlann, no ann am fear den iomadh àite sòisealta aig an Oilthigh.

Tha an Sgìre Mheadhanach suidhichte air oir Seann Bhaile eachdraidheil Dhùn Èideann, air a chuairteachadh le tòrr àiteachan uaine.

Gabh turas bhiortail timcheall air Àrainn a’ Mheadhain 

Leabharlannan agus cruinneachaidhean   

Tha na goireasan againn airson na Ceiltis air leth math. 

Sa mhòr-chuid, tha iad gan cumail ann an trì làraichean timcheall air Ceàrnag Sheòrais ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh: 

  • Prìomh Leabharlann an Oilthigh agus a Ionad airson Cruinneachaidhean Rannsachaidh 
  • Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Leabharlann Clas na Ceiltis aice 
  • Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus Leabharlann Eòlas na h-Alba aice 

Lorgaidh tu na leanas anns na làraichean seo: 

  • còrr is 400,000 leabhar tearc 
  • sia cilemeatair de thasglannan agus làmh-sgrìobhainnean 
  • 33,000 clàraidhean de dh’òrain, de cheòl, de sgeulachdan agus de rannan ann an Scots, Gàidhlig is Beurla, san Tasglann a bharrachd air clàraidhean ann an dualchainntean a tha a-nis air a dhol à bith. 
  • na mìltean de dh’obraichean ealain, ionnsramaidean ciùil eachdraidheil agus nithean eile 
  • na mìltean de dhealbhan-camara agus sgrìobhainnean eachdraidheil nach fhaicear gu tric ann cuideachd, a tha a’ glacadh taobhan sònraichte is làitheil de chultar is dualchas na h-Alba 

Am measg prìomh ghioreasan airson na Ceiltis, tha: 

  • Cruinneachadh MacGilleMhìcheil-MhicBhàtair
  • Cruinneachadh Dhòmhnaill MhicFhionghuin
  • Cruinneachadh Dhaibhidh Laing

Tha mòran de Chruinneachaidhean Sònraichte an Oilthigh ann an cruth didseatach agus rim faighinn air-loidhne bhon Ionad Ghoireasan sàr-mhath againn, sna deuchainn-lannan coimpiutaireachd agus ann an àiteachan obrach sònraichte ann an LLC.

Ionadan airson rannsachadh, teagasg agus com-pàirteachadh

Tro Bhuidheann Rannsachadh Algorithmic na Gàidhlig (GARG), sgioba eadar-nàiseanta a tha a’ rannsachadh theicneòlasan an latha an-diugh airson na Gàidhlig, stiùirich sinn cruthachadh a’ chiad shiostam Aithneachaidh Cainnt Fèin-obrachadh san t-saoghal dhan Ghàidhlig. 

Leugh an t-artaigeal againn air na tha Aithneachadh Cainnt Fèin-obrachail a’ ciallachadh do Ghàidhlig na h-Alba san àm ri teachd [sa Bheurla]

Tha sinn cuideachd nar ball stèidheachaidh aig Faclair na Gàidhlig, pròiseact co-obrachail gus faclair eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba fhoillseachadh.

Bidh sinn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann leasachaidh Ghàidhlig nàiseanta, air a bheil an t-Àrd-ollamh Rob Dunbar na Bhall Bùird (2023 gu 2027). Tha Rob cuideachd na bhall air Comataidh nan Eòlaichean air Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan – an t-aon chùmhnant san t-saoghal a tha air a dhealbhadh gus cànanan roinneil is mion-chànanan a dhìon agus a bhrosnachadh agus gus leigeil le luchd-labhairt an cleachdadh an dà chuid ann am beatha phrìobhaideach agus phoblach. 

Tachartasan agus gnìomhan

Tha Comann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA) a’ cumail taic ri còrr is 300 comann is cluba air a stiùireadh le oileanaich, agus bidh e a’ brosnachadh chothroman le carthannasan ionadail tro ionad nan saor-thoileach aca.

’S e an Comunn Ceilteach an comann oileanaich as sine san Oilthigh agus bidh e a’ cur a’ chèilidh bhliadhnail as motha sa bhaile air dòigh. Tha Comann Lochlannach ann cuideachd.

Tha sinn dealasach mu cheòl, litreachas, òrain agus sgeulachdan, agus bidh sinn gu tric a’ cumail thachartasan airson luchd-obrach, oileanaich agus aoighean a bhios a’ tighinn gus bruidhinn, cluich no gus rannsachadh a thaisbeanadh.

