Seiseanan mu Chànan is Chultar na Gàidhlig
Bidh na seiseanan seo a’ dèiligeadh ri caochladh chuspairean a thaobh na Gàidhlig, a h-eachdraidh agus a h-àite ann an Alba, agus a dìleab ’s a cultar.
Susbaint a’ Chùrsa
Seallaidh an cùrsa ris na cuspairean a leanas:
- Na cànanan Ceilteach
- Gàidhlig ann an Alba
- Achd na Gàidhlig agus na Planaichean Gàidhlig
- Beagan fhaclan agus abairtean sìmplidh Gàidhlig
- Gàidhlig aig an Oilthigh
- Ainmean àite
- Gàidhlig ann an Dùn Èideann
- Traidiseanan Gàidhlig
- Ag ionnsachadh na Gàidhlig
Cuin a bhios na seiseanan?
Thèid seiseanan a chumail air làithean sònraichte tron bhliadhna is bidh iad air an sanasachadh air duilleagan meadhanan sòisealta na Gàidhlig aig an Oilthigh.
Gàidhlig aig ODÈ air Instagram