Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Duais Ghàidhlig Dhùn Èideann

Tha Duais Dhùn Èideann a’ toirt cothrom do dh’oileanaich an sgilean a leasachadh fhad ’s a tha iad ag obair gus Gàidhlig a bhrosnachadh aig an Oilthigh agus anns a’ bhaile. Cuiridh e taic ri oileanaich gus barrachd luach fhaighinn às na gnìomhan seo agus aire fhaighinn airson an cuid obrach.

Edinburgh Award (Gaelic Outreach) Students 2016

Mun Duais

Tha Duais Dhùn Èideann a’ toirt aire do dh’oileanaich airson pàirt a ghabhail ann an gnìomhan saor-thoileach sa choimhearsnachd, cho math ris an cuid obrach san oilthigh. Tha na gnìomhan ceangailte ris an duais - seiseanan agus obair air-loidhne - ag obair leis na gnìomhan seo gus barrachd luach a thoirt dha na gnìomhan luachmhor seo. Tha e a’ toirt aire do dh’oileanaich airson na h-obrach a tha iad a’ dèanamh.

Gheibh duine sam bith a chuireas crìoch shoirbheachail air an duais teisteanas bhon Oilthigh agus fianais air an Higher Education Achievement Report (HEARs - clàr farsaing den obair a rinn sibh san Oilthigh).

Bidh EUSA agus an t-Oilthigh a’ ruith caochladh sgeamannan ‘Duais Dhùn Èideann’ ann an caochladh roinntean.

’S urrainn do dh’oileanach sam bith aig Oilthigh Dhùn Èideann pàirt a ghabhail san duais.

Gnìomhan Deatamach

Mar phàirt den duais, thathar iarraidh air oileanaich na leanas a dhèanamh:

  • A bhith an làthair aig a’ chiad, an dàrna, agus an treas seisean. Mairidh gach seisean mu dhà uair a thìde gu leth, le greiseig foise.
  • Crìoch a chur air 50 uair obrach anns na gnìomhan agad (tìde sna seiseanan agus air a chosg air obair air-loidhne a’ cunntadh) eadar a' chiad seisean san t-Samhain agus an treas seisean sa Mhàirt.
  • Crìoch a chur air obair mu sgilean agus buaidh, cho math ri clàr gnìomhan a chumail.
  • Cuideigin fhaighinn a dhearbhas na rinn thu.

Gnìomhan Eile

Taghaidh gach oileanach an gnìomhan fhèin, fhad ’s a tha e a' togail inbhe na Gàidhlig air neo a' cruthachadh cothrom gus Gàidhlig a chleachdadh aig an Oilthigh no sa bhaile (le cead). Seo na gnìomhan a mholas sinn:

  • Ag obair le Comann na Gàidhlig airson obair a dhèanamh le sgoilearan taobh a-muigh na sgoile (m.e. club a ruith às dèidh àm sgoile)
  • Tachartasan a chur air dòigh leis a' Chomann Cheilteach no an Comann Ceilteach a ruith (m.e. oifigearan a' Chomainn, a' cuideachadh leis an Dannsa Bliadhnail a chur air dòigh)
  • Tachartasan iomchaidh a chur air dòigh airson oileanaich no muinntir na coimhearsnachd & a' cuideachadh le tachartasan air an cur air dòigh leis an Oilthigh (m.e. a' cur tachartas sònraichte air dòigh, a' cur cothrom còmhraidh cunbhalach air dòigh, a' cuideachadh le tachartas air prògram an Oilthigh)

Ma tha beachd eile agad, bruidhinn ri Oifigear Gàidhlig an Oilthigh mu dheidhinn. 'S urrainn dhut rudeigin eile a dhèanamh a choileanas amasan na duaise.

Taic-airgid

Tha Sgeama Taic-airgid na Gàidhlig a’ gabhail iarrtasan bho oileanaich fa leth agus comainn nan oileanach gus taic a chumail ri gnìomhan a bhrosnaicheas Gàidhlig aig an Oilthigh. Tha e iomchaidh do dh’oileanaich a tha a’ gabhail pàirt ann an Duais Dhùn Èideann iarrtasan a chur a-steach. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig a’ cheangal a leanas. 

Gabh pàirt

Nam bu toil leat pàirt a ghabhail ann an Duais Ghàidhlig Dhùn Èideann, no ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh, leig fios gu Oifigear Gàidhlig an Oilthigh, Bria Mason. Bu chòir dhut a thighinn dhan chiad seisean le beachd air de seòrsa ghnìomhan anns a bheil ùidh agad.

Bria Mason

Oifigear na Gàidhlig

  • Oilthigh Dhùn Èideann

Contact details

Address

Street

27 Cearnag Sheòrais

City
Edinburgh
Post Code
EH8 9LD