2022 entry

MA Ceiltis agus Eòlas Lochlannach

Tha am prògram seo a' toirt cothrom dhut a bhith ag ionnsachadh mu chànanan, litreachasan agus cultaran nan saoghal Ceilteach agus Lochlannach taobh ri taobh.

 Còd UCAS: QR56

Faid: 4 bliadhna

Lìbhrigeadh: Làn-ùine

Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran

Colaiste: Ealain, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta

Read this page in English

Ro-ràdh

Ceiltis

Ma nì thu Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ionnsaichidh tu mu chultaran, chànanan agus litreachasan fìor bheartach bho na Meadhan Aoisean chun an latha an-diugh.

Bidh sinn ag obair le traidisean litreachais ann an Seann Ghaeilge agus Cuimris Mheadhan-aoiseil (am fear as fharsainge san Roinn Eòrpa gu lèir), a bharrachd air Gàidhlig na h-Alba agus Gaeilge bho dheireadh nam Meadhan Aoisean chun an latha an-diugh.

Bidh sinn a’ coimhead air traidisean làidir a’ bheul-aithris a chaidh a chlàradh bhon 18mh linn chun an latha an-diugh, agus le bàrdachd bho linn òir litreachas na Gàidhlig san 18mh linn.

Ionnsaichidh tu mu na freagairtean san 19mh agus 20mh linn ris na h-atharraichean cultarach agus cànanach luath anns na dùthchannan far a bheilear a’ bruidhinn nan Cànanan Ceilteach. Bidh thu ag ionnsachadh cuideachd mun sgrìobhadh, mu na h-òrain agus mu na meadhanan a tha a’ tighinn a-mach à saoghal eadar-mheasgte is beòthail an latha an-diugh ann an Alba is Èirinn na Gàidhlig agus anns a’ Chuimrigh. 

Tha eòlas againn ann am farsaingeachd de raointean a’ gabhail a-steach sòiseo-chànanachas practaigeach agus teòiridheach san latha an-diugh, poileasaidh cànain agus ath-bheothachadh cànain.

Gàidhlig na h-Alba

Tha Gàidhlig na h-Alba aig cridhe na Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus aig ìre urraim, faodar ionnsachadh mu nua-Ghaeilge agus na cànanan Ceilteach meadhan-aoiseil cuideachd.

Aig gach ìre, tha sinn a’ tairgse chùrsaichean ann an cànan, litreachas, eachdraidh agus cultar, a’ toirt cothrom dhut do phrògram fhèin a thogail le bhith a’ leantainn nan cuspairean, linntean agus raointean eòlais ann an Ceiltis anns a bheil ùidh agad.

Eòlas Lochlannach

Tha cànanan, eachdraidh, poileataigs agus cultar nan dùthchannan Lochlannach air buaidh mhòr a thoirt air cùisean taobh a-muigh Lochlainn, Alba nam measg sin. Anns a’ phàirt seo den phrògram agad, ionnsaichidh tu cànan Lochlannach fhad ’s a tha thu ag ionnsachadh mu chultar Lochlannach san àm a dh’fhalbh agus san latha an-diugh.

Thairis air ceithir bliadhna, bidh thu a’ speisealachadh ann an Danmhairgis, Nirribhis no Suainis an latha an-diugh ach, ge b’ e dè an cànan a thaghas tu, gheibh thu tuigse cuideachd air an dà chànan eile. Chan fheum eòlas a bhith agad air gin de na cànanan mus tòisichear oir tha cùrsaichean luchd-tòiseachaidh rim faighinn, agus cuiridh tu an treas bliadhna agad seachad thall thairis a’ faighinn eòlas air cultar Lochlannach.

Na bhios tu ag ionnsachadh

Bliadhna 1

Ma tha teisteanas agad ann an Gàidhlig na h-Alba mar-thà, nì thu cùrsa Gàidhlig 1B, a tha a’ cur fòcas air Gàidhlig na h-Alba agus a litreachas. Mas e neach-tòiseachaidh a th’ annad, nì thu Gàidhlig 1A, a’ cur cuideam air ionnsachadh cànain. Tha Bun-eòlas air a’ Ghàidhlig agus a Cultar a’ gabhail a-steach cothroman ionnsachaidh cànain aig bun-ìre.

