Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Cùrsaichean Gàidhlig

Tha diofar chùrsaichean Gàidhlig rin lorg aig an Oilthigh airson muinntir na coimhearsnachd cho math ri oileanaich agus luchd-obrach an Oilthigh.

Tha cùrsaichean feasgair airson muinntir na coimhearsnachd agus cùrsaichean saor 's an asgaidh do luchd-obrach is oileanaich gan tabhann leis an Ionad airson Ionnsachaidh Fosgailte. Tha clasaichean Gàidhlig gan tabhann le Roinn Ceiltis & Eòlas na h-Alba airson oileanaich, mar phàirt de cheum.