Edinburgh Impact

Dòchas gum bi luchd-taic bhiortail Gàidhlig ann mar thoradh air inneal hi-tech ùr

Tha bathar-bog aithneachadh cainnt a chruthaich luchd-rannsachaidh Dhùn Èideann a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil àite aig seann chànan na h-Alba ann an cruth-tìre teicneòlasach an latha an-diugh.

Woman on island with smartphone

By Ronnie Kerr, PR and Media Manager and Senior Content Editor, Communications and Marketing

Read in English

Dh’fhaoidte gu bheil luchd-cuideachaidh didseatach a bhruidhneas Gàidhlig na h-Alba ceum nas fhaisge mar thoradh air adhartas hi-tech le eòlaichean an Oilthigh.

Tha sgioba de chànanaichean agus eòlaichean Tuigse Innealta (Artificial Intelligence) air bathar-bog a chruthachadh as urrainn èisteachd ri Gàidhlig labhairteach agus a clò-bhualadh mar theacsa sgrìobhte.

A-nis tha luchd-rannsachaidh an dòchas an teicneòlas ùrachadh gus nach bi e a-mhàin a’ clò-bhualadh na chluinneas e, ach gum bi e cuideachd a’ freagairt gu labhairteach cuideachd - dìreach mar luchd-cuideachaidh gutha Siri, Alexa no Google.

Is urrainn dhan t-siostam fo-thiotalan a thoirt seachad mar-thà airson susbaint bhidio air-loidhne. Is urrainn dha cuideachd cuideachadh a thoirt dhaibhsan a tha ag ionnsachadh a’ chànain; agus taic a thoirt do chlann-sgoile ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig le dyslexia, a rèir an luchd-rannsachaidh.

Aidh, robot

Chruinnich an sgioba - a tha air a stiùireadh le Oilthigh Dhùn Èideann - na milleanan de dh’fhaclan Gàidhlig labhairteach agus sgrìobhte agus thug iad trèanadh do shiostam coimpiutair gus aithneachadh mar a bha iad co-cheangailte.

Rinn luchd-rannsachaidh sin le bhith a’ cleachdadh lìonra neural - AI a leigeas le coimpiutairean cànan a phròiseasadh san aon dòigh ri daoine.

Chaidh am bathar-bog a chruthachadh ann an co-bhonn ris a’ chompanaidh Quorate Technology Ltd a tha na chompanaidh spin-out aig Oilthigh Dhùn Èideann

Bha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus pròiseact Tobar an Dualchais / Kist o Riches - clàr air-loidhne gun samhail de bheul-aithris na h-Alba - an sàs sa phròiseact cuideachd.

Tha an sgioba air tòiseachadh air obrachadh le Tobar an Dualchais gus agallamhan le luchd-labhairt Gàidhlig a thar-sgrìobhadh a tha a’ gabhail a-steach eileamaidean luachmhor de dh’eachdraidh beòil agus de sheanchas traidiseanta.

Thuirt stiùiriche a’ phròiseict, an Dr Uilleam Lamb, bho Sgoil Litreachasan, Cànanan is Chultaran Oilthigh Dhùn Èideann: “Tha e ro chudromach airson seasmhachd na Gàidhlig gum bi àite aice ann an cruth-tìre teicneòlais an latha an-diugh.

“Le bhith a’ dèanamh feum de thaic agus eòlas na coimhearsnachd Ghàidhlig, agus a’ toirt rudeigin air ais dhaibh san dòigh seo, tha sinn an dòchas sealltainn gun urrainn do mhion-chànan sam bith soirbheachadh san linn dhidseatach.”

Woman speaks to voice activated assistant

Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil na dùbhlain gus aithne cainnte fèin-obrachail a chruthachadh dhan Ghàidhlig fìor mhòr an coimeas ri siostam den aon seòrsa airson na Beurla.

Tha beairteas de dhàta poblach ri fhaighinn do dhuine sam bith a chruthaicheas siostam ASR sa Bheurla, cho math ri teicneòlasan a chaidh a dhèanamh gu sònraichte gus cuideachadh leis a’ phròiseas.

Tha na siostaman Beurla as ùire san latha an-diugh air an trèanadh air millean uair a thìde de chlàraidhean-fuaime, barrachd cainnt na chluinneas neach sam bith nam beatha.

Sa chumantas chan eil dàta cainnt tar-sgrìobhte aig àrd-ìre furasta fhaighinn ann am mion-chànanan. Tha an iomairt Ghàidhlig a’ tòiseachadh bhon fhìor thoiseach le dìreach 65 uairean a thìde de chlàraidhean fuaime, ach bheir cùmhnant leis a’ bhuidhinn craolaidh Gàidhlig MG Alba àrdachadh mòr air seo. 

Tha cnapan-starra eile ann. A dh’aindeoin na sgìre caran beag anns a bheil Gàidhlig na h-Alba air a bruidhinn san latha an-diugh, tha iomadachd dhualchainntean mòr ann agus chan eil slat-tomhais aontaichte ann.

A dh’aindeoin nan duilgheadasan, tha an sgioba dòchasach gun cuidich an teicneòlas a tha a’ tighinn am bàrr gus a’ Ghàidhlig a dhèanamh nas ruigsinniche do dhuine sam bith a tha airson a h-ionnsachadh.

Fhuair am pròiseact taic bhon Iomairt Ùr-ghnàthachadh air a Stiùireadh le Dàta (Data-Driven Innovation - DDI), a tha air a stiùireadh le Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Heriot-Watt agus a tha na phrìomh phàirt de Chùmhnant Roinn-baile Dhùn Èideann agus Ear-dheas na h-Alba.

Tha DDI a’ cumail taic ris an Roinn san oidhirp aice a bhith na phrìomh-bhaile dàta airson na h-Eòrpa agus tha a’ mhaoin Building Back Better aige a’ toirt seachad tabhartasan suas ri £500,000 airson rannsachadh a chuireas ri ath-bheothachadh eaconamach is sòisealta bho Chovid-19.

Fhuair am pròiseact teicneòlas cainnt taic fhialaidh bho Shoillse, an Lìonra Rannsachaidh Nàiseanta airson Cumail suas agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig agus a Cultar.

Picture credit: lucentius/Getty; Daisy-Daisy/Getty