News

Fèis Bhliadhnail a’ Togail Aire mun Ghàidhlig

Tha an t-Oilthigh a’ dèanamh fèill air a’ Ghàidhlig le seachdain làn thachartasan ceangailte ri cànan is cultar na Gàidhlig.

’S e fèis bhliadhnail a th’ ann an Seachdain na Gàidhlig. Tha i a’ toirt cothrom do dh’oileanaich, luchd-obrach, agus a’ choimhearsnachd pàirt a ghabhail ann an tachartasan a thogas inbhe na Gàidhlig.

Am measg tachartasan na seachdaine, gheibhear turas sònraichte tro mheadhan na Gàidhlig tro leabharlann lùsan aig Lios Luibheah Rìoghail Dhùn Èideann.

Bidh an t-ùghdar Iain Moireach a’ toirt seachad òraid mun leabhar ùr aige ‘Leughadh Aghaidh na Tìre’.

Gheibhear taisbeanaidhean bho sgoilearan Gàidhlig à Ceap Breatainn, cuideachd.

Tachartasan mu Chànan is Chultar

Am measg nan tachartasan eile, gheibhear cearcaill còmhraidh, cothrom air iomain fheuchainn còmhla ri comann camanachd an Oilthigh, agus òraid le Ùisdean MacIllInnein. Tha e na chraoladair, ùghdar agus neach-acadaimigeach spòrs le ùidh shònraichte ann an iomain. Tha e na phreseantair air Aibisidh, farpais cheist air BBC Alba.

Gheibhear cuideachd cothrom airson ionnsachadh mu Thasglann Sgoil Eòlas na h-Alba - cruinneachadh farsaing r làn chlàraidhean, dhealbhan agus làimh-sgrìobhainnean a’ buntainn ri dualchas, eachdraidh agus cultar na Gàidhlig.

Tha Seachdain na Gàidhlig a’ cur taic ri amasan a’ Phlana Ghàidhlig, agus tha e a’ sealltainn taic agus dealas leantainneach an Oilthigh a chuid taic a chumail ris a’ Ghàidhlig.

Bidh an t-Oilthigh a’ ruith caochladh thachartasan tron bhliadhna acadaimigich, nam measg cùrsa Gàidhlig an asgaidh do luchd-obrach a mhaireas sia seachdainean.

Tha Gàidhlig na pàirt cudromach de chultar iom-dhòigheach an Oilthigh agus Dhùn Èideann. Tha sinn toilichte an dàrna Seachdain na Gàidhlig a chur air adhart. Tha an t-seachdain seo a' toirt cothrom do dh’oileanaich, luchd-obrach, agus muinntir na coimhearsnachd barrachd ionnsachadh mun Ghàidhlig, fèill a dhèanamh air àite na Gàidhlig, agus Gàidhlig a chleachdadh.

Thuirt Bria MasonOifigear na Gàidhlig