Tha Neach-ealain Traidiseanta air Mhuinntireas againn cuideachd, neach-ciùil bho thaobh a-staigh nan ealan traidiseanta ann an Alba a bhios ag obair còmhla ri luchd-obrach agus oileanaich air diofar phròiseactan agus thaisbeanaidhean.

Ma tha thu dèidheil air sgrìobhadh, tha Babble, an iris air-loidhne againn airson sgrìobhadh cruthachail,  na dheagh àite airson a bhith a’ foillseachadh do chuid: 

  • rosg 
  • bàrdachd 
  • dràma 
  • neo-fhicsean 

Thèid Babble fhoillseachadh dà thuras sa bhliadhna agus tha e a’ gabhail a-steach obair sgrìobhte ann an Danmhairgis, Nirribhidh, Suainis agus sia cànanan Eòrpach eile. Is urrainn dhut a dhol an sàs anns a’ chomataidh deasachaidh, agus mar as trice bidh oidhcheannan bogaidh a’ gabhail a-steach leughaidhean agus cuirmean.

Leugh agallamh le Màrtainn Mac an t-Saoir, sgrìobhadair Gàidhlig air mhuinntireas an Oilthigh

Anns a’ bhaile

Tha Dùn Èideann na phrìomh bhaile fèise a tha làn de thaighean-dhealbh, thaighean-cluiche, ghailearaidhean, leabharlannan agus chruinneachaidhean. Am measg a ulaidhean falaichte tha clach-rùnach Shuaineach bho Linn nan Lochlannach a tha suidhichte taobh a-muigh togalaich LLC aig 50 Ceàrnag Sheòrais.

Tha mòran chruinneachaidhean nàiseanta suidhichte faisg air sgìre mheadhanach an Oilthigh, ga dhèanamh furasta a dhol ann eadar clasaichean. Am measg nam prìomh àiteachan tha an Leabharlann Nàiseanta agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, far a bheil ceanglaichean eadar Lochlann agus Alba follaiseach ann an nithean cudromach leithid Fir Tàileasg Leòdhais, a chaidh a dhèanamh ann an Nirribhidh meadhan-aoiseil, is dòcha.

Tha ceanglaichean fìor mhath aig a’ bhaile ris na dùthchannan Nòrdach, cho math ri coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail. Mar eisimpleir, tha buidhnean còmhraidh ann gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta, fèisean do luchd-ciùil, agus fèis bhliadhnail, Seachdain na Gàidhlig.

Ionnsaich thall thairis

Cuiridh tu seachad Bliadhna 3 thall thairis (co-dhiù 30 seachdain) ag obair no ag ionnsachadh ann an dùthaich far a bheil an cànan Lochlannach a thagh thu air a bruidhinn.

Co-dhiù tha thu ag ionnsachadh no ag obair, seo cothrom dhut adhartas a dhèanamh agus a bhith a’ fàs taobh a-muigh Dhùn Èideann. Tha ar luchd-ceumnachaidh air innse dhuinn dè cho buannachail ’s a bha a’ Bhliadhna Thall Thairis dhan chuid eòlas beatha agus do na sgilean aca san fharsaingeachd.   

Tha fios againn gu bheil e coltach gum bi tòrr cheistean agad mun bhliadhna thall thairis. Tha sinn air tòrr mion-fhiosrachaidh a thoirt seachad mu càite an urrainn dhut a dhol agus dè as urrainn dhut dèanamh fo ‘Na bhios tu ag ionnsachadh / Bliadhna 3’ gu h-àrd. Gheibh thu barrachd a-mach cuideachd tro Sheirbheis Ionnsaich is Obraich Thall Thairis an Oilthigh.  

Dè na roghainnean a th’ agam airson a bhith a’ dol thall thairis? [sa Bheurla]

Ionnsachadh is measadh

Ciamar a bhios mi ag ionnsachadh?

Tha an t-Oilthigh na àite airson na h-amasan agad fhèin a phlanadh fo stiùireadh sgileil, a bhith ri sgrùdadh neo-eisimeileach agus ann am buidhnean, agus a bhith a’ meòrachadh air do chuid ionnsachaidh tron cheum agad air fad.  

Tha an dòigh-obrach againn a thaobh ionnsachadh is teagasg gnìomhach, in-ghabhalach agus air a stiùireadh le ceistean, agus mar sin dh’fhaodte gum bi e eadar-dhealaichte bho na dh’fhiosraich thu san sgoil. Cuidichidh e thu gus na sgilean a thogail airson beatha às dèidh an oilthigh, agus stiùiridh sinn thu tro na ceumannan bho aon ìre chun na h-ath ìre.   

