Undergraduate study - 2025 entry
Edinburgh: Extraordinary futures await.

MA Ceiltis agus Cànan na Beurla

Tha am prògram seo a’ toirt cothrom dhut a bhith ag ionnsachadh mu chànanan, litreachasan agus cultaran nan saoghal Ceilteach cho math ri bhith ag ionnsachadh mu chànanachas na Beurla, a’ gabhail a-steach diofar sheòrsaichean Beurla.

Còd UCAS: QQ53

Faid: 4 bliadhna

Lìbhrigeadh: Làn-ùine

Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran

Colaiste: Ealain, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta

Read this page in English

Ro-ràdh

Ma nì thu Ceiltis agus cànan na Beurla ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ionnsaichidh tu mu chultaran fìor bheartach bho na Meadhan Aoisean chun an 21mh linn.

Tha am prògram co-urram seo a’ toirt cothrom dhut a bhith ag ionnsachadh mu chànanan, litreachasan agus cultaran an t-saoghail Cheiltich cho math ri bhith ag ionnsachadh mar a tha a’ Bheurla air atharrachadh is fàs thar nam bliadhnaichean.    Le bhith a’ cur còmhla a bhith ag ionnsachadh mu mar a tha cànan ag obair le traidisean cànanach is litreachais, tha thu a’ dearbhadh gur e neach-conaltraidh math a th’ annad, agus gu bheil thu fosgailte do chultaran eile agus do bheachdan ùra. 

Nuair a cheumnaicheas tu, bidh measgachadh agad de dh’fhoghlam cultarach farsaing agus de dh’eòlas sònraichte den t-seòrsa anns am bi fastaichean air feadh an t-saoghail a’ cur luach.

Ceiltis

Ma nì thu Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ionnsaichidh tu mu chultaran fìor bheartach bho na Meadhan Aoisean chun an latha an-diugh. 

Bidh sinn a’ tabhann chùrsaichean ann an cànanan, litreachasan, eachdraidhean agus cultaran an t-saoghail Cheiltich aig gach ìre den phrògram ceithir bliadhna againn.  

Tha roghainn agad Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh agus comas adhartach a thogail sa chànan.   

Tha roghainn de shlighean tron phrògram a’ toirt cothrom dhut a bhith a’ leantainn nan cuspairean, linntean agus raointean eòlais ann an Ceiltis anns a bheil ùidh agad.  

Tha ar n-eòlas a’ gabhail a-steach: 

  • Gàidhlig na h-Alba bho dheireadh nam meadhan-aoisean gus an latha an-diugh, a’ gabhail a-steach poileasaidh agus ath-bheothachadh cànain  
  • traidisean litreachais meadhan-aoiseil ann an Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-aoiseil - an litreachas as fharsainge san Roinn Eòrpa gu lèir 
  • traidisean làidir a’ bheòil-aithris a chaidh a chlàradh bhon 18mh chun an latha an-diugh  
  • bàrdachd bho linn òir litreachas na Gàidhlig san 18mh linn 
  • freagairtean san 19mh agus 20mh linn ris na h-atharraichean cultarach agus cànanach luath anns na dùthchannan far a bheilear a’ bruidhinn nan Cànanan Ceilteach 
  • na meadhanan a tha a’ tighinn a-mach à saoghal eadar-mheasgte is beòthail an latha an-diugh ann an Alba is Èirinn na Gàidhlig agus anns a’ Chuimrigh 

Ionnsachadh cànain  

Ma thaghas tu cùrsaichean ann an Gàidhlig na h-Alba, chan eil gu diofar an e fìor neach-tòiseachaidh a th’ annad sa Ghàidhlig; cuiridh sinn na diofar chlasaichean againn ann am Bliadhna 1 air dòigh gus am bi iad freagarrach airson a h-uile ìre de dh’eòlas air a’ Ghàidhlig agus airson daoine aig nach eil Gàidhlig sam bith. Faodaidh tu cuideachd cànan Ceilteach meadhan-aoiseil ionnsachadh aig ìre urraim (Bliadhna 3 agus 4).

Tha an dà chuid Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhanach rim faighinn. Airson na slighe seo, nì thu cùrsaichean air sìobhaltachd agus litreachas Ceilteach ann am Bliadhna 1 agus 2, le teacsaichean gan toirt dhut mar eadar-theangachadh Beurla.

Cànan na Beurla

Tha eachdraidh na Beurla de chòrr is 1,000 bliadhna air a deagh chlàradh, agus faodar na h-atharrachaidhean sa chànan fhaicinn tro stuthan sgrìobhte a’ dol bho làmh-sgrìobhainnean meadhan-aoiseil gu teachdaireachdan teacsa, agus bho chionn ghoirid, tro chlàran de Bheurla labhairteach.