Gheibhear os-sealladh air eachdraidh shòisealta is chultarach nan Ceilteach ann an Sìobhaltachd Cheilteach 1A is 1B bho anmoch san linn àrsaidh chun an latha an-diugh, a’ gabhail a-steach cànan, litreachas, creideamh agus ealan.

Taghaidh tu fear de na trì dian-chùrsaichean cànain do luchd-tòiseachaidh: Danmhairgis 1, Nirribhis 1 no Suainis 1. Bidh na cùrsaichean seo cuideachd a’ toirt dhut eòlas air cultar agus litreachas na dùthcha sin.

A bharrachd air na cùrsaichean riatanach agad, bidh thu cuideachd a’ taghadh bho fharsaingeachd de chùrsaichean roghainneil.

Bliadhna 2

Thèid do chuid eòlais air Gàidhlig na h-Alba agus a litreachas a leudachadh tro dhà chùrsa cànain. Tha Gàidhlig 2A a' togail air obair Gàidhlig 1A agus tha Gàidhlig 2B a' togail air obair Gàidhlig 1B.

Tro dhà chùrsa ann an litreachas Ceilteach, ionnsaichidh tu mu litreachas meadhan-aoiseil, litreachas bho thràth san nua-linn agus nua-litreachas na Gaeilge, na Cuimris agus na Gàidhlig tro eadar-theangachaidhean. Tha na cùrsaichean seo a’ leannntainn air adhart ris a’ churraicealaim mheadhan-aoiseil aig ìre urraim, agus tha Gàidhlig 2A agus 2B a’ leantainn air adhart an dà chuid ris a’ churraicealaim meadhan-aoiseil agus ris a’ churraicealaim nuadh.

Leanaidh tu ort le Danmhairgis 2, Nirribhis 2 no Suainis 2, a bhios a’ togail air agus a’ cur ris an eòlas cànain agad bho Bhliadhna 1.

Gabhaidh tu cuideachd cùrsaichean a bharrachd ann an litreachas agus cànanan Lochlannach, cuid dhiubh air an dealbhadh leis an amas na sgilean agad a thoirt air adhart ann an tuigsinn nan trì cànanan Lochlannach.

Bliadhna 3

Cuiridh tu Bliadhna 3 seachad ag ionnsachadh no ag obair anns an Danmhairg, ann an Nirribhidh no san t-Suain agus nì thu measaidhean an dà chuid ann an Eòlas Lochlannach agus ann an Ceiltis. Mar eisimpleir, airson Eòlas Lochlannach, gabhaidh tu cùrsa e-ionnsachadh cànain a bhios mar phàirt den chomharra airson an treas bliadhna agad agus a bhios gad ullachadh airson nan cùrsaichean sa bhliadhna mu dheireadh agad ann an Danmhairgis, Nirribhis no Suainis.

Bliadhna 4

Ann am bliadhna 4, taghaidh tu cùrsaichean speisesalach an dà chuid ann an Ceiltis agus Eòlas Lochlannach agus nì thu tràchdas no aiste fhada.

Structar a' phrògraim

Faigh a-mach barrachd mu na cùrsaichean riatanach is roghainneil anns a’ phrògram ceuma seo.

Gus am bi beachd agad air dè bhios tu a’ dèanamh air a’ phrògram seo, bidh sinn a’ foillseachadh an fhiosrachaidh as ùire. Thoir an aire, ge-tà, gur dòcha nach e seo fiosrachadh mun bhliadhna inntrigidh agad ach mu bhliadhna acadaimigeach eile.

Structar a' phrògraim (2020/21) [anns a' Bheurla]

Càite am bi thu ag ionnsachadh?

Na goireasan againn

Bidh teagasg a’ gabhail àite ann an, agus timcheall air, Prìomh Àrainn Oilthigh Dhùn Èideann ann am baile aig a bheil cliù air feadh an t-saoghail airson a chuid fhèisean, a tha làn de thaighean-dhealbh, thaighean-cluiche, gailearaidhean, leabharlannan agus cruinneachaidhean, nam measg Leabharlann, Taigh-tasgaidh, Tasglannan agus Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, agus Ionad Sgeulachdan na h-Alba.

