News

Inneal àrd-ìre a’ cuideachadh choimpiutairean le bhith a’ faighinn grèim air Gàidhlig na h-Alba

Chaidh inneal air-loidhne a leasachadh a bhios na chuideachadh airson Gàidhlig na h-Alba a dhèanamh tèarainte san linn fhigearail.

Bidh an inneal a’ cuideachadh choimpiutairean le bhith a’ tuigsinn theacsan Gàidhlig agus faodar a chleachdadh ann an raon de ghnìomhan leithid aithne gutha agus eadar-theangachadh air-loidhne, a bharrachd air gràmar agus ceartachadh litreachaidh.

Tha eòlaichean cànain agus luchd-saidheans choimpiutairean a leasaich an teicneòlas ag ràdh gus bheil aplacaidean na chois a chuidicheas daoine le bhith a’ tuigsinn agus ag ionnsachadh a’ chànain.

Tha luchd-sgrùdaidh air stòr-dàta de chòrr is 100,000 facal Gàidhlig a chleachdadh airson aplacaid, ris an canar inneal pàirt-cainnt (POS), a leasachadh, a leigeas le coimpiutairean facal a phaidhireadh leis a’ bhileag ghràmair aige, leithid ainmear, gnìomhair no buadhair. 

Tha an sgioba ag ràdh gu bheil an inneal a’ cuideachadh choimpiutairean le bhith a’ seòrsachadh agus ag òrdachadh cànan – prìomh phròiseas ann an aplacaidean figearail, leithid cainnt a tha air a ghineadh le coimpiutair.

Chaidh innealan POS mu-thràth a leasachadh airson grunn chànanan eile, ach is e seo a’chiad teicneòlas cànain de a leithid a thathas air a dhearbhadh airson Gàidhlig na h-Alba.

Chaidh an toradh a leasachadh le luchd-sgrùdaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann, le taic bho Oilthighean Obar Dheathain is Ghlaschu, Oilthigh Napier Dhùn Èideann agus Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgìtheanach, a tha na phàirt de Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Thathas a’ cur a’ phròiseact, a chaidh a mhaoineachadh le Urras Carnegie agus Bòrd na Gàidhlig, air bhog aig co-labhairt sgrùdaidh Gàidhlig ris an canar Rannsachadh na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgìtheanach Dihaoine (24 Ògmhios).

Thuirt an t-Ollamh Uilleam Lamb, bho Sgoil Litreachaidh, Chànanan is Chultaran Oilthigh Dhùn Èideann: “Is ann aig ìre thràth a tha teicneòlas corpais is cànain airson Gàidhlig na h-Alba, ann an coimeas ris na ceumannan mòra a thathas air a thoirt air adhart airson cànanan eile san raon seo anns na deicheadan a dh’ fhalbh.  Tha am pròiseact seo a’ toirt seachad cothrom air an t-suidheachadh seo a cheartachadh agus le bhith a’ toirt an cànan air adhart – le gluasad teicneòlais is innteachail a tha deatamach – a-steach don 21mh linn.”