Tha ionnsachadh mu Chànan na Beurla a’ cur ris an eòlas is tuigse agad air:

  • na prionnsabalan a tha an lùib cànanachas teòiridheach
  • an dòigh sam bi sinn ag ionnsachadh cànan
  • eadar-dhealachaidhean sgìreil is sòisealta aig cànan san fharsaingeachd, agus aig a’ Bheurla gu sònraichte
  • modhan conaltraidh

Mar phàirt den prògram, faodaidh tu taghadh a bhith ag ionnsachadh na Scots, aig a bheil a traidisean cànanach is litreachais fhèin.

Bidh ùidh shònraichte aig oileanaich Cheiltis anns na cùrsaichean Beurla a leanas:

  • fuaimean cainnt cànanan an t-saoghail
  • eadar-dhealachaidhean eadar cànanan an t-saoghail

Carson Dùn Èideann?

Tha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail ann an Dùn Èideann, prìomh bhaile na h-Alba. Tha na cruinneachaidhean aige air leth math, mar a tha goireasan an Oilthigh fhèin airson cùrsaichean Ceiltis agus Beurla.

Tha am prògram againn fìor shùbailte. Ann am Bliadhnaichean 1 agus 2, taghaidh tu cùrsaichean roghainneil bho raon farsaing de chuspairean, agus nì thu speisealachadh anns na bliadhnaichean urraim agad.

Nuair a cheumnaicheas tu, bidh measgachadh agad de dh’fhoghlam cultarach farsaing agus de dh’eòlas sònraichte den t-seòrsa anns am bi fastaichean air feadh an t-saoghail a’ cur luach.

Na bhios tu ag ionnsachadh

Is e a shùbailteachd fear de na rudan as tarraingiche mun phrògram seo.

Ann am Bliadhna 1 agus 2, na bliadhnaichean ro-urram agad, taghaidh tu cùrsaichean roghainneil bho raon farsaing de chuspairean a bharrachd air na prìomh chuspairean agad, Ceiltis is Cànan na Beurla.

A bharrachd air a bhith a’ toirt dhut foghlam agus seata sgilean nas fharsainge, dh’fhaodte gun toir e cothrom dhut cuideachd fòcas a’ phrògraim agad atharrachadh ann an Bliadhna 3 is 4, na bliadhnaichean urraim agad.

Bliadhna 1

Ceiltis

Ann am Bliadhna 1, faodaidh tu taghadh eadar a bhith a’ dèanamh Gàidhlig na h-Alba no a bhith a’ dèanamh Sìobhaltachd Cheilteach. 

Slighe a’ chànain

Ma ghabhas tu slighe a’ chànain, bidh an cùrsa a nì thu a rèir na h-ìre de Ghàidhlig a th’ agad mar-thà.

Mur a robh eòlas sam bith agad air a’ chànan roimhe, gheibh thu misneachd ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ sgrìobhadh na Gàidhlig le bhith a’ dèanamh a’ chùrsa Gàidhlig 1A againn.

Mas e neach-labhairt adhartach a th’ annad, neartaichidh an cùrsa Gàidhlig 1B againn do chuid eòlais air litreachas na Gàidhlig agus cuiridh e ri do sgilean cànain.

Slighe nan sìobhaltachdan

Tha dà chùrsa ann an slighe nan sìobhaltachdan: Sìobhaltachd Cheilteach 1A agus 1B. Còmhla, tha iad a’ feuchainn ri cànanan Ceilteach an àm a dh’fhalbh agus an latha an-diugh - a chur ann an co-theacsa eachdraidheil agus co-aimsireil nas fharsainge.

Air na cùrsaichean seo, beachdaichidh tu air a’ bhuaidh a tha aig Ceilteachas an latha an-diugh air mar a thathar a’ tuigsinn an àm a dh’fhalbh, agus tòisichidh tu air sgrùdadh air Eòlas Ceiltis anns na meadhan-aoisean agus san latha an-diugh.

Tha cothrom ann cuideachd cùrsa ann an Sìobhaltachd Cheilteach a dhèanamh còmhla ris a’ chùrsa bhunaiteach ionnsachaidh cànain againn, Bun-eòlas air a’ Ghàidhlig agus a Cultar.

Cànan na Beurla

Nì thu dà chùrsa fad seamastair ann an Cànan na Beurla:  

  • 1A - tha an cùrsa a’ toirt dhut bun-eòlas air rannsachadh air cànanan san fharsaingeachd, agus air a’ Bheurla gu sònraichte.

  • 1B - cuidichidh an cùrsa seo thu gus na h-innealan agus an t-eòlas a thogail a dh’fheumas tu gus sgrùdadh a dhèanamh air na diofar fo-shiostaman cànain. 

Cùrsaichean roghainneil

Taghaidh tu co-dhiù aon chùrsa roghainneil bho raon farsaing a tha Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt seachad.

