Dreachd Plana Gàidhlig 2025-2030
Tha an dreachd Phlana Gàidhlig againn a’ mìneachadh nam prionnsapalan agus nan geallaidhean a tha an t-Oilthigh a’ moladh airson na Gàidhlig airson nan còig bliadhna ri teachd.
Mar Oilthigh cruinneil freumhaichte san eachdraidh chatharra gun samhail againn, tha sinn ag aithneachadh nan dleastanasan a th’ oirnn a thaobh na Gàidhlig, tè de chànanan dùthchasach beò na h-Alba. Thar nan còig bliadhna mu dheireadh, tha sinn air a bhith a’ leantainn plana de ghealltanasan a tha air am mìneachadh sa Phlana Ghàidhlig làithreach againn (airson 2019-2024).
Fon phlana seo, bha àrdachadh anns na cothroman ionnsachaidh, chaidh sgeama Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas a stèidheachadh, agus chaidh ar ceanglaichean a neartachadh le buidhnean ionadail agus lìonraidhean Gàidhlig am measg iomairtean adhartach eile.
Tha am Plana Gàidhlig làithreach againn a’ tighinn gu crìch ann an 2024, agus ged a tha sinn air adhartas fhaicinn a dh’ionnsaigh amasan a’ phlana sin, tha e cudromach gun coimhead sinn a-rithist air an t-slighe ro-innleachdail againn airson na Gàidhlig. Mar sin, tha sinn air dreachd Phlana Gàidhlig fhoillseachadh a tha a’ mìneachadh nam prìomh phrionnsabalan agus gealltanasan againn airson na Gàidhlig eadar 2025 agus 2030.
'S e dreachd Plana Gàidhlig a th' anns a' Phlana a leanas. Airson a' Phlana a tha sinn a' leantainn an-dràsta, tadhail air na duilleagan air a bheil "Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2019-2024".
Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2019-2024
Leugh ar Dreachd Plana Gàidhlig 2025-2030
Adhartas às ùr
Tha a' cho-chomhairle phoblach air an Dreachd Plana Gàidhlig againn a-nis dùinte. Bidh toraidhean bhon cho-chomhairle agus am Plana Gàidhlig ùr air am foillseachadh air na duilleagan Gàidhlig de làrach-lìn an Oilthighe.
Ma tha ceistean no beachdan agad mu leasachadh a' Phlana ùr, nach cuir thu fios gu Oifigear na Gàidhlig.