A rèir meud do bhuidheann bliadhna, agus dè na cùrsaichean roghainneil a nì thu, mar as trice bidh na clasaichean agad ann an trì roinnean-seòrsa:   

  • òraidean 
  • clasaichean 
  • seiminearan 

A bharrachd air na clasaichean sin, agus gus a’ chuid as motha fhaighinn às na cùrsaichean agad, feumaidh tu leughadh fad is farsaing a dhèanamh.  Bidh sinn a’ dèanamh feum mòr de na goireasan claisneachd is lèirsinneach againn, agus thèid do bhrosnachadh cuideachd gus stuthan air-loidhne a chleachdadh.

Bidh Comann nan Oileanach a’ comasachadh sgeama taic do dh’Eòlas Lochlannach, a’ toirt oileanaich bho dhiofar bhuidhnean bliadhna còmhla gus cuideachadh a thoirt do chàch a chèile le sgilean sgrùdaidh no cuspairean sònraichte. 

Òraidean 

Bidh a h-uile oileanach air cùrsa a’ dol gu òraidean, mar as trice aig an aon am. Tha iad air an lìbhrigeadh mar thaisbeanaidhean eadar-ghnìomhach a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach stuthan lèir-chlaisneach.  Bidh acadaimigeach sgilean a’ toirt seachad nan òraidean. Tha iad air an dealbhadh gus do stiùireadh tron chùl-fhiosrachadh, ceistean agus deasbadan co-cheangailte ris a’ chuspair mu bheil thu ag ionnsachadh. 

Clasaichean

Tha buidhnean tutorial nas lugha Tha iad cuideachd air an stiùireadh le acadaimigeach, ach an seo tha barrachd cuideam air na tha thu fhèin a’ smaoineachadh mun chuspair. Mar sin, tha clasaichean a’ toirt cothrom dhut bruidhinn agus leudachadh air na dh’ionnsaich thu sna h-òraidean.  Ma thaghas tu cùrsaichean a dhèanamh ann an Gàidhlig na h-Alba, bheir clasaichean cànain cothrom dhut na sgilean cànain agad a thoirt air adhart ann an raon de ghnìomhan san t-saoghal dha-rìribh fo stiùir tidsear cànain sgileil.  

Mar as trice bidh na clasaichean seo a’ gabhail a-steach sgilean leithid leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt – agus iad uile a’ gabhail a-steach a bhith ag ionnsachadh gràmar agus ga chur gu feum. 

Seiminearan

Bidh seiminearan a’ measgachadh feartan de dh’òraidean agus de chlasaichean. A-rithist, tha iad air an dealbhadh gus brosnachadh gun gabh thu pàirt gnìomhach ann an ionnsachadh.   Air cuid de chùrsaichean, bidh seiminearan agad an àite òraidean, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad (Bliadhnaichean 3 agus 4). 

Ciamar a thèid mo mheasadh?

Thèid do mheasadh tro mheasgachadh de dh’obair-chùrsa agus de dheuchainnean.  Mar as trice bithear a’ dèanamh obair-cùrsa tron bhliadhna air fad, ach thèid deuchainnean a chumail aig deireadh bloc teagaisg.  Tha obair-cùrsa uaireannan ann an diofar chruthan gus cothrom a thoirt dhut diofar sgilean a chleachdadh. Mar eisimpleir, dh’fhaodte gun tèid iarraidh ort: 

  • aiste, lèirmheas, post bloga, pìos beachd no iris ionnsachaidh a sgrìobhadh
  • pìos sgrìobhaidh, film no meadhanan eile a sgrìobhadh, a’ gabhail a-steach tro leughadh dlùth 
  • òraid no taisbeanadh goirid a thoirt seachad
  • pod-chraoladh no bhidio a chlàradh
  • postair no taisbeanadh a dhealbhadh

Bidh na deuchainnean a’ gabhail a-steach deuchainnean labhairteach gus na sgilean labhairt agad a dhearbhadh. 

Ma tha thu a’ dèanamh na Gàidhlig, bidh na deuchainnean a’ gabhail a-steach deuchainnean labhairteach gus na sgilean labhairt agad a dhearbhadh. Anns a’ bhliadhna mu dheireadh agad, nì thu tràchdas cuideachd.