Faodaidh tu, mar eisimpleir, roghnachadh cànan Eòrpach, Àisianach no an Ear Mheadhanaich a dhèanamh. Bidh sinn a’ tabhann tè de roghainnean as fharsainge de chànanan ann an oilthigh sam bith san RA. Tha a’ mhòr-chuid freagarrach airson luchd-tòiseachaidh agus a’ gabhail a-steach ionnsachadh mu chultar.

Tha iad seo a’ gabhail a-steach - ach chan ann a-mhàin - cùrsaichean ann an:

  • Cànanachas, agus saidheansan cànain
  • Eitn-eòlas na h-Alba
  • gnìomhachas, eaconamas agus informataigs
  • poilitigs, poileasaidh sòisealta agus daonn-eòlas sòisealta
  • eachdraidh ealain is ailtireachd
  • eachdraidh, clasaigeachd agus arc-eòlas
  • feallsanachd, diadhaireachd agus lagh

Bliadhna 2

Ceiltis

Ann am Bliadhna 2 de Cheiltis, faodaidh tu taghadh eadar a bhith a’ leantainn air adhart leis a’ Ghàidhlig, no a bhith a’ dèanamh Litreachasan Ceilteach.  

Ma ghabhas tu slighe a’ chànain, cuiridh tu ri do sgilean cànain is ionnsaichidh tu barrachd cuideachd mu litreachas, cultar agus structar cànanach na Gàidhlig, ag ionnsachadh mu rosg agus bàrdachd.  

Ma nì thu an t-slighe litreachais, gheibh thu sealladh farsaing air prìomh ghnèithean litreachais agus teacsaichean bho Alba na Gàidhlig, Èirinn agus a’ Chuimrigh bho thràth anns na meadhan-aoisean chun an latha an-diugh, le teacsaichean air an leughadh ann an eadar-theangachadh Beurla.

Cànan na Beurla

Ionnsachaidh tu mu theòiridh cànanach agus taghaidh tu cùrsa a’ coimhead air fear de na cuspairean a leanas:

  • structar agus eachdraidh cànanan an t-saoghail
  • atharrachaidhean air a’ Bheurla thairis air tìm agus ann an diofar àiteachan

Cùrsaichean roghainneil

Mar Bhliadhna 1, bidh cothrom agad air farsaingeachd de chùrsaichean roghainneil.

Bliadhna 3

Is e seo a’ chiad tè de na bliadhnaichean urram agad, nuair a bhios tu a’ speisealachadh anns na taobhan de Cheiltis agus Cànan na Beurla anns a bheil ùidh agad le bhith a’ taghadh bho raon de chùrsaichean.   

Ma tha thu an dùil do thràchdas a dhèanamh ann an Ceiltis, tòisichidh tu ag obair air a’ phròiseact air a’ bhliadhna seo agus cuiridh tu crìoch air ann am Bliadhna 4. 

Bliadhna 4

Is e seo an dàrna tè de na bliadhnaichean urraim agad, nuair a bhios tu a’ speisealachadh barrachd anns na taobhan de na cuspairean agad anns a bheil an ùidh as motha agad.  

Taghaidh tu barrachd chùrsaichean sònraichte aig ìre urraim an dàrna cuid bho thaobh ùr-nodha no taobh meadhan-aoiseil a’ phrògram Ceiltis agus bho Cànan na Beurla.   

Nì thu an tràchdas agad cuideachd, a dh’fhaodadh a bhith ann an Ceiltis (meadhan-aoiseil no an latha an-diugh) no Cànan na Beurla. Seo do chothrom a bhith a’ taisbeanadh nan sgilean rannsachaidh uile a thog thu nad chuid ionnsachaidh gu ruige seo. Bheir e cothrom dhut coimhead gu domhainn air cuspair anns a bheil ùidh shònraichte agad.

Structar a' phrògraim

Faigh a-mach barrachd mu na cùrsaichean riatanach is roghainneil anns a’ phrògram ceuma seo.

Gus am bi beachd agad air dè bhios tu a’ dèanamh air a’ phrògram seo, bidh sinn a’ foillseachadh an fhiosrachaidh as ùire. Thoir an aire, ge-tà, gur dòcha nach e seo fiosrachadh mun bhliadhna inntrigidh agad ach mu bhliadhna acadaimigeach eile.

Structar a' phrògraim (2024/25) [anns a' Bheurla]

Càite am bi thu ag ionnsachadh?

Air an àrainn

Nuair a bhios tu san àrainn, cuiridh tu a’ mhòr-chuid den ùine agad seachad ann am Sgìre Mheadhanach Oilthigh Dhùn Èideann - sa chlas, san leabharlann, no ann am fear den iomadh àite sòisealta is taic aig an Oilthigh.   

Tha an Sgìre Mheadhanach suidhichte air oir Seann Bhaile eachdraidheil Dhùn Èideann, air a chuairteachadh le tòrr àiteachan uaine.   

Gabh turas bhiortail den Sgìre Mheadhanach

Leabharlannan agus cruinneachaidhean   

Tha na goireasan againn airson na Ceiltis air leth math. 

