News

Tàirrnidh tasglann air-loidhne suas far-chrann a’ Phrionnsa

Am measg ulaidh ùir air-loidhne de nithean eachdraidheil Albannach, chan eil am beat air ‘far-chrann’ - stòl beag robach - aig a bheil buntanas ris a’ Phrionnsa Teàrlach Stiùbhart.

Stool made from wood purported to have been used by Bonnie Prince Charlie when he was in the Western Isles.

Tha an stòl air fear de chòrr is 400 rud ann an tasglann dealbhaichte didseatach a rinn luchd-rannsachaidh agus tasglannaichean Dhùn Èideann.

Chaidh an tasglann a chur ri chèile le Ionad nan Cruinneachaidhean-Rannsachaidh agus Edina, ionad stèidhichte aig an oilthigh a leasaicheas agus a chuireas air dòigh sheirbhisean air-loidhne do dh’obair-rannsachaidh agus do dh’fhoghlam na RA.

Chithear an stòl, a thug, a-rèir aithris, beagan fois don Phrionnsa ’s e a’ teicheadh ro na dearganaich as dèidh Bhlàr Chùil Odair, air clàr air-loidhne de nithean, a’ mhòr-chuid far Ghàidhealtachd na h-Alba.

Cruinneachadh barraichte

’S ann à Ceann-a-Deas Uibhist, far an robh am Prionnsa fon choill’, a tha an stòl trì-chasach. Chì sibh an-diugh e ann an Taigh-Tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar anns a’ Ghearasdan.

Tha an clàr air-loidhne a’ taisbeanadh nithean iongantach a chruinnich an sàr bheul-aithrisiche Alasdair MacGilleMhìcheil eadar 1860 agus 1912.

An-diugh, thathas eòlach air Alasdair mar fhear-cruinneachaidh agus fear-deasachaidh dualchas-beòil nan Gàidheal, ach bha e cuideachd gu math dìoghrasach a’ cruinneachadh stuth.

Spiorad dualchas nan Gàidheal

Silver ring brooch

Cruinnich e sgaoilteachd iongantach de nithean - tòrr dhiubh cudromach ann an eachdraidh - a leigeas fhaicinn dhuinn beagan de spiorad dualchas nan daoine ri linn atharrachaidhean mòra sòisealta.

Cuideachd ’gan taisbeanadh air-loidhne tha spealgan fiodh bhon luing Armada a chaidh a spreadhadh ann an Bàgh Thobar Mhoire; mias-bhaistidh shnàidhte bho na Meadhan Aoisean; eàrnan Moire, ponairean-mara a dhìonadh air a’ leabaidh-aiseid; bràistean-airgid; agus adhaircean-fùdair dealbhaichte.

Fhuair Alasdair cuideachd cruinneachadh luachmhor de sheann bhreacan, le pàtrain nach eil idir coltach ris na tàrtain-chinnidh a tha cho fradharcach an-diugh. Tha iad sin a-nis air an roinn eadar Taigh-Tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar agus Taighean-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Tha tasglannaichean agus luchd-rannsachaidh air na 18 mìosan mu dheireadh a chur seachad a’ clàradh, a’ comharrachadh, agus a’ toirt tuairisgeul air nithean Alasdair - a’ mhòr-chuid gléidhte anns a’ stòr bho chaidh an toirt seachad leis an teaghlach.

Anns a’ rìoghachd gu lèir chan eil a shamhail aig a’ chruinneachadh seo, ’s e ’na dhearbhadh air tuigse dhomhainn Alasdair air mar a tha cultar dùthchasach agus a’ bheul-aithris air an amladh gu dlùth ann an coimhearsnachdan. Tha e a’ toirt togail mhòr dhuinn an cothrom seo a ghlacadh gus an cruinneachadh tàbhachdach seo a thaisbeanadh dha sgoilearan agus dhan mhòr-shluagh.
Thuirt an Dr Domhnall Uilleam StiùbhartIonad nan Cruinneachaidhean-Rannsachaidh aig an Oilthigh

Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le Urras Leverhulme gus rannsachadh mu dè dh’innseas nithean Alasdair mun àrainneachd, mun luchd-seilbh, agus mun fhear-cruinneachaidh fhèin.

Nithean eachdraidheil Albannach

Eadar 1860 agus bliadhna a bhàis, chlàraich Alasdair MacGilleMhìcheil tiùrr mòr de bheul-aithris air Gàidhealtachd na h-Alba.

Chruinnich e cuideachd nithean bho dhaoine air feadh na dùthcha, gu h-àraid ann an ceann-a-deas nan Eilean Siar far an robh e a’ fuireachd, ag obair, agus a’ togail teaghlach eadar 1864 agus 1882.

An-diugh tha Alasdair cliùiteach airson Carmina Gadelica, cruinneachadh deasaichte de litreachas agus de bheul-aithris na Gàidhlig a nochd ann an sia leabhraichean eadar 1900 agus 1971.

Chaidh Dìleab MhicGilleMhìcheil MhicBhatair a bhuileachadh air an Oilthigh ann an Cèitean 1948.

Cruinneachadh luachmhor

Tha an cruinneachadh dèante de timcheall air 1400 leabhar clò-bhuailte agus làmh-sgrìobhainn, ’nam measg leabhraichean-raoin agus leabhraichean tar-sgrìobhaidh Alasdair MhicGilleMhìcheil: neamhnaidean a’ chruinneachaidh.

Ann an cruinneachadh Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba tha grunn rudan a chaidh a thoirt seachad le Alasdair MacGilleMhìcheil do Thaigh-Tasgaidh Nàiseanta nan Àrsaidhean a bh’ ann roimhe.

Tha corra cheud rud a chruinnich Alasdair a-nis glèidhte ann an Taigh-Tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar anns a’ Ghearasdan.