Academy of Sport - Acadamaidh Spòrs Oilthigh Dhùn Èideann

Spòrs, Oilthigh Dhùn Èideann agus an Leabhar-lann Nàiseanta

Sport, The Academy of Sport and the National Library of Scotland

Read this page in English

Chan eil leithid de dh’àite ann air an t-saoghal ann an iomadach dòigh, agus ged a tha iomadh Leabhar-lann Nàiseanta ann air feadh an t-saoghail, bu chòir dhuinn a bhith moiteil às an aitreabh phrìseil againn fhèin air Drochaid Sheòrais IV anns a’ Phriomh-bhaile, an Dùn Èideann.

Nis, bi gu leòr a’ leughadh seo a bhios ag ràdh riutha fhèin gu bheil fhios aca air sin – ma ghabh sibh ceum Phd mar eisimpleir ann an Oilthigh sam bith, tha deagh sheans gun do chuir sibh ùine gu leòr seachad a-staigh san togalach.

Rinn mi fhèin sin bho chionn fichead bliadhna, agus a-nis tha mi a’ dol a chur seachad earrann mhath de bhliadhna eile ann, fo stiùir an Leabhair-lann fhèin agus Acadamaidh Spòrs Oilthigh Dhùn Èideann, agus le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, a tha air cothrom a thoirt dhomh a bhith a’ rùrach nam measg mar Sgrìobhaiche Spòrs.

 

Spors gu leor anns
Spòrs gu leòr anns an Leabharlann Nàiseanta

Nis, tha atharrachaidhean mòra air tighinn air an Leabhar-lann Nàiseanta anns an ùine bhon bha mi ga chleachdadh bho thùs. A’ phrìomh rud, gu bheil na dorsan sgaoilte chun na gaoithe agus fàilte ga chur air a h-uile duine. Rud nach robh a’ tachairt uaireigin, nuair a dh’fheumaiste leum seachad air geata-bacaidh aig mullach a’ chiad staidhre, a bha buailteach na casan agad a bhriseadh mur a robh thu sgiobalta gu leòr son leum a-steach. An diugh, cleas iomadach buidheann poblach eile, `s ann ag amas air daoine a thàladh agus a tharraing a tha an Leabhar-lann, a’ feuchainn ri àireamhan a chur am meud, ach cuideachd a’ feuchainn ri aire dhaoine a tharraing chun an stòrais eireachdail a th’aca, ann an dòigh gu tur ùr. Agus a-measg sin, tha oidhirp gu math sònraichte ga dhèanamh gnothaichean Gàidhlig a leudachadh agus a sgaoileadh mar phàirt dhen àbhaisteachadh a tha iad a’ fhaicinn iomchaidh anns an latha th’ann.

Bidh a’ mhòr-chuid a bhios a’ cleachdadh an Leabhair-lann a’ dol ann son adbhar gu math sònraichte no mionaideach. Gnothach `s dòcha anns nach eil ùidh aig mòran dhaoine ach an neach sin fhèin. Agus chan eil càil ceàrr air sin.

Ach `s e cnag na cùise, mar a fhuair mi fhèin a-mach anns na beagan sheachdainnean a tha mi air a bhith an làthair, gu bheil uidhir de stuth aca, anns na diofar thoglaichean agus fo na diofar chinn, is nach eil fhios aca fhèin ann an dòigh dè th’aca.

Gu deimhinne, tha ròs aca air bocsaichean agus cruinneachaidhean agus liostaichean. Ach gu math tric, chan eil na gnothaichean sin mionaideach gu leòr, no a’ mìneachadh dè th’ann, no co-theacs na cùise.

toiseach ma tha, s d’fhioch àireamh no dha a cur air ur beulaibh mun stòras: 20 millean rud fa-leth anns na cruinneachaidhean; 24 millean ma tha sinn a’ gabhail a-staigh rudan a tha didsiteach. Tha dà mhillean map anns an stòras mhapaichean. Tha 300,000 pìos ciùil clo-bhuailte aca. Tha còrr is 25,000 pàipear-naidheachd aca – sin 25,000 tiotal, agus bho latha gu latha, tha iad fhathast a’ cruinneachadh 250 pàipear-naidheachd Albannach bhon h-uile ceàrnaidh de dh’Alba. Tha an t-Albannach 200 bliadhna a dh’aois am bliadhna. Tha a h-uile iris dhen phàipear aig an Leabhar-lann.

milltean de phìosan fiolm fo chùraim an Leabhair-lann ann an togalach ùr eireachdail aig Talla Khelvin an Glaschu. Leabhraichean gun àireamh cha mhòr, bho Bhìoball Ghutenburg gu na Broons, Oor Willie agus Bunty. Làmh-sgrìobhaidhean, litrichean agus cruinneachaidhean mu shreab, irisean, pìobaireachd agus bileagan.

 

 

Football compendium

Agus an robh fhios agaibh gur ann air mheud a thathas gan tasgadh seach tiotalan no cuspairean no eile? Leis sin, thig thu air sgeilpichean a tha luma-làn de dhiofar sheòrsaichean cuspair, feadhainn dhiù `s dòcha nach deach fhosgladh bhon latha thàinig iad a-staigh (agus tha 6,000, seadh sia mìle, a’ taomadh a-steach gach seachdain!). Agus an robh fhios agaibh gu bheil 13 làr anns an togalach a chì sibh air Drochaid Sheòrais IV?

Agus tha stuth ann mu spòrs. A h-uile seòrsa spòrs air an do smaoinich mac an duine. Agus gu leòr air nach do smaoinich sinn, agus ris nach biodh dùil `s docha – leithid roller-ball.

Cha robh Ùisdean riamh ris an roller-ball agus cha bhì, ach bidh mi a’ rannsachadh stuth an Leabhair-lann agus ga fhuasgladh a-mach tro bhlogs, air-loidhne agus tro phrògraman rèidio, tha mi cinnteach, nuair a thig Coinneach Mòr às ar dèidh. Bidh fàilte roimhe, mar a bhios tro neach sam bith a tha le ceist a bheil leabhar againn air sud no seo. Agus gu sònraichte leabhraichean agus bileagan agus stuth eile co-cheangailte ri spòrs. Tha an obair a bhios mi a’ dèanamh a’ cur ri eòlas dhaoine air an stuth a th’againn, a’ togail cheistean mu rud sam bith nach eil againn, agus a’ cruthachadh stuth ùr son an làraich-lìn agus sgoiltean. Bidh an rannsachadh cuideachd a cur ri pròiseact eile anns a bheil mi an sàs a’ cuideachadh dhaoine a tha a’ tighinn beò le seargadh-inntinn no aonranachd. Agus tha an obair sin air a bhith na uallach agus na urram dhomh mar tha.

Abair spòrs! Dà latha san t-seachdain, bidh mi cho sona ri fear a chuir cas am bròig. A’ leughadh leabhraichean, a cnuasachd agus a’ ceilearadh bho @hughdansport no aig h.maclennan@nls.uk no hughdan.maclennan@ed.ac.uk Feuch gun tig sibh a chèilidh. Ged nach urrainn dhuibh leabhar a thoirt a-mach às an fhàrdaich, mur bi mi air mo mhealladh, gheibh sibh freagairt air bhur ceist agus toileachas dha-rèir.