Sa mhòr-chuid, tha iad gan cumail ann an trì làraichean timcheall air Ceàrnag Sheòrais ann am Prìomh Àrainn an Oilthigh: 

  • Prìomh Leabharlann an Oilthigh agus a Ionad airson Cruinneachaidhean Rannsachaidh 
  • Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran (LLC) agus Leabharlann Clas na Ceiltis aice 
  • Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus Leabharlann Eòlas na h-Alba aice 

Lorgaidh tu na leanas anns na làraichean seo: 

  • còrr is 400,000 leabhar tearc 
  • sia cilemeatair de thasglannan agus làmh-sgrìobhainnean 
  • 33,000 clàraidhean de dh’òrain, de cheòl, de sgeulachdan agus de rannan ann an Scots, Gàidhlig is Beurla, san Tasglann a bharrachd air clàraidhean ann an dualchainntean a tha a-nis air a dhol à bith. 
  • na mìltean de dh’obraichean ealain, ionnsramaidean ciùil eachdraidheil agus nithean eile 
  • na mìltean de dhealbhan-camara agus sgrìobhainnean eachdraidheil nach fhaicear gu tric ann cuideachd, a tha a’ glacadh taobhan sònraichte is làitheil de chultar is dualchas na h-Alba 

Am measg prìomh ghioreasan airson na Ceiltis, tha: 

  • Cruinneachadh MacGilleMhìcheil-MhicBhàtair
  • Cruinneachadh Dhòmhnaill MhicFhionghuin
  • Cruinneachadh Dhaibhidh Laing

Tha mòran de Chruinneachaidhean Sònraichte an Oilthigh ann an cruth didseatach agus rim faighinn air-loidhne bhon Ionad Ghoireasan sàr-mhath againn, sna deuchainn-lannan coimpiutaireachd agus ann an àiteachan obrach sònraichte ann an LLC.

Tha uidheamachd cànain agus fuaim-eòlas an oilthigh am measg a’ chuid as fheàrr san t-saoghal. Tha e a’ gabhail a-staigh:

  • stiùidio clàraidh
  • obair-lann deuchainn tuigse
  • an obair-lann tracadh sùla

Ionadan airson rannsachadh, teagasg agus com-pàirteachadh

Tro Bhuidheann Rannsachadh Algorithmic na Gàidhlig (GARG), sgioba eadar-nàiseanta a tha a’ rannsachadh theicneòlasan an latha an-diugh airson na Gàidhlig, stiùirich sinn cruthachadh a’ chiad shiostam Aithneachaidh Cainnt Fèin-obrachadh san t-saoghal dhan Ghàidhlig. 

Leugh an t-artaigeal againn air na tha Aithneachadh Cainnt Fèin-obrachail a’ ciallachadh do Ghàidhlig na h-Alba san àm ri teachd [sa Bheurla]

Tha sinn cuideachd nar ball stèidheachaidh aig Faclair na Gàidhlig, pròiseact co-obrachail gus faclair eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba fhoillseachadh.

Bidh sinn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann leasachaidh Ghàidhlig nàiseanta, air a bheil an t-Àrd-ollamh Rob Dunbar na Bhall Bùird (2023 gu 2027). Tha Rob cuideachd na bhall air Comataidh nan Eòlaichean air Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan – an t-aon chùmhnant san t-saoghal a tha air a dhealbhadh gus cànanan roinneil is mion-chànanan a dhìon agus a bhrosnachadh agus gus leigeil le luchd-labhairt an cleachdadh an dà chuid ann am beatha phrìobhaideach agus phoblach. 

Tachartasan agus gnìomhan

Tha Comann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA) a’ cumail taic ri còrr is 300 comann is cluba a tha air an stiùireadh le oileanaich, agus bidh e a’ brosnachadh chothroman le carthannasan ionadail tro ionad nan saor-thoileach aige.

’S e an Comunn Ceilteach an comann oileanaich as sine san Oilthigh agus bidh e a’ cur a’ chèilidh bhliadhnail as motha sa bhaile air dòigh. Is e LingSoc Comann a’ Chànanachais is na Beurla.

Tha sinn dealasach mu cheòl, litreachas, òrain agus sgeulachdan, agus bidh sinn gu tric a’ cumail thachartasan airson luchd-obrach, oileanaich agus aoighean a bhios a’ tighinn gus bruidhinn, cluich no gus rannsachadh a thaisbeanadh.

Tha Neach-ealain Traidiseanta agus Sgrìobhadair air Mhuinntireas ann am Beurla againn, neach-ciùil agus sgrìobhadair a bhios ag obair còmhla ri luchd-obrach agus oileanaich air diofar phròiseactan agus thaisbeanaidhean.