Mion-fhiosrachadh mun phrògram

Faigh a-mach barrachd mu amasan a’ phrògraim seo, mu na dh’ionnsaicheas tu, mar a thèid do mheasadh agus mun eòlas a thogas tu.

Gus am bi beachd agad air dè bhios tu a’ dèanamh air a’ phrògram seo, bidh sinn a’ foillseachadh an fhiosrachaidh as ùire. Thoir an aire, ge-tà, gur dòcha nach e seo fiosrachadh mun bhliadhna inntrigidh agad ach mu bhliadhna acadaimigeach eile.

Cothroman obrach

Sgilean is Eòlas

Le bhith a’ dèanamh cùrsaichean cànain agus cultair gu ìre ceum, tha e a’ sealltainn gu bheil thu math air conaltradh, agus gu bheil thu fosgailte do chultaran eile is do bheachdan ùra - rud anns a bheil fastaichean a’ cur luach mar Chomas Eadar-chultarach.  A bharrachd air na sgilean cànain a gheibh thu air a’ phrògram co-urraim seo, agus an tuigse adhartach a gheibh thu air cultaran is comainn-shòisealta eile, tha ceumnachadh le ceum MA ceithrir bliadhna bho Oilthigh Dhùn Èideann a’ nochdadh tapachd, sùbailteachd agus neart inntleachdail aig àrd-ìre.

Bidh na sgilean as urrainn dhut a thaisbeanadh do luchd-fastaidh a’ gabhail a-steach:

  • comas air prìomh bhun-bheachdan a thuigsinn, a mhion-sgrùdadh agus a chur an cèill
  • a bhith ag obair air diofar sheòrsaichean phròiseactan le cinn-latha
  • a bhith ag obair an dà chuid gu neo-eisimeileach agus mar phàirt de bhuidheann

Cothroman ionadail agus cruinneil

Mar thoradh air ruigsinneachd eadar-nàiseanta a tha a’ sìor fhàs, tha àireamh an luchd-labhairt agus luchd-èisteachd ùr dealasach aig cànanan, litreachasan agus cultaran Ceilteach a’ dol am mead fad an t-siubhail.

Ann an Alba gu sònraichte, tha leasachaidhean mar Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, cruthachadh BBC Alba (an t-seirbheis telebhisean didseatach Gàidhlig), agus leudachadh leantainneach ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air iarrtas a thogail airson luchd-labhairt Gàidhlig le deagh fhoghlam no eòlaichean air cultar Ceilteach.

Tha fìor dheagh chothroman obrach taobh a-staigh foghlam, naidheachdan agus na meadhanan, craoladh (an dà chuid rèidio agus telebhisean), poileataigs agus san roinn chultaraich. Ann an cuid de raointean, tha barrachd obraichean Gàidhlig ann na tha ann dè dhaoine leis na teisteanasan gus an lìonadh.

Tha cothroman ann cuideachd leantainn air adhart leis an ionnsachadh agad aig ìre for-cheum, leis na bliadhnaichean urraim gu sònraichte a’ cur ris na sgilean rannsachaidh a bhios a dhìth ort ma thaghas tu an t-slighe seo.

Seach nach eil mòran cheumnaichean ann bho oilthighean na RA a tha a’ speisealachadh anns na cànanan Lochlannach, tha cothroman fìor mhath ann dhaibhsan a tha ag ionnsachadh Danmhairgis, Nirribhis no Suainis, gu h-àraidh a chionn 's gu bheil an luchd-labhairt aig gach cànan air an tuigsinn gu farsaing anns gach dùthaich Lochlannach.

Lorgar na ceumnaichean againn anns a h-uile seòrsa dreuchd, gu h-àraid an fheadhainn far a bheil sgilean conaltraidh math cudromach, cho math ri dòigh-smaoineachaidh a tha an dà chuid rianail agus mac-meanmnach, agus far a bheil na sgilean agus an t-eòlas a chaidh a thogail tron Bhliadhna Thall Thairis ga mheas cudromach.

Tha fìor dheagh chothroman obrach airson ceumnaichean cànain anns na raointean a leanas:

  • foghlam, com-pàirteachadh, tagradh is trèanadh
  • naidheachdan, craoladh agus na meadhanan
  • conaltradh, margaidheachd, sanasachd agus dàimhean poblach
  • poilitigs, obair poileasaidh, dioplòmasaidh, an t-seirbheis chatharra agus lagh
  • foillseachadh, cultar, dualchas agus na h-ealainean
  • eadar-theangachadh is eadar-mhìneachadh

Ann an cuid de raointean, tha barrachd obraichean Gàidhlig ann na tha ann de dhaoine leis na teisteanasan gus an lìonadh.