A bharrachd air na goireasan coimpiutaireachd is lèir-chlaistinneach, seirbheisean taice agus àiteachan sòisealta sàr mhath aig an Oilthigh, bidh cothrom agad cuideachd air cruinneachaidhean sònraichte leithid Tasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba, cruinneachadh farsaing gun samhail de stuthan claisneachd is lèirsinneach co-cheangailte ri cultar agus traidisean na h-Alba (a’ gabhail a-steach timcheall air 33,000 clàr claisneachd), agus do leabharlannan farsaing an Tasglainn, a’ gabhail a-steach stòrasan Ceilteach cudromach.

Tha sinn nar dachaigh do phrògram Sgoilearan a’ Chinn a Tuath a bhios a’ brosnachadh cho-obrachadh eadar sgoilearan nan dùthchannan Nòrdach, nan dùthchannan Baltaigeach agus Alba, gu ìre mhòr tro thachartasan leithid òraidean poblach, bùithtean-obrach, agus tro sgoilearan tadhalach a bhith an sàs ann an gnìomhan teagaisg is ionnsachaidh.

Ionnsaich thall thairis

Cuiridh tu seachad Bliadhna 3 thall thairis (co-dhiù 30 seachdain) ann an dùthaich Lochlannach. Seo cothrom do bhogadh fhèin ann an cultar Nirribhidh na Suaine no na Danmhairg, agus a bhith a’ cur ris an eòlas agus ris na sgilean beatha agad san fharsaingeachd airson do bheatha às dèidh ceumnachadh.

Dè na roghainnean a th’ agam airson a bhith a’ dol thall thairis? [sa Bheurla]

Ionnsachadh is measadh

Ciamar a bhios mi ag ionnsachadh?

Bidh cùrsaichean gan teagasg tro mheasgachadh de dh’òraidean, clasaichean agus seiminearan. Anns an teagasg cànain againn, tha cuideam air eadar-obrachadh agus a’ togail fileantachd, agus air a bhith a’ togail nan comasan cànain làidir a tha a dhìth airson a bhith ag obair ann an saoghal na Gàidhlig.

Ciamar a thèid mo mheasadh?

Thèid do mheasadh tro mheasgachadh de dh’obair-chùrsa agus de dheuchainnean.

Mion-fhiosrachadh mun phrògram

Faigh a-mach barrachd mu amasan a’ phrògraim seo, mu na dh’ionnsaicheas tu, mar a thèid do mheasadh agus mun eòlas a thogas tu.

Gus am bi beachd agad air dè bhios tu a’ dèanamh air a’ phrògram seo, bidh sinn a’ foillseachadh an fhiosrachaidh as ùire. Thoir an aire, ge-tà, gur dòcha nach e seo fiosrachadh mun bhliadhna inntrigidh agad ach mu bhliadhna acadaimigeach eile.

Mion-fhiosrachadh mun phrògram (2020/21) [anns a' Bheurla]

Cothroman obrach

Mar thoradh air ruigsinneachd eadar-nàiseanta a tha a’ sìor fhàs, tha àireamh an luchd-labhairt agus luchd-èisteachd ùr dealasach aig cànanan, litreachasan agus cultaran Ceilteach a’ dol am mead fad an t-siubhail.

Ann an Alba gu sònraichte, tha leasachaidhean mar Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, cruthachadh BBC Alba (an t-seirbheis telebhisean didseatach Gàidhlig), agus leudachadh leantainneach ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air iarrtas a thogail airson luchd-labhairt Gàidhlig le deagh fhoghlam no eòlaichean air cultar Ceilteach.

Tha fìor dheagh chothroman obrach taobh a-staigh foghlam, naidheachdan agus na meadhanan, craoladh (an dà chuid rèidio agus telebhisean), poileataigs agus san roinn chultaraich. Ann an cuid de raointean, tha barrachd obraichean Gàidhlig ann na tha ann dè dhaoine leis na teisteanasan gus an lìonadh.

Tha cothroman ann cuideachd leantainn air adhart leis an ionnsachadh agad aig ìre for-cheum, leis na bliadhnaichean urraim gu sònraichte a’ cur ris na sgilean rannsachaidh a bhios a dhìth ort ma thaghas tu an t-slighe seo.

Seach nach eil mòran cheumnaichean ann bho oilthighean na RA a tha a’ speisealachadh anns na cànanan Lochlannach, tha cothroman fìor mhath ann dhaibhsan a tha ag ionnsachadh Danmhairgis, Nirribhis no Suainis, gu h-àraidh a chionn 's gu bheil an luchd-labhairt aig gach cànan air an tuigsinn gu farsaing anns gach dùthaich Lochlannach.