Thairis air an leth-cheud bliadhna a dh’fhalbh, bha ar Sgrìobhadairean air mhuinntearas a’ gabhail a-steach:

  • Jenni Fagan
  • Liz Lochhead
  • Somhairle MacGill-Eain
  • Norman MacCaig
  • Michael Pedersen
  • Alan Warner

Leugh agallamh le Màrtainn Mac an t-Saoir, sgrìobhadair Gàidhlig air mhuinntireas an Oilthigh

Anns a’ bhaile 

Tha Dùn Èideann na phrìomh bhaile fèise aig ìre an t-saoghail a tha làn de thaighean-dhealbh, taighean-cluiche, gailearaidhean, leabharlannan agus cruinneachaidhean. Tha na goireasan sa bhaile a tha feumail airson cùrsaichean Ceiltis air leth. Tha na goireasan fìor math sa bhaile a tha feumail dhan fheadhainn a tha a’ dèanamh chùrsaichean Ceiltis agus Beurla.

Tha mòran chruinneachaidhean nàiseanta suidhichte faisg air sgìre mheadhanach an Oilthigh, ga dhèanamh furasta a dhol ann eadar clasaichean. Am measg nam prìomh àiteachan, tha: 

  • Leabharlann Nàiseanta na h-Alba 
  • Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba 
  • Leabharlann Bàrdachd na h-Alba 
  • Ionad Sgeulachdan na h-Alba 

Tha coimhearsnachd Ghàidhlig a tha air a bhith stèidhichte bho chionn fhada agus saoghal cultarach beothail anns a’ bhaile. Mar eisimpleir, tha buidhnean còmhraidh ann gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta, fèisean do luchd-ciùil, agus fèis bhliadhnail, Seachdain na Gàidhlig. 

Ionnsachadh thall thairis

Ann am Bliadhna 3, dh’fhaodte gum bi cothrom agad a’ bhliadhna a chur seachad ag ionnsachadh thall thairis tro phrògram iomlaid eadar-nàiseanta an Oilthigh. Tha cothroman goirid agus bhiortail cuideachd airson a bhith ag ionnsachadh no ag obair thall thairis tro na ceithir bliadhna, a’ gabhail a-steach thairis air mìosan an t-samhraidh.  

Dè na roghainnean a th’ agam airson a bhith a’ dol thall thairis? [sa Bheirla]

Ionnsachadh is measadh

Ciamar a bhios mi ag ionnsachadh?

Tha an t-Oilthigh na àite airson na h-amasan agad fhèin a phlanadh fo stiùireadh sgileil, a bhith ri sgrùdadh neo-eisimeileach agus ann am buidhnean, agus a bhith a’ meòrachadh air do chuid ionnsachaidh tron cheum agad air fad.   

Tha an dòigh-obrach againn a thaobh ionnsachadh is teagasg gnìomhach, in-ghabhalach agus air a stiùireadh le ceistean, agus mar sin dh’fhaodte gum bi e eadar-dhealaichte bho na dh’fhiosraich thu san sgoil. Cuidichidh e thu gus na sgilean a thogail airson beatha às dèidh an oilthigh, agus stiùiridh sinn thu tro na ceumannan bho aon ìre chun na h-ath ìre.    

A rèir meud do bhuidheann bliadhna, agus dè na cùrsaichean roghainneil a nì thu, mar as trice bidh na clasaichean agad ann an trì roinnean-seòrsa:  

  • òraidean  
  • clasaichean  
  • seiminearan  

Bho bhliadhna 2 air adhart, nì thu beagan obair phractaigeach neo-eisimeileach airson Cànan na Beurla. 

A bharrachd air na clasaichean sin, agus gus a’ chuid as motha fhaighinn às na cùrsaichean agad, feumaidh tu leughadh fad is farsaing a dhèanamh. 

Òraidean  

Bidh a h-uile oileanach air cùrsa a’ dol gu òraidean, mar as trice aig an aon am. Tha iad air an lìbhrigeadh mar thaisbeanaidhean eadar-ghnìomhach a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach stuthan lèir-chlaisneach.  

Bidh acadaimigeach sgilean a’ toirt seachad nan òraidean. Tha iad air an dealbhadh gus do stiùireadh tron chùl-fhiosrachadh, ceistean agus deasbadan co-cheangailte ris a’ chuspair mu bheil thu ag ionnsachadh.

Clasaichean 

Tha buidhnean tutorial nas lugha Tha iad cuideachd air an stiùireadh le acadaimigeach, ach an seo tha barrachd cuideam air na tha thu fhèin a’ smaoineachadh mun chuspair. Mar sin, tha clasaichean a’ toirt cothrom dhut bruidhinn agus leudachadh air na dh’ionnsaich thu sna h-òraidean.  

Ma thaghas tu cùrsaichean a dhèanamh ann an Gàidhlig na h-Alba, bheir clasaichean cànain cothrom dhut na sgilean cànain agad a thoirt air adhart ann an raon de ghnìomhan san t-saoghal dha-rìribh fo stiùir tidsear cànain sgileil.   