Bidh na sgilean daonnachd so-ghluasadach agad agus an Comas Eadar-chultarail agad cuideachd gad chur ann am fìor dheagh shuidheachadh airson roinnean leithid:

  • gnìomhachas, ionmhas agus malairt
  • cur-seachad, turasachd agus siubhal
  • rannsachadh, leasachadh agus luathachadh iomairt

Rannsachadh a bharrachd

Tha na sgilean rannsachaidh leasaichte a thogas tu air prògram ceithir bliadhna, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad, nan stòras luachmhor ma tha thu airson leantainn air adhart ag ionnsachadh aig ìre iar-cheumnach.

Ann an Oilthigh Dhùn Èideann, mar as trice bidh sinn a’ tabhann ceuman MSc tro Rannsachadh ann an Ceiltis is agus ann am Eòlas Lochlannach. Tha na prògraman seo nan deagh bhunait airson PhD, ach tha iad a cheart cho luachmhor mar theisteanas fa-leth.

Mar as trice bidh na prògraman MSc eadar-chuspaireil air a theagasg againn a’ gabhail a-steach:

  • Litreachas Coimeasach
  • Eòlas Eadar-theangachaidh
  • Sgrìobhadh Cruthachail
  • Sgrìobhadh Dràma
  • Eadar-mheadhan

Tha prògraman MSc ann cuideachd ann an eachdraidh, daonn-eòlas sòisealta, agus mòran chuspairean eile anns na h-ealainean, na daonnachdan agus saidheansan sòisealta. 

Riatanasan inntrigidh

Riatanas inntrigidh àbhaisteach

’S e an riatanas inntrigidh àbhaisteach:

  • Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S5 no AABB/ABBBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
  • A Levels: ABB.
  • Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).

Riatanas inntrigidh as ìsle

’S e an riatanas inntrigidh as ìsle airson tagraidhean leudachadh chothroman (widening access):

  • Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
  • A Levels: ABB.
  • Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).

Barrachd fiosrachadh airson tagraidhean leudachadh chothroman [anns a’ Bheurla]

Cuspairean riatanach

  • SQA: Àrd-ìre: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth aig Àrd-ìre. B’fheàrr leinn tagraichean le Gàidhlig, no cànan seach Beurla, aig ìre B.  Nàiseanta 5: Beurla aig ìre C agus cànan seach Beurla aig ìre B (mur eil an Àrd-ìre agad).
  • A Levels: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth airson A Level. B’fheàrr leinn tagraichean le cànan seach Beurla, aig ìre B. GCSEan: Beurla aig ìre C no 4 agus cànan seach Beurla aig ìre B no 6 (mur eil an A Level agad).
  • IB: HL: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth. B’fheàrr leinn tagraichean le cànan seach Beurla, aig ìre B. SL: Beurla aig ìre 5 agus cànan seach Beurla aig ìre 5 (mur eil e seo agad aig ìre HL).

Riatanasan a bharrachd

Riatanasan Cànain

Far a bheil riatanas ann airson cànan seach Beurla, thoir an aire nach fhaod oileanaich an cànan a th’ aca bho thùs a chleachdadh gus an riatanas seo a choileanadh. Ann an suidheachaidhean mar seo, bidh Beurla no cànan eile seach an cànan a th’ aca bho thùs freagarrach.

Faigh a-mach barrachd mu riatanasan inntrigidh [sa Bheurla]

Tagraichean eadar-nàiseanta

Bidh sinn a’ cur fàilte air tagraidhean bho oileanach a tha a’ dèanamh farsaingeachd de theisteanasan eadar-nàiseanta.

Riatanasan inntrigidh a rèir dùthcha [anns a' Bheurla]

Bun-prògram eadar-nàiseanta

Ma tha thu nad oileanach eadar-nàiseanta agus mur eilear a’ gabhail ris na teisteanasan sgoile agad airson inntrigeadh dìreach dhan oilthigh, faodaidh gum bi thu ion-roghnach airson a’ phrògram ceuma seo tron Bhun-phrògram Eadar-nàiseanta againn.

Bun-phrògram Eadar-nàiseanta [sa Bheurla]

Tairgsean bho thagraichean inbheach

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho oileanaich inbheach (mature students) agus tha sinn a’ gabhail ri farsaingeachd de theisteanasan.

