News

UNESCO a’ toirt urram do thasglann Gàidhlig

Tha ciste ionmhais de sgrìobhainn cultarail agus eachdraidheil Gàidhlig air an aithneachadh mar fhear de na tasglainn as cudromaiche san t-saoghal.

Tha Cruinneachadh MhicIlleMhìcheil Watson san Ionad airson Cruinneachaidhean Rannsachaidh ann an Leabharlann na h-Oilthighe air aon de naoi thasglainn a th’ air an clàradh le Prògram Cuimhneachaidh na Cruinne aig UNESCO airson 2014.

Aig teis mheadhan na tasglainne tha na pàipearan iongantach aig an tùsaire beul-aithris Alasdair MacIlleMhìcheil.

Eadar 1860 gu àm a bhàis ann an 1912 chruinnich MacIlleMhìcheil luach ro mhòr de bheul-aithris, dualchas ionadail agus stuthan bho dhaoine bho air feadh na Gàidhealtachd, gu sònraichte na h-Innse Gall far an robh e fhèin a’ fuireach agus ag obair agus far an do thog e a theaghlach eadar 1864 agus 1882.

Tasglann iomraiteach

A-measg an cruinneachaidh aig MacIlleMhìcheil agus Watson tha 26 leabhar-sgrìobhaidh, 5 leabhraichean tar-sgrìobhaidh agus na mìltean de phàipearan fa leth.

Tha raon farsaing de chuspairean anns na pàipearan seo bho uirsgeulan mu uilebheistean ann an lochan agus an dara sealladh gu blàran eadar cinn-feadhna, dòighean air droch-bheul a thoirt do dhaoine sa Ghàidhlig agus gnàthasan croitearachd.

Chaidh tòrr de na rudan spioradail a chruinnich MacIlleMhìcheil - leithid ùrnaighean, beannachdan agus eile - an deasachadh agus an cur an clò na shàr-obair Carmina Gadelica. Chaidh a’ chiad dà leabhar den chruinneachadh seo fhoillseachadh ann an 1900.

Cruinneach sònraichte

Tha an cruinneachadh seo a-measg 41 a th’ air an clàradh mur tha san RA. A-measg an fheadhainn a th’ air an ainmeachadh airson duais ann an 2104 tha làmh-sgrìobhainn le Uilleam Shakespeare, an tasglann air fad aig am Posta Rìoghail (cruinneachadh de dh’obair-dealbhachaidh stampaichean na mheasg), na ciad agallamhan air stoidhle TBh ann an 1916 bho Chruinneachadh Taigh-dhealbh Hepworth agus 130 de chlàran Ròmanach à Bath - na h-ùrnaighean as sine, fhad ’s as aithne dhuinn, gu Dia ann am Breatainn.

Anns a’ Chèitean 1948, chaidh dìleab MacIlleMhìcheil Watson fhàgail aig Oilthigh Dhùn Èidinn, le dithis dhìleabach a bha nan Ollamhan ann an Ceilteis: mac-cèile MhicIlleMhìcheil an t-Ollamh Uilleam J Watson agus mac Watson an t-Ollamh Seumas MacIlleMhìcheil Watson nach maireann.

Tha luach thar labhairt anns a’ chruinneachadh a tha seo a th’aig an Oilthigh de dh’òrain, sgeulachdan agus beul-aithris mhuinntir Alba.’S e fear de na prìomh amasan againn a bhith a’ sgaoileadh na goireasan air leth a tha seo agus dèanamh cinnteach gu bheil iad rim faotainn chan ann a-mhàin air feadh an t-saoghail ach cuideachd ann na coimhearsnachdan san deach iad an cruinneachadh bho thùs.Tha e na thogail cridhe dhuinne a bhith faighinn leithid de dhuais chliùiteach agus bu mhath leinn ar taing a thoirt do na càirdean is luchd-dàimh a thug sgeulachdan agus beul-aithris dhuinn agus chun an teaghlaich aig Alasdair MacIlleMhìcheil fhèin airson an cuid taic thairis air na bliadhnaichean.

Dr Dòmhnall Uilleam StiùbhartÀrd-rannsaiche aig Pròiseact MacIlleMhìcheil Watson