Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

Seachdain na Gàidhlig | Dùn Èideann

Bidh Seachdain na Gàidhlig | Dùn Èideann a' dèanamh fèill air coimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann, sna làithean a dh'fhalbh agus san latha an-diugh.

Father and daughter at the Edinburgh Gaelic Festival Gaelic Fair

 

Chaidh Seachdain na Gàidhlig (SnaG) a chur air dòigh aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2014. Bidh an fhèis seo a' dèanamh fèill air coimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann, sna làithean a dh'fhalbh agus san latha an-diugh. Bidh Oifigear Gàidhlig an Oilthigh agus comataidh luchd saor-thoileach ga ruith, le tachartasan air an cur air dòigh le diofar bhuidhnean agus daoine bho air feadh a' bhaile. Chithear fios a bharrachd air an làrach-lìn agus na meadhanan sòisealta againn. 

SnaG | Dùn Èideann làrach-lìn 

SnaG | Dùn Èideann Instagram

Tha sinn an còmhnaidh a' sireadh daoine ùra airson na comataidh. Chan eil cùs tìde an sàs ann airson a' mhòr-chuid den bhliadhna, agus 's e buidheann gu math cruthachail is dìoghrasach a th' annainn. Leigibh fios nam biodh ùidh agaibh ann, no ann an tachartas a chur air dòigh san t-seachdain. 

Cuir fios | SnaG | Dùn Èideann 

 

 

 

Read this page in English.