News

Plana Gàidhlig a’ toirt togail dhan chànan air làrach na h-oilthigh

Chaidh plana airson cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann fhoillseachadh.

Bheir e an tuilleadh togail dhan Ghàidhlig air làrach na h-oilthigh agus cruthaichidh e barrachd chothroman airson a’ chànan a chleachdadh.

A-measg nan leasachaidhean ùra a tha san amharc bidh for-cheum ann an Gàidhlig agus teagasg bun-sgoile agus cùrsa air loidhne saor ’s an asgaidh a bhios ag amas air ceòl traidiseanta Albannach, a tha a’ gabhail a-steach ceòl Gàidhlig.

Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Tha e cuideachd a’ comharrachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an obair-gnìomh na h-oilthigh mar eisimpleir ann am branndachd, conaltradh, foillseachaidhean agus fastadh dhaoine.

Chaidh an iomairt a dheasachadh airson a bhith ruith ann an co-ionnanachd le cuimsean is amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus ro-innleachd na h-oilthigh fhèin airson a’ Ghàidhlig a leasachadh.

Tha Oilthigh Dhùn Èideann, o chionn iomadh bhliadhna, air taic a chuir ri cànan agus cultar na Gàidhlig

Sàr Ghoireasan Gàidhlig

Chaidh Ceannard Ceilteis a stèidheachadh aig an Oilthigh ann an 1882 an dèidh iomairt le John Stuart Blackie (1809-95) a bha na Ollamh ann an Grèigis aig an Oilthigh.

As an latha an-diugh tha Roinn Ceilteis agus Eòlas na h-Alba a’ teagasg Gàidhlig aig a h-uile ìre bho chànain agus litreachadh nuadh gu meadhan-aoiseil a thuilleadh air cuspairean nas fharsainge a tha co-cheangailte ri cultar na Gàidhlig.

Tha cothroman airson leasachadh cànain aig Dùn Èideann air an neartachadh le beartais de chuideachadh bho leithid Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba aig a bheil na mìltean de dh’uairean a thìde de Ghàidhlig air a chlàradh agus cruinneachadh de làmh-sgrìobhainn de chaochladh sheòrsa.

Tha sinne air ar dòigh a bhith cuir am plana Gàidhlig seo air bhog. ‘S e oilthigh eadar-nàiseanta a th’ ann an Oilthigh Dhùin Èideann agus tha an luchd-obrach againn agus ar n-oileanaich a’ tighinn bho air feadh an t-saoghail ach air ar freumhachadh ann am prìomh bhaile Alba. Bheir am plana Gàidhlig barrachd chothroman do dh’oileanaich Albannach a tha fileanta sa chànan a thuilleadh air cothrom a thoirt do dh’oileanaich eadar-nàiseanta a bhith a dlùth-cheangail ri àrainneachd, coimhearsnachd agus cultar na dùthcha sa bheilear ag ionnsachadh.
Thuirt Sir Timothy O SheaPrionnsapal Oilthigh Dhùn Èideann

Cuirmean Gaidhlig

Airson an iomairt a chomharrachadh chaidh fèill Ghàidhlig a chumail aig an oilthigh le Roinn Cheilteis is Eòlas na h-Alba a’ ruith blasad de chlasaichean air cànan agus cultar na Gàidhlig. Chaidh cèilidh cuideachd a chumail le Comunn Gàidhealach Oilthigh Dhùn Èideann.

Bheir an t-Oll Raibeart Dunbar a’ chiad òraid seachad, air eadar- theangachadh mar aon, mar chathraiche air Roinn Cànain Ceilteach, Litreachas, Eachdraidh agus Àrsaidheachdan. Bheir an òraid aige ‘Canada, Mac-meanmna na Gàidhlig, agus na Cànain Ceilteach san Àm ri Teachd’ sùil air mar a tha Canada, gu sònraichte mar a tha dualchas Gàidhlig Chanada a’ toirt buaidh air cànain Ceilteach - an dà chuid ann an Canada agus san Roinn Eòrpa gu sònraichte ann an Alba, Èirinn agus sa Chuimrigh.

Èistibh ris an t-Ollamh Wilson MacLeòid a’ bruidhinn mun Ghàidhlig aig an Oilthigh.

Related Links

Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann

Eòlas na h-Alba agus Ceiltis

An t-Oll Raibeart Dunbar – a’ chiad òraid