Iarrtasan fosgailte airson ciad sgeama taigh na Gàidhlig aig ODÈ
Tha Ar Fàrdach na chothrom ùr do dh'oileanaich aig a bheil Gàidhlig a bhith a' fuireach còmhla ann an àrainneachd Ghàidhlig, a dh'aindeoin cuspair acadaimigeach.
Tha Ar Fàrdach a' cruthachadh àite do dh'oileanaich far an urrainn dhaibh Gàidhlig a chleachdadh gu làitheil mar chànan an taighe, a dh'aindeoin dè an cuspair a tha iad ag ionnsachadh aig an Oilthigh.
Tha an sgeama seo fosgailte do dh'oileanach sam bith aig Oilthigh Dhùn Èideann a tha fileanta sa chànan, no a tha deònach Gàidhlig a bhruidhinn fad na tìde aig an taigh.
Duais Dhùn Èideann
A bharrachd air an àrainneachd Ghàidhlig san taigh, gheibh oileanaich air an sgeama taic a dh'ionnsaigh Duais Dhùn Èideann (Gàidhlig), airson am brosnachadh obair a dhèanamh còmhla ri buidhnean Gàidhlig sa bhaile mhòr.
Leis an duais seo, gheibh na h-oileanaich eòlas air obair ann an saoghal na Gàidhlig, agus obair sa choimhearsnachd san fharsaigneachd. Nochdaidh an duais air an teisteanas HEAR agad aig deireadh do cheum.
Càit am bi na h-oileanaich a' fuireach?
Bidh a' chiad taigh againn aig Cuirt Fhriseil (Fraser Court) air Rathad Dail Chèith, tallaichean fèin-frithealaidh faisg air Pàirce an Ròid, agus 18 mionaidean air falbh bho phrìomh àrainn an Oilthigh.
Ciamar a ghabhas mi pàirt ann?
Ma tha ùidh agad san sgeama seo, no ma tha ceistean agad, cuir post-d do Oifigear Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann, Isla, leis an fhiosrachadh gu h-ìosal:
- T' ainm
- Cuspair a tha thu ag ionnsachadh
- Bliadhna anns a bheil thu
- Senteans no dhà air carson a tha ùidh agad san sgeama
Barrachd Fhiosrachaidh
Gheibhear fiosrachadh air fad mun sgeama anns a' bhileag fhiosrachaidh againn.
Bileag Fhiosrachaidh Ar Fàrdach
Chan eil taic-maoineachaidh do dh'oileanaich air an sgeama seo dearbhte fhathast. Ach, tha sinn an-dràsta a' rannsachadh chothroman airson seo a thairgsinn.