Mar as trice bidh na clasaichean seo a’ gabhail a-steach sgilean leithid leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt – agus iad uile a’ gabhail a-steach a bhith ag ionnsachadh gràmar agus ga chur gu feum.  

Seiminearan 

Bidh seiminearan a’ measgachadh feartan de dh’òraidean agus de chlasaichean. A-rithist, tha iad air an dealbhadh gus brosnachadh gun gabh thu pàirt gnìomhach ann an ionnsachadh.   

Air cuid de chùrsaichean, bidh seiminearan agad an àite òraidean, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad (Bliadhnaichean 3 agus 4).  

Taic

A bharrachd air an luchd-teagaisg agus an luchd-obrach eile a chì thu bho latha gu latha, tha tòrr dhòighean ann air cuideachadh fhaighinn le do chuid ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach tro Institiud Leasachadh Acadaimigeach an Oilthigh (Institute for Academic Development - IAD).

Ciamar a thèid mo mheasadh?

Thèid do mheasadh tro mheasgachadh de dh’obair-chùrsa agus de dheuchainnean.  

Mar as trice bithear a’ dèanamh obair-cùrsa tron bhliadhna air fad, ach thèid deuchainnean a chumail aig deireadh bloc teagaisg.  

Tha obair-cùrsa uaireannan ann an diofar chruthan gus cothrom a thoirt dhut diofar sgilean a chleachdadh. Mar eisimpleir, dh’fhaodte gun tèid iarraidh ort:  

  • aiste, lèirmheas, post bloga, pìos beachd no iris ionnsachaidh a sgrìobhadh
  • pìos sgrìobhaidh, film no meadhanan eile a sgrìobhadh, a’ gabhail a-steach tro leughadh dlùth  
  • òraid no taisbeanadh goirid a thoirt seachad
  • pod-chraoladh no bhidio a chlàradh
  • postair no taisbeanadh a dhealbhadh

Ma tha thu a’ dèanamh na Gàidhlig, bidh na deuchainnean a’ gabhail a-steach deuchainnean labhairteach gus na sgilean labhairt agad a dhearbhadh. 

Anns a’ bhliadhna mu dheireadh agad, nì thu tràchdas cuideachd.

Mion-fhiosrachadh mun phrògram

Faigh a-mach barrachd mu amasan a’ phrògraim seo, mu na dh’ionnsaicheas tu, mar a thèid do mheasadh agus mun eòlas a thogas tu.

Gus am bi beachd agad air dè bhios tu a’ dèanamh air a’ phrògram seo, bidh sinn a’ foillseachadh an fhiosrachaidh as ùire. Thoir an aire, ge-tà, gur dòcha nach e seo fiosrachadh mun bhliadhna inntrigidh agad ach mu bhliadhna acadaimigeach eile.

Cothroman obrach

Sgilean agus eòlas 

 Tha ceumnachadh le ceum MA bho Oilthigh Dhùn Èideann a’ nochdadh tapachd, sùbailteachd agus neart inntleachdail.    Bidh na sgilean as urrainn dhut a thaisbeanadh do luchd-fastaidh a’ gabhail a-steach: 

  • comas air prìomh bhun-bheachdan a thuigsinn, a mhion-sgrùdadh agus a chur an cèill
  • a bhith ag obair air diofar sheòrsaichean phròiseactan le cinn-latha 
  • a bhith ag obair an dà chuid gu neo-eisimeileach agus mar phàirt de bhuidheann

A bharrachd air na buadhan seo, tha ceumnachadh ann an Ceiltis a’ sealltainn gu bheil tuigse adhartach agad air cultaran is sòisealtasan eile agus mar a tha iad a’ toirt cruth air an t-saoghal againn. Bheir seo dhut an Comas Eadar-chultarach anns a bheil fastaichean a’ cur luach gu h-eadar-nàiseanta. 

Cothroman ionadail agus cruinneil

Mar thoradh air ruigsinneachd eadar-nàiseanta a tha a’ sìor fhàs, tha àireamhan cunbhalach de luchd-labhairt is luchd-amas dealasach ùra aig cànanan, litreachasan agus cultaran Ceilteach.

Ann an Alba, tha leasachaidhean mar Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, cruthachadh BBC Alba (an t-seirbheis telebhisean didseatach Gàidhlig), agus leudachadh leantainneach ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air iarrtas a thogail airson luchd-labhairt Gàidhlig le deagh fhoghlam agus eòlaichean air cultar Ceilteach.