Lorgar na ceumnaichean againn anns a h-uile seòrsa dreuchd, gu h-àraid an fheadhainn far a bheil sgilean conaltraidh math cudromach, cho math ri dòigh-smaoineachaidh a tha an dà chuid rianail agus mac-meanmnach, agus far a bheil na sgilean agus an t-eòlas a chaidh a thogail tron Bhliadhna Thall Thairis ga mheas cudromach.

Riatanasan inntrigidh

Riatanas inntrigidh àbhaisteach

’S e an riatanas inntrigidh àbhaisteach:

  • Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S5 no AABB/ABBBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
  • A Levels: ABB.
  • Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).

Riatanas inntrigidh as ìsle

’S e an riatanas inntrigidh as ìsle airson tagraidhean leudachadh chothroman (widening access):

  • Àrd-ìrean SQA: ABBB ro dheireadh S6. Feumar BBB fhaighinn san aon bhliadhna eadar S4-S6.
  • A Levels: ABB.
  • Baccalaureate eadar-nàiseanta: 34 puingean (ìrean 655 aig HL).

Barrachd fiosrachadh airson tagraidhean leudachadh chothroman [anns a’ Bheurla]

Cuspairean riatanach

  • SQA: Àrd-ìre: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth aig Àrd-ìre. B’fheàrr leinn tagraichean le Gàidhlig, no cànan seach Beurla, aig ìre B.  Nàiseanta 5: Beurla aig ìre C agus cànan seach Beurla aig ìre B (mur eil an Àrd-ìre agad).
  • A Levels: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth airson A Level. B’fheàrr leinn tagraichean le cànan seach Beurla, aig ìre B. GCSEan: Beurla aig ìre C no 4 agus cànan seach Beurla aig ìre B no 6 (mur eil an A Level agad).
  • IB: HL: chan eil cuspair sònraichte sam bith a dhìth. B’fheàrr leinn tagraichean le cànan seach Beurla, aig ìre B. SL: Beurla aig ìre 5 agus cànan seach Beurla aig ìre 5 (mur eil e seo agad aig ìre HL).

Riatanasan a bharrachd

Riatanasan Cànain

Far a bheil riatanas ann airson cànan seach Beurla, thoir an aire nach fhaod oileanaich an cànan a th’ aca bho thùs a chleachdadh gus an riatanas seo a choileanadh. Ann an suidheachaidhean mar seo, bidh Beurla no cànan eile seach an cànan a th’ aca bho thùs freagarrach.

Faigh a-mach barrachd mu riatanasan inntrigidh [sa Bheurla]

Tagraichean eadar-nàiseanta

Bidh sinn a’ cur fàilte air tagraidhean bho oileanach a tha a’ dèanamh farsaingeachd de theisteanasan eadar-nàiseanta.

Riatanasan inntrigidh a rèir dùthcha [anns a' Bheurla]

Bun-prògram eadar-nàiseanta

Ma tha thu nad oileanach eadar-nàiseanta agus mur eilear a’ gabhail ris na teisteanasan sgoile agad airson inntrigeadh dìreach dhan oilthigh, faodaidh gum bi thu ion-roghnach airson a’ phrògram ceuma seo tron Bhun-phrògram Eadar-nàiseanta againn.

Bun-phrògram Eadar-nàiseanta [sa Bheurla]

Tairgsean bho thagraichean inbheach

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho oileanaich inbheach (mature students) agus tha sinn a’ gabhail ri farsaingeachd de theisteanasan.

Teisteanasan airson oileanaich inbheach [anns a' Bheurla]

Feumalachdan a thaobh na Beurla

Feumaidh tu dearbhadh gu bheil ìre de chomas Beurla agad a bheir cothrom dhut soirbheachadh nad chuid ionnsachaidh, ge b’ e dè an nàiseantachd no dùthaich còmhnaidh a th’ agad.

