Literatures, Languages & Cultures

Brùthadh fon dòmhlachd no cothroman gun chrìoch? Meadhanan mion-chànanach anns an linn dhidseatach

Tha a’ cho-labhairt eadar-nàiseanta seo ga co-eagrachadh le Institiùd nam Basgach Etxepare agus Oilthigh Dhùn Èideann.  

Partner logos

Tha i ag amas air iomlaid eòlais agus co-obrachadh a bhrosnachadh eadar sgoilearan agus proifeiseantaich a tha ag obair air meadhanan mion-chànanach.

Cànan na co-labhairt: Beurla

Mun cho-labhairt

Tràth sna 1980an, bhrosnaich stèidheachadh sianalan Catalanais, Basgais agus Cuimris grunn sgoilearan Eòrpach a bhith a’ sgrùdadh nam prìomh bhun-bheachdan co-cheangailte ri meadhanan mion-chànanach agus a bhith a’ dèanamh sgrùdaidhean cùise cudromach. Ann an 1992, dhaingnich Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan agus Cànanan Roinneil gu bheil dleastanasan cudromach aig ùghdarrasan poblach anns an raon seo.

Thar na fichead bliadhna a chaidh seachad, tha fàs teicneòlais dhidseataich agus an Eadar-lìn air saoghal dlùth-chruinneil a chruthachadh far a bheil na dùbhlain agus na cothroman airson mheadhanan mion-chànanach air fàs nas iom-fhillte. A dh’aindeoin a' chruth-atharrachaidh sin, cha robh mòran beachdachaidh agus deasbaid mhionaidich air an dàimh eadar na meadhanan didseatach agus na meadhanan mion-chànananach.

Gairm phàipearan

Tha sinn a’ cur fàilte air pàipearan, pannalan ro-shuidhichte no postairean a tha a’ dol an sàs ann an rannsachadh agus sgrùdaidhean cùise air gin de na cuspairean a leanas:

  1. Poileasaidhean conaltraidh agus cultarach
  2. Eaconamachd nam meadhanan agus an linn didseatach
  3. Sreathan Tbh agus àrd-ùrlaran bhidio
  4. Luchd-èisteachd, gnèithean agus sgrùdadh susbaint
  5. Ro-innleachdan prògramaidh agus coimiseanadh susbaint
  6. Suidheachaidhean riochdachaidh agus cothroman sgaoilidh
  7. Malairt phrògraman
  8. Foghlam nam meadhanan agus cleachdadh cànain
  9. Nàisean, cànan agus fèin-aithne
  10. Beachdan air meadhanan agus gnè

Bu chòir geàrr-chunntasan (suas gu 250 facal) a chur le post-d ro Didòmhnaich 12 Cèitean (ceann-là air a shìneadh bho dheireadh a' Ghiblein) gu luchd-eagrachaidh na co-labhairt aig Miren Manias

Bidh taisbeanaidhean air an cumail gu 20 mionaid, le 10 mionaidean nan cois airson ceistean. Bidh pannalan a’ ruith fad 90 mionaid, le trì pàipearan 20 mionaid agus 10 mionaid airson ceistean.

Prìomh luchd-labhairt a tha air an dearbhadh

  • Rob Dunbar, Oilthigh Dhùn Èideann
  • Josu Amezaga, Oilthigh Dùthaich nam Basgach (UPV / EHU)
  • Elin Haf Gruffydd Jones, Mercator Media
  • Alan Esslemont, Stiùiriche TG4, Sianal Telebhisein Gaeilge
  • Itziar Azpeitia Iruretagoiena, Ceannard Phròiseactan Sònraichte - TBh Poblach na Basgais (ETB)

Comataidh saidheansail

  • Miren Manias-Muñoz, Oilthigh Dhùn Èideann / Oilthigh Dùthaich nam Basgach (UPV / EHU)
  • Aitor Zuberogoitia, Oilthigh Mondragon 
  • Estibaliz Amorrortu, Oilthigh Deusto
  • Helen Kelly-Holmes, Oilthigh Luimnigh
  • Tom Moring, Oilthigh Helsinki
  • Tarlach McGonagle, Oilthigh Amsterdam

Comataidh eagrachaidh

-

Brùthadh fon dòmhlachd no cothroman gun chrìoch? Meadhanan mion-chànanach anns an linn dhidseatach

Co-labhairt eadar-nàiseanta thar dà latha air na meadhanan mion-chànanach sa linn dhidseatach.

Oilthigh Dhùn Èideann