Tha fìor dheagh chothroman obrach taobh a-staigh nan roinnean a leanas:  

  • foghlam, com-pàirteachadh, tagradh is trèanadh
  • naidheachdan, craoladh agus na meadhanan
  • poileataigs, obair poileasaidh, dioplòmasaidh, an t-seirbheis chatharra agus lagh
  • foillseachadh, cultar, dualchas agus na h-ealainean

Ann an cuid de raointean, tha barrachd obraichean Gàidhlig ann na tha ann de dhaoine leis na teisteanan gus an lìonadh.    Bidh na sgilean daonnachd so-ghluasadach agad agus an Comas Eadar-chultarail agad cuideachd gad chur ann am fìor dheagh shuidheachadh airson roinnean leithid:  

  • gnìomhachas, ionmhas agus malairt 
  • conaltradh, margaidheachd, sanasachd agus dàimhean poblach
  • cur-seachad, turasachd agus siubhal 
  • rannsachadh, leasachadh agus luathachadh iomairt
  • eadar-theangachadh is eadar-mhìneachadh

Rannsachadh a bharrachd

Tha na sgilean rannsachaidh leasaichte a thogas tu air prògram ceithir bliadhna, gu sònraichte anns na bliadhnaichean urraim agad, nan stòras luachmhor ma tha thu airson leantainn air adhart ag ionnsachadh aig ìre iar-cheumnach.  

Mar as trice ann an Oilthigh Dhùn Èideann bidh sinn a’ tabhann ceum Maighstireachd tro Rannsachadh ann an Ceiltis. Tha am prògram seo na dheagh bhunait airson PhD, ach tha e a cheart cho luachmhor mar theisteanas fa-leth. 

Mar as trice bidh na prògraman MSc eadar-chuspaireil air a theagasg againn a’ gabhail a-steach:  

  • Litreachas Coimeasach 
  • Sgrìobhadh Cruthachail  
  • Sgrìobhadh dhealbhan-cluiche 
  • Film, Taisbeanadh agus Glèidheadh 
  • Eadar-mheadhan 

Tha prògraman MSc ann cuideachd ann an eachdraidh, daonn-eòlas sòisealta, agus mòran chuspairean eile anns na h-ealainean, na daonnachdan agus saidheansan sòisealta.  

Comhairle mu dhreuchdan

Tron ùine còmhla rinn, brosnaichidh sinn thu gus na sgilean cosnaidh agad aithneachadh agus a thoirt air adhart. 

Tha Comhairliche Dreuchdan sònraichte aig Sgoil nan Litreachasan, Chànanan is Chultaran (LLC) taobh a-staigh sàr Sheirbheis Dhreuchdan an Oilthigh. 

Tron t-seirbheis dhreuchdan againn faodaidh tu na leanas a dhèanamh: 

  • coinneamhan aon-ri-aon agus agallamhan obrach mas-fhìor a chur air dòigh
  • cothrom fhaighinn air raon de ghoireasan air-loidhne 
  • fèilltean dreuchd cuspaireil a fhrithealadh leithid an Fhèis Dhreuchdan Cruthachail is Cultarach 

Tha taic cho-leithid (peer) a’ gabhail a-steach Life After LLC, tachartas pannail far am faigh thu brosnachadh bho dhaoine a cheumnaich bhon sgoil bho chionn ghoirid.   

Faigh brosnachadh bho na seann oileanaich againn 

Riatanasan inntrigidh

Riatanas inntrigidh àbhaisteach

’S e an riatanas inntrigidh àbhaisteach:

  • Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S5 no AABB/ABBBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
  • A Levels: ABB.
  • Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).

Riatanas inntrigidh as ìsle

’S e an riatanas inntrigidh as ìsle airson tagraidhean leudachadh chothroman (widening access):

  • Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
  • A Levels: ABB.
  • Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).

Barrachd fiosrachadh airson tagraidhean leudachadh chothroman [anns a’ Bheurla]

Cuspairean riatanach

Feumaidh na cuspairean a leanas aig co-dhiù an ìre a leanas a bhith am measg nan teisteanasan agad:

  • SQA: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth aig Àrd-ìre. Nàiseanta 5: Beurla aig ìre C agus cànan seach Beurla aig ìre B.
  • A Levels: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth airson A Level. GCSEs: Beurla aig ìre C no 4 agus cànan seach Beurla aig ìre B no 6.
  • Baccalaureate eadar-nàiseanta: HL: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth. SL: Beurla aig ìre 5 agus cànan seach Beurla aig ìre 5.

Faigh a-mach barrachd mu riatanasan inntrigidh [sa Bheurla]

Riatanasan a bharrachd

Riatanasan Cànain

Far a bheil riatanas ann airson cànan seach Beurla, thoir an aire nach fhaod oileanaich an cànan a th’ aca bho thùs a chleachdadh gus an riatanas seo a choileanadh. Ann an suidheachaidhean mar seo, bidh Beurla no cànan eile seach an cànan a th’ aca bho thùs freagarrach.

Faigh a-mach barrachd mu riatanasan inntrigidh [sa Bheurla]

Tagraichean eadar-nàiseanta

Bidh sinn a’ cur fàilte air tagraidhean bho oileanach a tha a’ dèanamh farsaingeachd de theisteanasan eadar-nàiseanta.