SQA, GCSE agus IB

Airson sgoilearan SQA, GCSE agus IB, mur a tèid ìre nas àirde a shònrachadh anns na riatanasan inntrigidh a chaidh ainmeachadh, feumaidh pas a bhith agad sa Bheurla aig na h-ìrean seo, no nas àirde:

  • SQA Nàiseanta 5 Ìre C
  • SQA Ìre Choitcheann Ìre 3
  • SQA Eadar-mheadhanach 1 Ìre A
  • SQA Eadar-mheadhanach 2 Ìre C
  • GCSE/IGCSE Ìre C no 4
  • Level 2 Certificate Ìre C
  • IB Standard Level Grade 5 (Cha tèid gabhail ri Beurla ab initio airson inntrigeadh)

Deuchainnean Beurla

Bidh sinn a’ gabhail ris na teisteanasan Beurla aig na h-ìrean a thèid a shònrachadh gu h-ìosal:

  • IELTS Academic - comharra de 6.5 uile gu lèir airson a’ mhòideil le 5.5 anns gach co-phàirt.
  • TOEFL-iBT 92 no nas àirde le 20 anns gach earrann. Cha bhi TOEFL MyBest Score a’ coileanadh nan riatanasan againn a thaobh na Beurla.
  • Cambridge English: Advanced no Proficiency - comharra de 176 uile gu lèir le 162 anns gach co-phàirt.
  • Trinity ISE: ISE II le àrd-urram anns na ceithir co-phàirtean uile.

Bidh sinn cuideachd a’ gabhail ri raon nas fharsainge de theisteanasan agus deuchainnean eadar-nàiseanta.

Feumaidh na teisteanasan Beurla agad a bhith nas ùire na trì bliadhna gu leth bho latha tòiseachaidh a’ cheum a tha thu a’ cur a-steach air a shon, ach a-mhàin ma tha thu a’ cleachdadh IELTS, TOEFL, no Trinity ISE a dh'fheumas a bhith nas ùire na dà bhliadhna.

Feumalachdan a thaobh na Beurla [anns a' Bheurla]

Dàta Unistats

Tha am fiosrachadh seo mar phàirt de dh'iomairt aig an riaghaltas gus na stuthan a tha institiudan a' toirt seachad mu na prògraman ceuma aca a leasachadh.

Tha e am measg iomadh tùs fiosrachaidh a chuidicheas tu gus co-dhùnadh fiosrach a dhèanamh air dè na cuspairean a bhios tu a' dèanamh agus dè an t-oilthigh/colaiste a thaghas tu.

Thoir an aire nach eil dàta Unistats ri fhaighinn airson a h-uile prògram.

Unistats: MA Ceiltis agus Eòlas Lochlannach [anns a' Bheurla]

Cìsean, cosgaisean is maoineachadh

Cìsean teagaisg

Cìsean teagaisg airson MA Ceiltis agus Eòlas Lochlannach [anns a' Bheurla]

Cosgaisean a bharrachd

Airson na h-ùine agad thall thairis ann am Bliadhna 3, bheir sinn dhut farsaingeachd de roghainnean. Bidh na cosgaisean agad a rèir far a bheil thu airson a dhol agus dè nì thu.

Ma bhios greis gnìomhachais agad le grant Erasmus+, mar eisimpleir, dh'fhaodte gur e seo a' bhliadhna as saoire a bhios agad den phrògram agad. Dh'fhaodte gun cuir oilthighean taobh a-muigh am Aonaidh Eòrpaich cìs ort airson chùrsaichean ach bheir sinn an t-airgead air ais dhut airson seo cho fad's a tha sinn air an cùrsa aontachadh.

Thèid fios a thoirt dhut mu dè na cosgaisean a dh'fhaodadh a bhith ann nuair a tha thu a' planadh na bliadhna thall thairis agad rè Bliadhna 2.

Maoineachadh

Airson barrachd fiosrachaidh mu na bhios e a' cosg a bhith ag ionnsachadh còmhla ruinn agus mu taic airgid, faic am fiosrachadh againn mu chìsean is maoineachadh.

Cìsean agus maoineachadh [anns a' Bheurla]

Ceistean

Oifis Inntrigidh nam Fo-cheumnaichean, Colaiste nan Ealan, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta

Eadar-lìon: Cuir fios gu Oifis Inntrigidh nan iar-Cheumnach aig Colaiste nan Ealan, nan Daonannachdan agus nan Saidheans Sòisealta  

Ceistean eadar-nàiseanta

Barrachd fiosrachaidh

Mar a nithear tagradh [anns a' Bheurla]

Sgoil: Litreachasan, Cànanan is Cultaran [anns a' Bheurla]

Colaiste: Ealainean, Daonnachdan is Saidheansan Sòisealta [anns a' Bheurla]

Read this page in English