Teisteanasan airson oileanaich inbheach [anns a' Bheurla]

Feumalachdan a thaobh na Beurla

Ge b’ e dè an nàiseantachd a th’ agad no dè an dùthaich anns a bheil thu a’ fuireach, feumaidh tu dearbhadh gu bheil ìre de chomas Beurla agad a bheir cothrom dhut soirbheachadh nad chuid ionnsachaidh.

SQA, GCSE agus IB

Airson sgoilearan SQA, GCSE agus IB, mur a tèid ìre nas àirde a shònrachadh anns na riatanasan inntrigidh a chaidh ainmeachadh, feumaidh pas a bhith agad sa Bheurla aig na h-ìrean seo, no nas àirde:

  • SQA Nàiseanta 5 aig Ìre C
  • SQA Ìre Choitcheann aig Ìre 3
  • GCSE aig C no 4
  • Level 2 Certificate aig Ìre C
  • IB Standard Level aig 5 (Cha tèid gabhail ri Beurla ab initio airson inntrigeadh)

Deuchainnean Beurla

Bidh sinn a’ gabhail ris na teisteanasan Beurla aig na h-ìrean a thèid a shònrachadh gu h-ìosal:

  • IELTS Academic: 6.5 uile gu lèir le co-dhiù 5.5 anns gach earrann.
  • TOEFL-iBT (a’ gabhail a-steach Home Edition): 92 uile gu lèir le co-dhiù 20 anns gach earrann. Cha bhi TOEFL MyBest Score a’ coileanadh nan riatanasan againn a thaobh na Beurla.
  • C1 Academic (CAE), C2 Proficiency (CPE): comharra de 176 uile gu lèir le co-dhiù 162 anns gach earrann.
  • Trinity ISE: ISE II le àrd-urraman anns na ceithir co-phàirtean uile.
  • PTE Academic (a’ gabhail a-steach air-loidhne): 62 uile gu lèir le co-dhiù 54 anns gach earrann.

Bidh sinn cuideachd a’ gabhail ri raon nas fharsainge de theisteanasan agus deuchainnean eadar-nàiseanta.

Cha bhi IELTS One Skill Retake a’ coileanadh nan riatanasan againn a thaobh na Beurla. 

Feumaidh na teisteanasan Beurla agad a bhith nas ùire na dà bhliadhna air a’ chiad latha den mhìos anns an tòisich an ceum, ach a-mhàin ma tha thu a’ cleachdadh IELTS, PTE Academic, TOEFL no Trinity ISE a dh’fheumas a bhith nas ùire na dà bhliadhna.

Feumalachdan a thaobh na Beurla [anns a' Bheurla]

Dàta Discover Uni

Tha am fiosrachadh seo mar phàirt de dh'iomairt aig an riaghaltas gus na stuthan a tha institiudan a' toirt seachad mu na prògraman ceuma aca a leasachadh.

Tha e am measg iomadh tùs fiosrachaidh a chuidicheas tu gus co-dhùnadh fiosrach a dhèanamh air dè na cuspairean a bhios tu a' dèanamh agus dè an t-oilthigh/colaiste a thaghas tu.

Thoir an aire nach eil dàta Discover Uni ri fhaighinn airson a h-uile prògram.

Discover Uni: MA Ceiltis agus Eòlas Lochlannach [anns a' Bheurla]

Cìsean, cosgaisean is maoineachadh

Cìsean teagaisg

Cìsean teagaisg airson MA Ceiltis agus Eòlas Lochlannach [anns a' Bheurla]

Cosgaisean a bharrachd

Tha e buailteach gum bi cosgaisean a bharrachd ann ma thaghas tu a bhith ag ionnsachadh thall thairis ann am Bliadhna 3. Bidh na cosgaisean agad a rèir far a bheil thu airson a dhol agus dè nì thu.

Thèid fios a thoirt dhut mu dè na cosgaisean a dh'fhaodadh a bhith ann nuair a tha thu a' planadh na bliadhna thall thairis agad rè Bliadhna 2.

Maoineachadh

Airson barrachd fiosrachaidh mu na bhios e a' cosg a bhith ag ionnsachadh còmhla ruinn agus mu taic airgid, faic am fiosrachadh againn mu chìsean is maoineachadh.

Cìsean agus maoineachadh [anns a' Bheurla]

Ceistean

Sgioba nan Ceistean

Post-d: futurestudents@ed.ac.uk

Barrachd fiosrachaidh

Mar a nithear tagradh [anns a' Bheurla]

Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran [anns a' Bheurla]

Colaiste: Ealainean, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta [anns a' Bheurla]

Read this page in English