Riatanasan inntrigidh a rèir dùthcha [anns a' Bheurla]

Bun-prògram eadar-nàiseanta

Ma tha thu nad oileanach eadar-nàiseanta agus mur eilear a’ gabhail ris na teisteanasan sgoile agad airson inntrigeadh dìreach dhan oilthigh, faodaidh gum bi thu ion-roghnach airson a’ phrògram ceuma seo tron Bhun-phrògram Eadar-nàiseanta againn.

Bun-phrògram Eadar-nàiseanta [sa Bheurla]

Tairgsean bho thagraichean inbheach

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho oileanaich inbheach (mature students) agus tha sinn a’ gabhail ri farsaingeachd de theisteanasan.

Teisteanasan airson oileanaich inbheach [anns a' Bheurla]

Feumalachdan a thaobh na Beurla

Ge b’ e dè an nàiseantachd a th’ agad no dè an dùthaich anns a bheil thu a’ fuireach, feumaidh tu dearbhadh gu bheil ìre de chomas Beurla agad a bheir cothrom dhut soirbheachadh nad chuid ionnsachaidh. 

SQA, GCSE agus IB

Airson sgoilearan SQA, GCSE agus IB, mur a tèid ìre nas àirde a shònrachadh anns na riatanasan inntrigidh a chaidh ainmeachadh, feumaidh pas a bhith agad sa Bheurla aig na h-ìrean seo, no nas àirde:

  • SQA Nàiseanta 5 aig Ìre C
  • SQA Ìre Choitcheann aig Ìre 3
  • GCSE aig C no 4
  • Level 2 Certificate aig Ìre C
  • IB Standard Level aig 5 (Cha tèid gabhail ri Beurla ab initio airson inntrigeadh)

Deuchainnean Beurla

Bidh sinn a’ gabhail ris na teisteanasan Beurla aig na h-ìrean a thèid a shònrachadh gu h-ìosal:

  • IELTS Academic: 6.5 uile gu lèir le co-dhiù 5.5 anns gach earrann.
  • TOEFL-iBT (a’ gabhail a-steach Home Edition): 92 uile gu lèir le co-dhiù 20 anns gach earrann. Cha bhi TOEFL MyBest Score a’ coileanadh nan riatanasan againn a thaobh na Beurla.
  • C1 Academic (CAE), C2 Proficiency (CPE): comharra de 176 uile gu lèir le co-dhiù 162 anns gach earrann.
  • Trinity ISE: ISE II le àrd-urraman anns na ceithir co-phàirtean uile.
  • PTE Academic (a’ gabhail a-steach air-loidhne): 62 uile gu lèir le co-dhiù 54 anns gach earrann.

Bidh sinn cuideachd a’ gabhail ri raon nas fharsainge de theisteanasan agus deuchainnean eadar-nàiseanta.

Cha bhi IELTS One Skill Retake a’ coileanadh nan riatanasan againn a thaobh na Beurla. 

Feumaidh na teisteanasan Beurla agad a bhith nas ùire na dà bhliadhna air a’ chiad latha den mhìos anns an tòisich an ceum, ach a-mhàin ma tha thu a’ cleachdadh IELTS, PTE Academic, TOEFL no Trinity ISE a dh’fheumas a bhith nas ùire na dà bhliadhna.

Feumalachdan a thaobh na Beurla [anns a' Bheurla]

Dàta Discover Uni

Tha am fiosrachadh seo mar phàirt de dh'iomairt aig an riaghaltas gus na stuthan a tha institiudan a' toirt seachad mu na prògraman ceuma aca a leasachadh.

Tha e am measg iomadh tùs fiosrachaidh a chuidicheas tu gus co-dhùnadh fiosrach a dhèanamh air dè na cuspairean a bhios tu a' dèanamh agus dè an t-oilthigh/colaiste a thaghas tu.

Thoir an aire nach eil dàta Unistats ri fhaighinn airson a h-uile prògram.

Unistats: MA Ceiltis agus Cànan na Beurla [anns a' Bheurla]

Cìsean, cosgaisean is maoineachadh

Cìsean teagaisg

Cìsean teagaisg airson MA Ceiltis agus Cànan na Beurla [anns a' Bheurla]

Cosgaisean a bharrachd

Tha e buailteach gum bi cosgaisean a bharrachd ann ma thaghas tu a bhith ag ionnsachadh thall thairis ann am Bliadhna 3.

Maoineachadh

Airson barrachd fiosrachaidh mu na bhios e a’ cosg a bhith ag ionnsachadh còmhla ruinn agus mu thaic airgid, faic am fiosrachadh againn mu chìsean is maoineachadh.

Cìsean agus maoineachadh [anns a' Bheurla]

Ceistean

Sgioba nan Ceistean

Post-d: futurestudents@ed.ac.uk

Barrachd fiosrachaidh

Mar a nithear tagradh [anns a' Bheurla]

Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran [anns a' Bheurla]

Colaiste: Ealainean, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta [anns a' Bheurla]

 

Read this page in English